Leis an Urr. UILLEAM GURNALL.
‘S i cheisd, Ciod an comhnadh a bheir Spiorad Dhe do’n Chriosduidh, thairis air neach eil, ann an urnuigh? Tha’n comhnadh a bheir Spiorad Dhe do’n Chriosduidh thairis air neach eil ann an urnuigh, a luidh domhain; tha e air a charadh air an duine an leth a stigh, agus air an taobh a stigh de’n dleasdanas. Uime sin faodaidh neach aithne a bhi aig am bheil, na nach eil, e fein ag urnuigh ‘s an Spiorad, ach cha’n urrain e breith cho furasd a thoirt sa chuis so air neach eil. A nis tha’n comhnadh sonraicht so air a dheanamh suas de thri nithean.
(1) Tha’n Spiorad a deanamh gnionmh beothachaidh air an anam, a chum a bhi gluasad nan aignidhean. Cha robh riamh urnuigh fhormeil air a deanamh leis an Spiorad Naomh; ‘n uair a thig E ‘s e am beatha a bhitheas ann; leumaidh aignidhean a Chriosduidh na bhroileach aig a ghuth-san mar a leum an naoidhean air siubhal Elisabet aig fáilteachadh Mhuire, na mar a ghluaiseas na teudan fodh lainn an fhir-chiuil agus a labhras iad gu h-ordail, mar sin tha aignidhean an neach aig am bheil gràs ‘n uair a bheanas an Spiorad riubh gu diomhair. Tha E gluasad eagal a Chriosduidh, ga lionadh le mothachadh air mòrachd Dhe, a neo-nidheadh agus a dhiblidheadh fein, air a leithid a dhoigh agus gu’n toir e air urram a thoirt do’n Mhòrachd Dhiahaidh ris am bheil e labhairt, agus gach iarratus a chur suas le erith naomh air a spiorad. B’e so an t-eagal a bh’air spiorad Abraham ‘n uair, ann a bhi tagradh air son Shodoim, a chuir e’n ceil an ni mòr a ghabe e air fein ann a bhi labhairt ris an Tighearn, agus gun ann fein ach duslach agus luathre. The E gluasad aignidhean a Chriosduidh gu bròn; le anail dhiadhaidh tha E togail neoil na’m peacaidhean a chaidh seachad aig an anam ghràsmhor, agus ‘n uair a chòmhdaicheas e’n t-anam ann am beachd-smuainteachadh le cuimhneachadh dullich orra, an sin ann an urnuigh leaghaidh e an neul, agus leaghaidh e’n eridhe le frasaibh tlàth de bhròn soisgeulach, air a leithid de dhoigh agus gu’m bi an Chriosduidh ag osnaich agus a gearain, a gul agus a bròn, mar leanabh air a smachdachadh, ged a the e faicinn na slait air a leigeadh a lamhan Athar Neamhaidh, agus nach eil eagal feirg bh’uaith air an son. Tha’n t-abstol ag innse dhuinn gu bheil na gearainibh agus na h-osnaidhibh a tha’n Spiorad a comhnadh a Chriosduidh thugie na nithibh a tha “do-labhairt” (Rom. viii, 26), ‘s e sin leis a Chriosduidh fein, air bhi dha eu-comasach a bhròn anns an taobh a stigh eadar-theangachadh gu briathran tha e air a cho-eigneachadh a chur do no flaithanas leis a ghuth thosdach so, gidheadh is e guth e a tha gu maith air a thuigsinn an sin, agus a tha gle cheolmhor an cluais Dhe. A dh’aon fhocal, tha E gluasad suas aignidhean a tha freagarach air son gach pàirt de dh’urnuigh, a deanamh an anam ghràsmhor comasach air’ peacadh aideachadh le eridhe goirt; a bhi tagradh air son tròcair agus gràs le mothachadh anns an taobh a stigh air fheuman; agus Dia a mholadh le eridhe air a chur am farsuingeachd agus air a ghiulain suas air sgiathaibh gràidh agus noibhneis. Faodaidh cealgaire innleachdan a sgaoladh a mach ann a bhi cur bhriathran an eagar a cheile, gidheadh cha’n eil ach urnuigh mheallt a dh’easbhuidh an ni sin a bheireadh beath agus neart dhi, oir ‘s e Spiorad Dhe a mhàin a bheir sin dhi.
(Ri leantainn.)