Leis an Urr. IAIN LOVE, D.D.
Is iongantach obair Spiorad an Tighearn ann an tàladh anamaibh dhaoinè dh’ionnsuidh ceumai bh a ghliocais, agus ga’n tarruing a dh’ionnsuidh an t-Slannuighear ghliòrìmh. Tha òirdheirceas Chriosd spioradail, do-labhairt maiseach, agus diomhair: tha anamaibh dhaoinè feolmhor, duaichidh, agus lân ceannaire an aghaidh ùghdaras agus cumhachd fior dhiadhachd. Uime sin, ‘s e th’ann am peacach a tha gabhail tlaichd ann an glòir an Fhir-shaoraidh agus a tha gabhail fois ann leis a muinghinn is àirde, ach cuspair a tha nochdadh obair Cumhachd neo-chriochnach; ach tha’n cumhachd sin ga fholach fein agus a gluasad le diomhaireachd dorransaicht’ air aghaidh an dorchadais, ga fholach fein fodh iomadh meadhon, samhladh agus dealbh, ann an glíocas air an deanamh freagarach do shuidheachadh iosal inntinnean na muintir a tha nan cuspairean gráis, eadhon soithicheibh neo-airidh trócair.
Fada ma’s d’thainig am Mesiah gu h-achdadh, labhair Dia uime “gu minic, agus air iomadh dòigh,” agus maille ri iomadh taisbeanadh agus focal, dh’fhoillsich se e do chlann nan daoine le nithibh sólumaid, le dreuchdan samhlachail, pearsachan agus deanadasan. A chùm na crìche so, gu bhi cumail a mach clu agus glòir an Fhir-shaoraidh a bh’air a ghealltuinn bu toil le Dia righ-chathair agus tigh Dhaibhidh a thogail; agus ann an Solamh, gu neo-theagmhach, am fear-rìaghlaidh a bu ghlice, a bu shìtheil, agus a bu shaobhair am measg righrean Israel, bha àmhghairean, buaidhean agus ùrnuighean mhic Iese air an toirt a chum an lánachd, agus maise Prionnsa na Beatha air a chumail a mach gu samhlachail.
Tha eachdraidh Sholamh air a toirt seachad anns na Sgriobturaibh naomha, ri beachdachadh oirre fodh’n t-sealladh so; agus mar sin tha i’g eirigh gu mòrachdus eudthrom a tha airidh air leabhar a tha air a dheachdadh. Ach anns an Dàn, bho bheil an ceann-teagaisg air a toirt, tha iteal ni’s airdé air a ghabhail, agus le glíocas, freagarachd, forghloine, agus gràs neo-chriochnach, tha’n Spiorad Naomh, ann a bhi deachdadh, a ceangal na dealbhan air gràdh-pòsaidh, air cùram buachaille, air iomlanachd agus mòralachd rioghail, nithean a tha air am meas mar na nithean is freagarachdus a dhòl a stigh do na h-aigndhean is doimhne ann an anamaibh dhaoinne. ‘S e so cuid de’n beart iongantach—innleachd glíocais neo-chriochnach—a tha Spiorad beannachta’ Iebhobhah a cur an cleachdadh, gu bhi tarruig a chridhe gu Iosa, am Mesiah, agus gu bhi naomhachadh, agus a lasadh nan aigndhean is mìlse, gu bhi air an dòrtadh a mach air a chuspair do-labhairt maiseach so, mar a bha’n oladh chubhraidh roimh air a dòrtadh air a chorpa naomh. Tha diteadh na muintir a tha aineolach, fanoid luchd na seasgaireachd, agus toibheum luchd an uile, air cur nan aghaidh le faireachadh anamaibh iorasal a tha air an glanadh, agus aig am bheil mothachadh air cùmhaichd nan dealbhan naomhaicht’ so. Bithidh fireanachadh ni’s sólumaid fathasd air a chuis ‘n uair a thig an Tighearn le mhilibh de naoimh, “a dheanamh breitheanais air na h-uile, agus a chùm iadsan uile a tha mi-dhiadhaidh ‘n am measg fhàgail ris, a thaobh an uile ghniomharan mi-dhiadhaidh, agus a thaobh an uile bhrithran cruaidh a labhair peacach mi-dhiadhaidh ‘n a aghaidh.”
Gidheadh, feumaidh e bhi air aideachadh, gu’n robh mòran de na bha air a ràdh an aghaidh a chuid so de’n Sgriobtur air aobhrachadh leis na mìneachaidhean neo-ghrinn, neo-ealanta, neo-dhireach, agus gun seadh a bha air a toirt dhith gu minic le daoine a bha ciallachadh gu maith. Uime sin, mo bhraithrean, thigeadh-mid dlùth do’n chuspair naomh a tha fa’r comhair leis an iorasachd is doimhne, le mothachadh air aineolas, eagal, agus a taiceachadh air teagasg agus treorachadh an Tì a dheachd sgriobhadair an leabhair so; mar sin theid sinn as bho mhearachdan agus gheibh sim ionatraidh Diadhaidh agus tlachd, a dh’aindheoin Shàtain agus uile sheirbhiseach agus innleachdan.
Do Chriosduidh a tha air a dhùsgadh agus fodh fhiamh le seallaidhean air mòrachd ghliormhor Mac Dhe, mar a bha iad sin a thug air Isaiah glaothaich a mach, “Chaith as domh,” Isa. vi; agus a thug air an abstol Eoin tuiteam “aig a chosaibh an riochd mairbh,” Tais i; bithidh am foillseachadh a th’againn air Crìosd ‘s a cheann-teagaisg “mar uisgeachan fuar do’n anam thartmhòr,” na gu bhi cleachdadh caimt an leabhair so, mar ùbhlabh agus còrnabh do neach a tha fannachadh le tinneas gràidh. Ann an so tha uamhas Mòrachd Neo-chriochnach air a thaiseachadh, agus gach ni maiseach, agus a cuireadh a chreutair ‘n uair a tha’n Slànughhear a labhairt mar so, “Is ròs o Shàron mise, lili nan gleann.”
Oidhirpicidh sinn: I. A bhi rannsachadh, ni’s mionaidich, eall an t-samladh mhaoth agus mhaiseach so. II. Beachdaichidh sinn air mise shòrraichte, agus bharrachd, Iosa Crìosd, a tha mar so air a chur an ceill. III. Ni sinn co-chur.
(E’a leantuin.)