Leis an Urr. R. SIBBES, D.D.
(Air a leantainn Vol. LIV t.d. 237.)
Feum. Tha sinn a nis a tighinn gu feum a dheanamh dheth so. Tha’n Spiorad a toirt dearbh-shoilleireachd mu pheacadh, ach cia mar? Tre’n fhrithealadh gu coitcheann ged nach ann mar sin a ghnath. Uime sin feumaidh sinn saothrachadh gu toileach gu stroichdadh do’n fhrithealadh a tha toirt dearbh-shoilleireachd mu pheacadh. Dearbhaidh a choguis an toiseach na ma dheireadh, uime sin nach eil e ni’s fearr dearbh-shoilleireachd shlàinteil a bhi againn a nis, na dearbh-shoilleireachd gun dòchas a bhi againn ann an ifrinn? O! luchd mo ghràidh, mar a cur sinn suim anns na comhairlean a tha sinn a nis a cluinninn cuiridh sinn suim annta as deigh so. Uime sin, saothraichibh gu deadh fheum a dheanamh do chlaidheamh so Spiorad Dhè; agus is e argumaid air taobh cridhe neach a bhi ceart, e bhi miannachadh. O! gu’m bitheadh an fhrithealadh mheadhonan so a coinneachadh ri mo thruaillidheachd chùm agus gu’m foillsicheadh e dhomh na lùnachd e. Tha cridhe fior a smuainteachadh air a pheacadh mar an nàmhaid is mothà, agus thar gach truaigh eil tha e miannachadh a bhi air a shaoradh bho’n truaillidheachd aig. Oir tha so a truaillleadh neamh agus talamh, agus a cur dealachadh eadar Dia agus an creutair. ‘S e so an ni a thig ainglean a mach a neamh, agus Adhamh a mach a Eden. Ciod e tha deanamh beannachdan searbh agus a cur gath anns gach àmhghair ach am peacadh? Mur bhitheadh am peacadh thogadh-mid crann-ceussaidh air bith agus ghiulain-mid àmhghair le’n cor sàmhchair ‘s tha sinn a deanamh.
Uime sin, mar is miann leinn a bhi air ar saoradh, agus seasamh le comhfhurtachd an lathair Dhè aig latha a bhrèitheanais, miannaich-mid agus oidhirpich-mid a bhi gu cùnnteach a faotainn dearbh-shoilleireachd mu pheacadh. Bithibh air ur faicill bho bhi cur an aghaidh Spioraid Dhè anns na meadhonan. C’ar son a tha mòran air an deanamh na’n tràillean aig an ana-miannaibh fein ach do bhrigh gu bheil fuath aca do fhrithealadh an fhocail? Tha iad ag amharc air mar a bha Ahab ag amharc air Eliah, “An d’fhuair thu mi, O mo nàmhaid,” (I Righ xxi, 20). Tha iad gu nàdurrà a gràdhachadh a pheacaidh. Is creutair aimideach an duine gu nàdurrà agus eirigh a chridhe an aghaidh a bhi faotainn dearbh-shoilleireachd mu pheacadh. Faic na Phairisich, na daoiné glic agus ionnsaicht’ ud, air do’m peacaidhean a bhi air an comharrachadh a mach, dh’fhuathaich iad Crìosd a dh’ionnsuidh a bhàis. C’ar son? Do bhrigh gu’n tug e mach as an uaghean iad agus dh’foillsich e na cnàmhan dhaoiné marbh a bha stigh. Matt. xxiii, 27. Mar sin tha mòran an diugh, a tha ann an tomhas air an soillseachadh, tha iad a fuathachadh gach neach a tha le’m beatha, na le cainnt, a foillseachadh am peacaidhean dhoibh, na’m bu chomasach e, agus na’m bitheadh e na’n eumhachd, a dh’ionnsuidh a bhàis. Mar so tha’n Spiorad Naomh a toirt dearbh-shoilleireachd mu pheacadh. Ma’s fhàg mi phuing so cuiream so ris bho aobhar, na bunait, an dearbh-shoilleireachd so, “Do bhrigh nach eil iad a creidsinn annam-so.” Tha’n t-eas-creidimh a deanamh a h-uile pheacadh eile na’n diteadh. Cha’n eil ni air bith eil ga’r fàgail fodh’n diteadh na’m b’urrainn sinn creidsinn agus aithreachas a dheanamh. Uime sin tha sinn a faotainn dearbh-shoilleireachd mu pheacadh do bhrigh nach eil sinn a creidsinn. ‘S e gun a bhi creidsinn ann an Criost agus gun a bhi deanamh aithreachas, a tha deanamh a h-uile pheacadh eile marbhtach. An fhad so mu dhearbh-shoilleireachd mu pheacadh.
(Ri leantainn.)