Leis an Urr. AINDREA GRAY.
THA sinn a meas nach eil neach cho mi-thoillichte riu-san aig am bheil an t-aobhar is motha a bhi toillichte; tha am miannaibh air an ceangail cho mòr ris na nithean tha bhos ‘s nach eil an guth sin uair air bith air a chluinntean na’m measg, “Is leoir e, agus tha mi sàsuicht.” Tha mi a meas gu bheil sin gu h-iomlan a co-fhreagradh ris a bheachd fhaoin am measg Chriosduidhean agus feadhan eil, na’m bitheadh aca a leithid so de chuibhriomn dhe’n t-saoghal nach bitheadh iad mi-thoillicht’ ni’s motha, ach gu’n imicheadh iad gu sàmhaich air an t-slighe, oir gur e bonn am mi-thoileachas (mar a tha iad ag ràdh) cion cuibhriomn iomchuidh anns an t-saoghal. Cha’n abair mi ribh ach an ni th’air aithris mu Alasdair Mòr (Tompaire na Gréig) an deigh dha’n saoghal uile a chosnad, bha e cho fad bho bhi toillicht’ agus gun do shuidh e sios a gul a chionn nach robh saoghal eil ann ri chosnad. Agus creidibh mi, tha so na ni nach gabh àicheadh, mar a h-urrainn dhuit a bhi toillicht’ anns an t-suidheadadh a tha làthair tha e eu-comasach dhuit a bhi toillicht’ ‘n uair a tha do shuidheadadh ni’s fearr; Cha’n eil ann ach mealladh Shàtain fodh bheil olcas do mhi-thoileachas air fholach. Ach air an son-san aig am bheil am pailteas de nithean an t-saoghal so, sparradhmaid an earail so orra, “Na saothraich gu fàs saoibhir,” Gnàth. xxiii, 4, ni nach eil sibh toileach gabhail ris, ged a tha e cinnteach, mar a tha e’g innseadh dhuinn an sid, gur e th’ann an saoibhreas ach ni nach eil ann. Nis tha so ro-shoilleir, gu bheil feum air a bhi sparradh orra-san aig am bheil pailteas de’n t-saoghal iad a bhi toillicht’, far am bheil Pòl ag ràdh, “Is aithne dhomh mar an ceudna pailteas a mhealtuinn.” Dh’fhaodadh euid a smuainteachadh nach bu leasan mòr sin, ach creidibh mi, tha e mòr, mur eil ni’s motha na’n aon ud leis am bheil sinn a sparradh a bhi toilichte orra-san a tha bochd anns gach crannchur agus staid anns am faod iad tuiteam an so a bhos. Bitheadh aithne agaibh air a so, tha’n latha a tighinn anns an aidich sibh Gliocas neo-chriochnach ann a bhi ga’r stiuiradh gu ruig neamh anns an rathad so. O! thugaibh do Chriosd lán chothrom ann a bhi frithealadh a mach bhur crannchur agus bithibh riaraicht’ le bhi air bhur riaghladh Leis-san, an Ti is E an Comhairlich iongantach sin, ged a threoicheas e sibh ann an slighe nach aithne dhuibh, gidheadh gabhaibh comhairle Chriosd le creidimh gun amhrus, oir cha’n aithne dha ciod e bhi mealladh na dh’fheitheas air.
Bithibh ag iarraidh a bhi toilichte, oir is e neamh e air a thoirt a nuas gu talaich: oir ciod e aoibhneas agus beannaichd na muinntir a tha shuas? Tha e co-sheasamh anns an aon fhocal so “Toileachas.” Tha nis gach cùram, gach gràin, agus gach miann ach aon air an toirt bh’utha. O! ciod i bheatha dh’fheumas i bhith, a bhi’g òl as na h-ainmnichean sòlais! Am b’aithne dhuit, na’n do leugh thu riamh, mu leithid sin de dh’amhainn, aig am bheil a h-uiseachan nan tlaichd agus nan sòlas fiorghlan? Amhainn aig an suidh sinn sos agus am bi sinn air air deanamh thar tomhas aoibhneach leis na comhfhurtachdan sin a tha sruthadh bho ghnuis-san, agus a sheal-bhaicheas sinn siorruidheadh neo-chriochnach de dh’aoibhneas agus de sholus a sruthadh a steach, agus de dh’ioghnadh agus de mholadh a sruthadh a mach. Creidibh mi, tha dioghluim a Chriosduidh ni’s fearr na fion-fhoghar an neach a chuirear air chul. “Is fearr beagan aig an duine ionraic na saoibhreas mhòrain dhroch dhaoine”: oir is e teachdaire dòchais a th’ann de’n t-saoibhreas mhaireannach sin a bheirr Criosd seachad. Agus do bhrigh gur e toileachas cleachdadh na muinntir a tha shuas, bitheadh e na cleachdadh na muinntir a tha bhos, chum agus gu’m bi aonachd agus co-reite mhilis eadar cleachdadh an tighe àird sin agus cleachdadh an tighe ional so, chum agus gu’m bi ar n-anamaibh air an aonadh Ris-san a tha cùbraidh le uile mhìn-dhus ceannaichean spiosraidh, agus aig am bheil fàileadh mirr agus àlos dhe thrusgan. Creidibh so, tha gu h-aithghearr uine a teachd gu crich agus tha siorruidheadh a tighinn. Bitheadh an Criosduidh a toirt comhfhurtachd dha fein le so, tha siorruidheadh aig laimh, ‘n uair a chluinneas iad an guth sin, agus an fhirinn air a seulachadh le mionnan an aingil, cha bhi aimsir ann ni’s mò. Thigeadh an latha luachmhor sin agus siubhladh gach latha eile seachad. Eadar-theangaichte le Iain Mac a’ Chomhaich.