(Air a leantuin bho. t.d. 68.)
(2) Beachdaichidh sinn air a cho-chruinneachadh neo-smalach agus glormhor de oirdheirceasan cruthaicht’ agus a ghabhas a bhi air a meas dha chreutairean, a tha gabhail còmhuidh na dhaonnachd.
Ciod e mhòrachd gun choimeas leis am bheil an daonnachd sin air a sgeadachadh, gu pearsanta air a h-aonadh ri, agus, mar gu’m b’eadh, air a suidheachadh ann an Diadhachd Shiorruidh Mhic Dhe. Air an suidheachadh anns an inbhe do-labhairt àrd so, tha anam agus corp Iosa ag amharc a mach, nan cuis-ioghnaidh a chruiinne-chè, agus e faicinn saoghal nan seraphim agus nan cerubim fada shios fodh a chosan. Ach cia aoibhneach do shealladh pheacach chreidmheach a tha’m foillseachadh air a mhòrachd so aig an duine Iosa Criosd, co-cheangailt’ ri fiorghloine a dhaonnachd,—domhain agus saobhir, neo-ghluasadach daingean os ceann gach comas air fàil-neachadh,—laidir agus a toirt buaidh, air a luchdachadh le airidheachd do-rannsaicht’ agus luach a tha cosnad gach tiodhlac. Agus ciod e’n ceangal milis leis am bheil an t-anam air a cheangal ris an lànachd so uile de dh’iomlanachd naomli, ‘n uair a dh’fhairicheas sinn cridhe a choibhuis, inidh nan tròcairean, teine-leaghaidh a ghràidh ann an nàdur daonnachd an Tì leis nach nàire bràithrean a ghairm dhim. “An di-chuimhneich m’athair leanabh a ciche, gun iochd a dheanamh air mac a cuim?” Bitheadh caomhalachd dheich mhlitean de mhlitean de na m’athraichean is caoimh agus is gràdhaich air a chruiinneachadh agus a mhliseachd uile air a chur ann an aon chridhe; cia cho maoth na gluasadan, cho trocaireach an innidh, cho daimheil cuartaachadh a leithid sin de Spiorad. Ach cha toireadh làn shaoghal de spioradan cho milis agus cho gràdhaich ri so ach samhlaidh amhuinn dhuiinn air gràdh, coibhneas, tròcair agus gràs an duine Iosa Criosd a tha dol ‘os ceann gach ni. Air broilleach a ghràidh so gabhadh m’anam fois agus comfhortachd dha fein tre’n uile shiorruidheachd. ‘S e so, mo bhràithrean gràdhaichte, na h-iomlanachdan glormhor agus lionmhor a tha gabhail còmhuidh ann am Pearsa iongantach bhur Slànuighear. Tha na h-ordheirceasan pearsanta so ga’m foillseachadh fein, agus air an lorgachadh gu domhain air anamaibh nan creidmheach mar a tha iad a beachdachadh air an treas ni a rùnaich sinn a thoirt fa’r comhair.
(3) Tha iad a gabhail beachd air gloir a dhreuchdan.
Anns na gnìomharan dreuchail so—a bhùineas, a reir an eadardhealachaidh chumanta agus cheart, do chliù an Fhàidh Mhòir agus solus an t-saoghal, an Ard Shagairt, agus Righ Ard-uachdaranail Shion—tha Iosa Criosd air fhoillseachadh mar Ròs Shàroin agus Lili nan Gleann. Tha sinn ga fhaicinn, Prionnsa nam Fàidhean, Ard Bhuaichail agus Easbuig anamaibh neo-bhàsmhor, agus Grian dhealrach an t-saoghal. “Annsan tha uile ionmhas a ghliocais agus an eòlais follaichte.” Cha robh ionmhasan an eòlais nàdurra agus a ghliocais a bha ann an iintinn Sholomh ach nan sgàile, agus nan sgàile a mhàin, air lànachd shaoibhir ‘a ghliocais a bha dol a stigh do dhìomhaireachdan na siorruidheachd, a tha air an seal-bhachadh leis-san is e’n ‘t-aon ghn Mhic a tha an uchd an Athar.” Bho dhoimhne do-labhairt a Dhiadhachd shiorruidh, a tha air a dheanamh thairis dha anam naomh, leis an Spiorad ann an doigh nach gabh a bhi air a thomhas, an lánachd de dh’eolas agus de’n ghliocas sin, ann a bhi ga choimeas ris na bhúineas do na h-ainglean, a dh’fhaodar amaideas a chur as an leth. Tha’n teagasg a tha e giùlain a dh’ionnsuidh dhaoine, agus a sgrìobhadh air an intinnean, a nochdadh gu bheil e tighinn bho thobar neochriochnach soluis; agus tha ghathean air an stiùireadh leis a ghliocas agus an t-eolas is àirde, co dhiubh bheachdaicheas sinn air mar a labhairt air thalamh “mar nach do labhair duine riamh,” no a caitheamh gathan glòire bho’n àirde leis na seachd spioradan a tha fa chomhair a righ-chathrach, agus air an cur a dh’ionnsuidh na talmhainn. Ann an coimeas ra theasgag ciod e na hùbhean dìbhidh, na drisean, na lusan gràineil, agus puinseanta a tha ann an innleachdan dhaoine saoghailta, faoin-bheachdan feallsanachd, itealaich bàrdachd neo-naomhaicht’ mealtaireachd iodhal-aoraidh agus cràbhadh breige. Rachaibh fodha ann an dorchadas, a luchd-comhfurtachd nach fù, a lighichean neo-luachmhòr. “Is maisiche thu na clann nan daoine; dhoirteadh gràs ann ad bhilibh: uime sin bheannaich Dia thu gu bràth.”
(R’a leantwinn.)