(4) Ma’s eil am peacach, ann an rathad beo, air aonadh ri Criosd, tha e air aonadh ris a cheud Adhamh (Rom. v. 12).
Tha uile chlann nan daoine, na’n staid nàduir, air an aonadh ris a cheud Adhamh mar an ceann laghail. ‘S e am bann leis am bheil iad ceangailt’ ris, bann a cheud cho-cheangail. Thainig esan a be am freumh nàdurra gu bli na fhrèumh moralta dhoibh, ga’n giúlain mar am fear-ionaid anns a’ chúnnanta sin (Rom. v. 19). “Tre eas-úmhlachd aon duine rinneadh mórán na’m peacaich.” “Ann an Adhamh tha na h-uile a faigheal a bháis.” Bha bann moralta eadar Adhamh agus a shloichd leis an robh iad air an aonadh ri cheile, ‘s e sin, bann cúmhnanta nan gniomh. Tha peacaich thaghta, ged a tha iad nan staid náduir, gu cúmhantail air an aonadh ris an dara h-Adhamh, gidheadh tha iad fathasd, do bhrigh cúmhnanta nan gniomh, gu cinnteach air an aonadh ris a cheud Adhamh. Cha’n eil an t-aonadh so eadar a cheud Adhamh agus am peacach taghta gu bráth air an bhriseadh gus am bheil am peacach air aonadh ann an rathad beo, ris an dara Adhamh; na, mar a tha’n t-Abstol Pòl ga chur, gus am “bithidh sibh pòsda ri fear eil, eadhon ris-san a thogadh ‘o na mairbh” (Rom. vii. 4). Mar a tha aonadh ris an dara Adhamh a briseadh aonadh ris a cheud Adhamh, mar sin cha’n eil neach air aonadh ris an dara Adhamh ach a mhuinntir a tha air an aonadh ris a cheud Adhamh.
(5) Ged is e nádur an aonaidh a tha eadar Críosd agus an creidmheach gu bh’eil iad le cheil a co-chórdadh uime, gidheadh thoisich e’n toiseach air taobh Chríosd.
‘S e sin, dh’aon Críosd e fein, le a’ Spiorad, ris a pheacach mharbh, a reir a gheallaidh ghràsmhor so, “Cuirdh mi mo Spiorad an taobh a stigh dhibh.” Tha’n Spiorad Naomh go aonadh fein ris a pheacach le bhi tighinn a stigh do anam anns an aimsir ghràidh, aig an am shubhaich sin a shònraicheadh air-son a phòsáidh spioradail ri Fearposda neamhaidh na h-eaglais; agus tha e beothachadh an amam air a leithid de dhòigh agus nach eil e ni’s fhaide marbh gu spioradail, ach beo. “Eadhon ‘n uair a bha sinn marbh anns a pheacadh,” tha’n t-Abstol ag rádh, “bheothaich e sinn.” Mar a tha co-chomunn a sruthadh bho aonadh, mar sin tha aonadh beo ag eirigh bho Chríosd a bhi tighinn dlùth ann an latha de chumhachd, agus ga aonadh fein, le a Spiorad, ris a pheacach bhoichd a tha marbh anns a pheacadh. Ged nach eil e air a thoirt gu coimhliontaichd gus am bheil am peacach ag earbsa anns an Tighearn Iosa le creidimh slàinteil, gidheadh tha e toiseachadh air a thaobh-san.
(6) ‘S e innealan, na meadhonan an aonaidh so, an Lagh agus an Soisgeul.
