Leis an Urr. IAIN LOVE, D.D.
(Air a leantuinn bho t.d. .)
Ann an ceud fhosgladh leabhair Dhe tha sinn air ar treorachadh a stigh do sheomraichibh cùbhraidh a cheud phàrras; agus tha tlaichd agus glòir ceud staid an duine ag analachadh oirrn mar mhaduinn cùbhraidh le tuis tre uile mhaise eruthachadh nan lùibhean. Agus a nis ged tha bàs agus mallachd a luidh air an talamh, a seargadh a bhlàthan, agus a milleadh a ghloir, gidheadh anns na fuighil de chùbhruidheachd lùibhean agus de mhòrachd a dh’fhàg maiteas Dhe anns an t-saoghail pheacach, chi sinn samhlaidhean soilleir air na h-aobhneasan a bhùineas do’n anam, agus a tha leantuinn a cho-chomuinn ri Dia. Tha na Sgriobtur, uime sin, a cleachdadh a leithid de dhealbhan gu bhi foillseachadh sòlasan gràidh Dhe, agus ga’n giùlain air adhart a dh’ionnsuidh staid lànachd na h-iomlanachd ann an neamh, far am bheil e air àithne dhuinn amharc air son gàrradh iomlan Dhe—aimhnichean fior-ghlàn—a chraobh beatha—a bhlàthan neo-sheargt’, a phailm agus a chrùin—àdhar fiorghlan agus farsuinn—a sholus—a thoraidhean neo-bhàsmhor—a cheol—agus a luchd-àiteachaidh glòrmhor.
Tha àite saibhir ann an Tir Chanàin agus glinn tir choisrigte a gheallaidh, air an taghadh, le mòr shnas, mar a toirt a mach bhlàthan air am bheil urram air a chur gu bhi foillseachadh a mach oirdheiceasan a Mheasiah nach urrainn teanga dhaoine na ainglibh a chur an ceill gu h-iomlan. Ann a bhi’g amharc air co-cheangal a Mheisiah ris an tir sin, agus làthaireachd Dhe ann-san, thug daoine, air an deachdadh leis an Spiorad Naomh, mar ainm oirre, “glòir nan uile fhearann,” “An tir glòrmhor,” “An tir anns an còmhuich glòir.” (Esee. xx, 6; Dan. xi, 41; Salm lxxxv, 9.)
Ann an tir sin a gheallaidh, an deigh fuil naimhdean a bhi air a crathadh oirre, sheas Solamh suas, air a sgeadachadh le glòir gliocais agus subhailecas rioghail, a samhlachadh a mach Pearsa a Mheisiah, agus air a shamhlachdh a machleis na blàthaibh a bu mhaisch a bha deanamh maiseach na duthcha sin. Tha eadhon Saul, na dhreuchd mar rìgh, air a immeachadh “Maise Israel,” agus is motha gu mòr na sin a dh’fhaodas briathran a chinn-theagaig a bhi air an co-chur le firinn ri Solamh, ged a bhitheadh e mach as an rathad dha a ràdh mu thimchioll fein, “Is mise ròs Shàron, lili nan gleann,” mar a bitheadh stùl aig ris a chliù rioghail a bhùineas do’n Tì is Airde, agus glòir do-labhairt an Tì air an robh e na shamhladh, Mac agus gliocas Dhe air fhoillseachadh ‘s an fheoil.
Mar tha na liosan is toraiche ann an tir a gheallaidh a toirt air adhart nan ròsan so aig am bheil am maise chùbhraidh nan sgàile glòir Chriosd, mar sin faodar a mheas gu bheil deanamh suas Phearsa, le e thighinn gu bhi na dhuine, na thoradh is uaisle air cùmhnant agus gealladh Dhe. Agus mar ann an glinn mhlis na tir naomhaicht’ agus bheannaicht’ sin a tha na lilidhibh glòrmhor agus maiseach so ag eirigh suas, a tha nan samhladh dorch air an t-Slànuighear, mar sin bha e, gur ann an glinn iosal ach shaobhir an t-saoghail thruaigh so, agus ann an staid na h-ioraslachd, a dh’fhàs suas an nàdur daonnachd sin a ghabh Esan da ionnsuidh fein is e Dia, an Tì is e am Meangan Cluìteach, Craobh na Beatha agus na Slàinte, maiseach agus taitneach do’n t-sùil, cùbhraidh do’n fhàile, agus ni’s milse do’n bhlàs. Is e so, mo bhràithrean gràdhaicht’ ‘s an Tighearn, sùim samhlaidhean a chinne-theagaig; mar a tha na ròsan is maische agus na lilidhean is tlaichdmhor do’n t-sùil, a lionadh an adhair le cùbhruidheachd agus a beothachadh gach creutair, mar sin tha oirdheiceas bharrachd, maise, agus milseachd Losa Criosd do’n anam na phàrras de aoibhneas neamhaidh, na thobar nach gabh a bhi air a thraoghadh, de ùrachadh agus de shòlas spioradail.
(R’a leantuin.)