Leis an Urr. AINDREA GRAY.
O! BEACHDAICHIBH air na cothromun neo-chriochnach, bith-bhuan, agus neo-chaochlaidheach, a tha aca-san a tha toirt an cridleachan do Chriosd. Tha sinn a meas na’n searmanaicheadh uile ainglean neamh le cheile air beannachdan do-labhairt nan naomh ann an gloir gu’n eriochnaicheadh gach aon aca am briathran le so, “Is e aoibhneas do-labhairt a tha air a bhuleachadh orra-san a tha air an gabhail a stigh do’n bheatha bheannaicht’ so.” Tha coig nithean a tha neo-chaochlaidheach do’n Chriosduidh agus coig nithean a tha neo-chaochlaidheach do’n aingidh. Tha so neo-chaochlaidheach do na naoimh; (1) Bithidh an co-chomunn ri Dia neo-chaochlaidheach, air an deigh dhoibh a dhol do neamh bithidh iad daonnan fodh mhothachadh beannaicht’ air lâthaireachd Chriosd. (2) Bithidh grâdh neo-chaochlaidheach aca. Tha grâdh a Chriosduidh, am feadh a tha e’n so, coltach ris a ghealaich, buailteach do thrioblaidean agus do dh’ atharraichdhean, ach an deigh sin, ‘n uair a bhiteas iad ann an neamh, bithidh an grâdh neo-chaochlaidheach. (3) Ann an sin bithidh an naomhachd neo-chaochlaidheach. Aon uair agus gun cuir iad orra trusgan fireantachd Chriosd seinnidh iad an sin an t-ôran sin, “O bhais! e’ait am bheil do ghath? agus O uaigh! e’ait am bheil do bhuaidh?” (4) Bithidh a mholadh air Dia neo-chaochlaidheach. O! ciod e’n sealladh taitneach a bhiteas ann a bhi faicinn anamaibh nam firean air an deanamh foirfe le clârsaichean nan lâman a seinn nan ôran thaitneach sin gu ro-mhilis, Aleluia Dha-san a tha na shuidh air an righ-chathair, agus do’n Uan a tha beo gu brâth? Bithidh an teanga mar pheann fir-sgriobhaidh dheis. Cha’n eil an gearrain aig Maois air aithris air neamh, Is duine mi a tha mall an cainnt; ní mothá bhiteas Ieremiah a nis a gearain, “Feuch cha’n aithne dhomh labhairt, oir is leanabh mi.” (5) Bithidh am miannaibh as deigh Dhe an sin neo-chaochlaidheach. Tha’n Críosduidh am feadh a tha e’n so aig amaibh a miannachadh an deigh Dhe agus an uine ghearr a miannachadh an deigh a chuid iodhalan, ach ‘n uair a gheibh e suas do neamh bithidh a mhiannaibh as deigh Dhe neo-chaochlaidheach.
Agus air an laimh eil, tha coig nithean neo-chaochlaidheach ann an crannchur an aingidh, agus ann an crannchur gach neach nach toir a chridhe do Chriosd. (1) Bithidh an dealachadh ri Dia neo-chaochlaidheach. Aon uair ‘s gu’n teid iad sios do’n t-slochd, cha bhi dòchas tighinn a nios a ris. O! nach smuainticheadh sibh air so, ciod a ghne beatha bhiteas ann a bhi fodh sgaradh siorruidh bho lâthaireachd Chriosd? O! na’m b’aithne dhuibh Críosd agus nan creideadh sibh ciod e’n cuspair a tha E ann, dhùnadh sibh ris. (2) Bithidh bròn neo-chaochlaidheach aig an aingidh. O! buinidh dha bhi duilich ‘n uair a bhiteas dioghaltas Dhe a fàsgadh an smior a mach as a chnàmhan, agus ‘n uair a bhiteas e gu siorruidh air a dhùnadh a stigh do na lasraichean uamhasach so, agus a mach asda gun saorsa a bhi ann. (3) Aig an aingidh bithidh fuath neo-chaochlaidheach an aghaidh Dhe agus Dia ann am fuath neo-chaochlaidheach na aghaidh, agus cha’n eil truaigh is motha ann do neach air bith na Criosd a bhi ann am fuath neo-chaochlaidheach na aghaidh. (4) Sibhse a tha na’r coigrich air Dia, peacaichidh sibh gu neo-chaochlaidheach. Cha sguir sibh gu bràth de pheacachadh, agus cha sguir sibh gu bràth de bhi air bhur pianadh. Air an dà ni so bithidh siorruidheachd air a caitheamh. (5) Bithidh bhur cùram anns an taobh a stigh agus bhur pian coguis neo-chaochlaidheach. Cha bhàsaich a chnuimh sin gu bràth, ach bithidh i gu siorruidh a eagnadh bhur coguis.—Eadar-theangachte le Iain Mac a’ Chombaich.