Mar sin tha sinn a leughadh, “Gu bráth cha di-chuimhneich mi do reachdan; oir leo-san bheothaich thu mi.” “Is iomlan lagh an Tighearn; ag iompachadh an anama.” “Tha mise tre’n lagh, marbh do’n lagh, chum agus gu’m bithinn beo do Dhia.” “Gu’m bithidh na Cinnich na’n co-oighreachabh, agus na’n co-chorp, agus na’n luchd-comphairet da ghealladh-san ann an Críosd, tre an t-soisgeul.” Tha’n Lagh, le bhi foillseachadh do’n pheacach a shuidheachadh peacach agus a thraigh, ga threorachadh a chum an t-Slànuighear os ial, am feadh a tha’n Soisgeul le bhi foillseachadh Iosa na ghloir, na lánachd, agus na chomas gu bhi saoradh, ga treorachadh ga ionnsuidh gu direach. Tha’n Lagh ann an làimh an Spioraid, air a chur dhachaidh a dh’ionnsuidh na coguis, a toirt do’n pheacach a bhi faicinn gu’m bheile e air aonadh ris a cheud Adhamh, agus gu’m bheil co-chomunn aige ris, anns a pheacadh a tha air a mheas agus ann am peacach a náduir; agus tha’n Soisgeul, ‘n uair a thig e le foillseachadh an Spioraid, gu cumhachdach a foillseachadh dha, gu’n gabh e bhi air aonadh ris an dara Adhamh, agus co-chomunn a bhi aige ris, ann am fireantaichd a tha air a mheas da, agus ann an naomhachd a tha tighinn bh’uaith mar Cheann a chumhanta. Is ann le bhi creidsinn an t-Soisgeil, mar a tha e toirt fannuis mu Chríosd, agus le bhi’g earbsa ann mar a tha e’n sin air fhoillseachadh, a tha’m peacach ann an rathad beo air aonadh ris. Is ann an sin a tha’n t-anam bochd, eritheanach, a coinneachadh ri Slànuighear iochdmoir sùil ri sùil agus eridhe ri eridhe.
(7) Is e sàcraimaidean a Bhaistidh agus Suipeir an Tighearn seulaichean bho’n leth a’ muigh an aonaidh so ri Criosd.
Cha’n e mhàin gu’m bheil iad a ciallachadh, ach tha iad a seulachadh. Tha’m Baisteadh a seulachadh suidheachadh spioradail a chreidmhich ann an Criosd, na an t-aonadh a thòisich ris: tha Suipeir an Tighearn a seulachadh an aonaidh so a bhi mairisinn, agus co-chomunn na chorp agus na fhuil, ann na Phearsa, fhireantachd agus a lànachd.
(8) Ged than’n t-aonadh eadar Criosd agus an creidmheach glé dhiomhair, gidheadh tha e fad bho bhi’n aghaidh reusan ceart.
Tha e fada gu dearbh ‘os ceann reusan, ach cha’n eil e’s an t-seadh is lugha an aghaidh reusan air a naomhachadh. Mar a’ robh ar Slànuighear, ann an nàdur na daonnachd, na bu mhotha na bhi na dhuine, bhitheadh e’n aghaidh reusain a bhi smuainteachadh, aig a leithid a dh’astar bh’uainn ris an treas neamh, gu’m b’urrainn e bhi gu dlùth air aonadh ri creidmheach air an talamh, ach a thaobh gur e Dia agus duine e ann an aon Phearsa, cha’n eil ni an aghaidh reusain a bhi ga smuainteachadh agus ga chreidsinn. Ged a tha a nàdur daonnachdail ann an neamh, tha a Phearsa anns gach àite. “Feuch, tha mise maille ribh a ghuàth, gu deireadh an t-saoghail.” Ma dh’fheoraicheas neach air bith, e’ait am bheil Criosd air fhaotainn air an talamh, chùm agus gu’m bitheadh e air aonadh ris, faodaidh e bhi air a fhreagairt, gu’m bheil e ri bhi air fhaotainn ann am focal na firinn, a tha ghuàth dlùth dhuinn. “Tha’m focal am fagus duit, ann ‘n d’ bheul, agus ann ‘n d’ chridhe: ‘s e sin focal a chreidimh a tha sinne a searmonachadh” (Rom. x. 8).
(R’a leantuin.)