Leis an Urr. R. SIBBES, D.D.
(Air a leantainn bho t.d. 17.)
Thigeadh-mid a nis gu bhi labhairt air dearbh-shoilleireachd mu fhireantachd.
“Mu fhireantachd, do bhrigh gu bheil mi ‘dol a dh’ionnsuidh m’Athar, agus nach faic sibh ni’s mo mi.” ‘S e am freagarach do’n Spiorad Naomh dearbh-shoilleireachd a thoirt do shluagh Dhè ‘n uair a tha e air thoiseach air sin a toirt dearbh-shoilleireachd mu pheacadh. Ann an sin tha càil aca do Chriosd. Is iocslaint da rreadh iocslaint ‘n uair a mhothaichear do’n leon, is uime sin, tha maitheanas tlaichdmhor ‘n uair a tha neach air a dhiteadh. ‘S e aobhar an dearbh-shoilleireachd so mu fhireantachd, “Do bhrigh gu bheil mi ‘dol a dh’ionnsuidh m’Athar, agus nach faic sibh ni’s mo mi.” Tha’n Spiorad Naomh, mar a tha e cur peacadh air a choguis, mar sin ga thoirt dhith le bhi co-chur ris a choguis fireantachd Chriosd. ‘S e so a dhreuchd, an toiseach, a bhi toirt dearbh-shoilleireachd do’n t-saoghal mu pheacadh, agus an sin a toirt dearbh-shoilleireachd mu fhireantachd, tre’m bheil sinn a seasamh fireanta am fianuis Dhè. Agus cha’n e’n fhireantachd so ar cuid fein ach fireantachd Chriosd an t-Eadar-mheadhonair, Dia agus duine. Tha’n Spiorad Naomh a toirt dearbh-shoilleireachd mu fhireantachd anns an òrdugh cheithir-fhillte so.
1. Gu’m feum fireantachd a bhi ann, agus fireantachd iomlan.
Feumaidh fireantachd a bhi ann; oir tha ar gnothuech ri Dia, an Ti is E fireantachd; agus cha tig ni neo-ghlan air bith a steach do neamh. Mur eil fireantachd againn cia mar a dh’amhaircèas sinn air Dia ‘s an aodann, na theid sinn as bho ifrinn?
2. Cha’n eil an fhireantachd so ann an creutair air bith, duine no aingil.
Cha’n eil fireantachd againn bh’uainn fein; oir tha mòran nithean ri bhi air an riarachadh, Dia fein, an lagh, ar coguisibh fein, agus an saoghal. Faodaidh fireantachd a bhi againn a riaricheas a’f saoghal a chionn gu bheil sinn a tighinn beo gu moralta, ach O cha riarach sin a choguis. Agus an sin feumaidh riarachadh a bhi do’n lagh, nì a tha na nì mòr a tha diteadh ar smuaintean agus ar miannan, ach is e Dia is iomlaine na na h-uile. Abair gu’m bitheadh fireantachd againn a tha tighinn bho dheadh ghiulain am measg dhaoine; cha riarach e Dia agus an lagh, agus cha riarach e ‘choguis. Cha’n eil ann an dacoine ach ar co-phriosanaich. Cha bhi a choguis riarachd’ le nì air bith ach leis an nì riaricheas Dia, agus ‘n uair a chi a choguis gu bheil fireantachd ann a tha air a faotainn a mach le gliocas Dhè, riarachidh sin i, oir mar a faic, bithidh a choguis a ghnath ann an teagamhan agus ann an eagalan.
3. Tha’n fhireantachd so ri faotainn ann an Criosd.
Ciod i fireantachd Chriosd? ‘S i fireantachd Chriosd an fhireantachd sin a tha air a stéidheachadh air umhlachd-san ann a bhi coimhlionadh an lagh agus a pagheadh ar fianchan-ne ann an doigh a tha riarachadh ceartas Dhé. Tha éifeachd an dà nì so air a stéidheachadh air neo-thruaillidheachd a nàduir. Bha irdhearcais uile fhulangas agus dheanadas bho’n aonadh phearsonta bha eadar Dia agus an daonnachd, tre’m faod sinn a radh gun toibheum gu’n dó choimhlion Dia an lagh, gu’n do bhàsaich Dia air ar son.
4. ‘S e’n fhireantachd so ar fireantachd-ne.
Tha’n Spiorad a toirt dearbh-shoilleireachd gu’m buin so do na creidmhich uile, agus tha i nì’s fearr na’n fhireantachd a bha aig Adhamh. ‘S e bh’aig-san ach fireantachd duine, ‘s e tha so ach fireantachd Eadar-mheadhonair, agus ‘s ann le leithid sin de fhireantachd, ‘n uair a tha sinn air ar cómhdaich leatha, a ghabhair rinn le ceartas Dhé. Faodaidh sinn dol a stigh le danachd gu cathair nan gràs, agus a ràdh, “Thighearn, that mi tighinn ann am fireantachd Chriosd a chuir casg air do chorruich agus a riarach do cheartas.” ‘S e so an nì mu’m bheil an Spiorad Naomh a toirt dearbh-shoilleireachd.
(Ri leantainn.)