Tha aon nì fhathas ð ri bhi air beachdachadh air chùm agus gu mothach sinn làn neart an t-samladh a tha anns a cheann-theagaisg, agus gu’n tuig sinn ciall an Spioraid ann. Tha na nìthean a chàidh aimmeachadh a cheana, co-cheangailt’ ri gràdh pòsaidh na nàdur fiorghlan. Bheir an gràdh so leis, air dhà bhi air a chumail an taobh a stigh de chrioichaibh sònraicht’ le focal agus Spiorad Dhe, milseachd do-labhairt, agus còmhdaichidh e le dealradh seachd uairean nis mothà, na nìthean a tha tarruig gu chèile pearsachan agus cusparean. Tha e coltach gu robh faireachadh aig Solamh air cùmhachd mòr an aignidh so, gu h-àraidh an toiseach a laithean, ged a thainig e ris gu bhi na eisimpleir uambasach air an laigse agus an truaillichdeach sgriosail a tha ann an cridhe an duine. Bha e air a threorachadh, ann an sgrìobhadh an leabhair so, gu bhi taghadh na faireachaidhean a b’fhiorghlaine a bha na chrìdhe ann an cleachdadh laghail gràdh pòsaidh, mar ghrùnd litireil a chosamlachd naomh so, a tha’g eirigh gu bhi comharrachadh a mach na glùasad an is maisiche a th’anns na h-aignidhean co-cheangailt’ ris a phòsadh dhiomhair eadar Iosa Crìosda agus a chèile spioradaid. Tha’n samladh so mu phòsadh, a tha air fhaotainn, cha’n ann a mhàin an so, ach tre na Sgriobtur an naomh air fad (agus co leis an dàna coire fhaotainn dhà ach neach a tha’g abachadh air son lasruichean agus pronnosg an loch theintich?) ri bhi air a chumail an sealladh anns na briathran fa’r comhair. Tha oirdheirceasan do-labhairt Iosa air fhaicinn leis an fhior eaglais do anamaibh naomha, cha’n ann le sealladh fuar an fheallsanaich, ach le sùilean a ghràidh-phòsadh sin nach aithnich traoghadh tre àlaibh neo-chriochnach na siorrudheachd.
Chi sibh, mo bhràithrean, cho cothromach ‘s a tha na briathran samhlachail sin ga’n càradh fein ri ar Tighearn Iosa Crìosd beannachta? Tha iad a glùasad gu bhi socrachadh ar smùaintinn air a mhaise do-labhairt, agus gu bhi glùasad ar eridheachan le milseachd na glòir nach gabh nì bhi air a choimeas rithe.
II. Ann a bhi leantuinn an glùasad naomh, agus gun a bhi ga’r ceangal fein ri litir nan samhlaidean so, oidhirpich-mid, anns an dara àit, beachd a ghabhail air maise shònraicht’ agus bharraicht’ Iosa Crìosd —Imanuel—Slànuighear iongantach pheach.
“Tha e gu leir ionmuinn.” Annsan tha a coinneachadh ar sùilean a tha làn ioghaidh, dealradh measgaicht gach uile oirdheirceas, neo-chruithaicht’ agus cruthaicht’, diadhaidh agus daonnachdail, pearsanta agus dreuchdail. Ach co chuireas an cèill ni nach urrainn crìdhe air bith a bhreithneachadh. Tha sinn air ar bacadh anns an oidhirp le mothachadh air doille agus neo-fhoghainteachd, le mi-mhodh nan daoine ladurna a tha ullamh gu fanoid a dheanamh air ammuinneachd ar beachdan, ach gu h-àraidh, tre eagal a bhi mi-naomhachadh an ni sin a tha neo-chriochnach naomh, agus a bhi “dorchachadh comhairle le briathran gun eolas.’’ Gidheadh bheir sinn an oidhirp, gu bhi comharachadh a mach na puingean is soilleire air son treorachadh beachd-smuainteachadh nan iorasal, far nach gabhadh ceruban an ard-aigneal air fein làn-iomradh a dheanamh.
T’aodar beachdachadh air maise agus milseachd clùt an Fhir-shaoraidh fodh thri seallaidhean. ‘S e sin oirdheirceasan a Dhíadhadh, a dhaonachd agus a dhreuchdan.
E’a leantuinn.