Ach tha beachdachadh air comhairle agus teagasg mhaiseach Chriosd ga’r treorachadh gu sealladh air a ghloir, ris nach, gabh ni bhi air a choimeas, agus faileadh milseachd agus cuibhraideachd do-labhairt a a ghniomharan sagartail. Feuch Uan Dhe a tha toirt air falbh peacadh an t-saoghail; Lili nan Gleann, lân mòralachd ann an ioraslaichd, glormhor ann an staid iorasal, milis ann am fulangais; Ròs Shàroin, macanta, ag ath-bheothachadh, a tarruig le sealladh de bhàine agus de bhallaibh corcur a chroinn-cheusaidh. Ar neo faic e a dreachd bho’n duslaich a dh’ionnsuidh an ionad is ro-naomh, a dealradh ann am maise agus a dòrtadh tre na h-ionadan neamhaidh boltraichean nuadh iobairt dhe’n robh faileadh cuibhraidh agus tuis a tha’g aobhraichadh aoibhuis.
Ar neo, faigheadh ar n’anamaibh taitneachas na mhòrachd rioghail agus na cuibhraideachd, ‘n uair a tha e, bho righ-chathair a tha àrd ‘os ceann righ-chathraichean àrd-aignean agus seraphaim ann an glòir, a buileachadh maitheas agus aithreachas air anamaibh ciontach, a toirt am bruid am braighdeanas, a cur air theicheadh an naimhdean, a treorachadh agus a cumail suas an ceumaibh eritheanach, a fosgladh dholbh geatachan phàrrais, agus ga’n tarruig a chùm a bhroilleach fein. Is sona thu, O chèile Imanuel, a chionn gu’n do ghràdhaich Dia t-Athair thu le gràdh mòr agus siorruidh, thug e dhuit a leithid a dh’fhear-pòsda, anns am faod do chridhe fois a ghabhail le suaimhneas neo-chriochnach, a faotainn ann ceanglaichean de dh’oidrheirceasan, nithean ion-mhiannaicht’ de mhais agus de’ghràdh; làidir gu bhi toirt buaidh ort le tlachd siorruidh.
III. Ann an co-chur a chinn-theagaig so chi sinn ann dà ni.
(1) Dhoibh-san a fhuair beagan de cheud-thoisichidhean eòlas slàinteil air an Fhear-shaoraidh.
Smuaintichibh, mo bhràithrean, le tainealachd anns am bheil aoradh, air ciod a rinn trocair àrd-uachdaranaill ann a bhi ga’r toirt a dh-ionnsuidh fior eòlas air leithid de Shlànughear. Aig aon àm cha robh sibh a creidsinn gun robh a leithid de dh’oidrheirceasan ann am bith. Ciod e’m pàrras de thlachd, nach b’aithne dhuibh, da’m bheil sibh a nis air dol a stigh. Cia cho milis agus iongantach a bha na ceud ghatan maidne de ghloir. Imanuel! Cha’n eil ar n’eòlas air, gidheadh, ach na leanabachd. Tha euspàir bhur muinghinn, tobar bhur sòlais, neo-chriochnach agus do-rannsaicht’ na uile iomlanachd.
Cha’n eil an còr agam r’a ràdh, ach bithibh taigneal air son na fhuair sibh; cuiribh gu buil e gu glie; leanamh an Tighearn; iarraibh Spiorad a ghliocais agus an eòlas a chum gu’m bi bhur ‘n eòlas ‘air Criosd ga chàradh fein ri ‘ur n-uile fhaireachdaidhean agus shuidhichidhean. ‘N uair a bhitheas truaillidheadh ghràineil bhur nàdur salach ga nochdadh fein, ‘n uair a bhitheas an saoghail mu’n cuairt dhuibh agus coltas fàsach iargalt’ air, deanadh maise agus cùbhràidheadh Ròs Shàroin agus Lili nan Gleann, bhur beothachadh agus bhur misneachadh. Ann an làithibh an t-soirbheachaidh agus an aoibhnis deanadh a mhliseachd agus oirdheirceas gach ni a tha sibh a sealbhachadh a chrùnadh. Ann am meadhon gach fannachadh a tha co-cheangailt’ ri dlùthachadh air eriche bhur turais, na h-eagalann agus na pianntan a tha co-cheangailt’ ri dealachadh anam agus corp, uamhasan breun na h-uaighe, bitheadh boladh gràidh agus maise Losa Criosd dhuibh mar oladh ùngaoidh a tha’m fagus, agus a tha dhuibh mar earlas air buaidh, neo-bhàsmhorachd, agus aoibhneas.
(2) Tha suspainn a chinn-theagaig so ag amharc le liomb agus le feig a tha làn mòralachd air naimhdean an Fhirshaoraidh bheannaicht’.
Am b’urrain e bhi air a smuainticheadh gu’n dearbhadh creutairean bàsmhor iad fein a bhi nan naimhdean le bhi leantuin ann an naimhdeas thogarrach agus cheannairceach an aghaidh a leithid de Shlànughear. Anamaibh neo-bhàsmhor, c’uime am bheil e nach eil aig co-chruinneachadh nan uile oirdheirceasan Diadhaidh agus daonnachdail buaidh air bith oirbhse? C’uime a bheil e gu bheil sibh a deanamh a rithisd gruionh ciontach nan Iudhach mhortail sin a thubhairt, “Cha’n eil sgeimh no grinneas aig, gu’n amhairceamaid air; ni mo tha maise aig gu’n iarramaid e?” Nach fheum an galair a tha na’r nàdur a bhi domhain agus na chuis eagaill? Ma tha sibh ga fhaireachadh tha truas againn dhìbh agus ag àonadh ribh na’r glaoth air son leaghas agus saorsa.
Ach ma tha sibh a deanamh gloir anns an ni sin is e bhur nàire,—bhrù dealachadh aingidh bho Uan Dhe,—tha sinn a deanamh tair oirbh, tha sibh gràineil leinn, tha sinn a toirt dùlan dhuibh. Gidheadh, cha toir sinn dùil dhe bhur’n aiseag air ais. An cluinn thu, O pheacaich, an tàirneanach torrunnach fad as, “Ma tha neach sam bith nach gràdhaich an Tighearn Iosa Criost, bitheadh e’n a Anatema Maranata?” Gheibh thu mach oirdheirceas an Tì sin air am bheil do chridhe salach a deanamh tair. ‘N uair a bhitheas stoth pronnasgach an loch theine a dol a stigh do’d chuinneanabh, aithnichidh tu, le cràdh, gu’m bheil cuid eil ann am pàrras le Aon Naomh so Dhe. Agus a reir mar a tha glòir oirdheirceasan a Dhiadhachd agus a dhaonnachd, mar sin bithidh dol a mach a choruich neamhaidh ortsa. Ach ear son a bhàsuiheadh tu? Ciod a tha tarruig dòruinn gun dòchas? Pill fathasd a chum an daingnich, O phriosanaich an dòchais. A pheacaich dhoill, tog aon ghlaodh mas dùinn sgàilean a bhàis shiorruidh ort; agus do na ghlaodh sin gu’n deonaiheadh chus tròcair neo-chriochnach eisdeachd. A Mhic Dhaibhidh, dean tròcair orm, fosgail na sùlean dalla so, foillsich do ghloir, thoir ann am bruid braighdeanas a chridhe through cheannaireach so. Amen.
Eadar-theangaicht’ le Iain Mac a Chòmhaich. (A’ chrioich.)