Leis an Urr. IAIN MAC A’ CHOMBAICH, D.D., Lîte.
(Air a leantuinn bho t.d. 205.)
II. Tha mi nis a dol air adhart a chum an dara ceann coitcheann— A dol a dh’fheorach ni’s mionaidiche mu nàdur agus buaidhean aonadh ri Criosd.
(1) Cha’n e aonadh do-sheachainte a th’ann.
Is e aonadh do-sheachainte a tha ann an aonadh an Athar agus an Spioraid Naoimh ri Pearsa a Mhic, ach cha’n eil aonadh nan creidmheach ris a Mhac mar sin. Tha Pearsa an Athar shiorruidh agus Pearsa an Spioraid ghloirmhor air an aonadh ri Pearsa Criosd air a leithid de dhòigh agus gu’m bheil iad nan aon ris le aonadh do-sheachaint’, no aonadh ann an nàdur. Tha mar an ceudna pearachan nan creidmheach air an aonadh ris air a leithid de dhòigh agus gu’m bheil iad nan aon ris; ach cha’n ann le aonadh do-sheachainte, no bhitheadh iad nan diathan, ann an seilbh air gach buadh dhiadhaidh a tha esan an seilbh air. Ged tha Criosd agus na creidmhich nan aon, agus esan agus an t-Athair nan aon, gidheadh cha’n eil so ri bhi air a thuigsinn a thaobh nàdur an aonaidh, ach a thaobh an coslas a tha eadar an t-aon seorsa agus an seorsa eil.
(2) Cha mhotha ‘s e aonadh pearsanta a th’ann.
Is e da rireadh aonadh phearsachan a th’ann, ach cha’n e aonadh pearsanta a th’ann. Tha aonadh nàduir na Diadhachd agus na daonnachd ann am Criosd pearsanta, oir tha a phearsa fathast a’mairsinn ‘na aon; am feadh ‘us nach eil creidmhich, ged a tha iad air an aonadh ri Criosd, a deanamh suas aon phearsa ris; cha’n eil iad ach a deanamh suas aon chorp diomhair aig am bheil Esan mar a Cheann. Mar a tha’n t-Abstol ag ràdh ris na creidmhich ann an Corintus. “A nis is sibhse corp Chriosd, agus is buill sibh fa leth.” I. Cor. xii. 27. Na’m bitheadh aonadh Chriosd ri creidmhich pearsanta; na’m bitheadh iadsan agus Esan còmhla a deanamh suas aon phearsa, dh’fhaodadh iad, anns an t-suidheachadh sin, iad fein a mheas nan eadar-mheadhonairean maille ris, agus còir a bhi aca co-ionnan ris-san air an urram a tha co-cheangailte ri cosnadh beatha shiorruidh. Cha bhitheadh a chainnt ghloirmhor, a chleachd e ‘s an t-seann fhaidheadaireachd, ni b’fhaide fior, “Shaltair mi an t-amar am aonar, agus de na slòigh cha robh aon neach maille rium.” Ach ‘s e toibheum a bhitheadh ann so a smuainteachadh.
(3) Cha’n e aonadh rioghail a mhàin a tha’n so.
Tha bhi ‘n ar n’aon ri Criosd, ‘na bhi ceangailte ris mar a tha e air a chur fo ‘ur còmhair anns a cheann-teagaisg, a ciallachadh tuilleadh mór ‘s a bhi ‘n ar n’iochdarain dha mar ar ceann rioghail. Mar a bitheadh an còr ann, bhitheadh e ciallachadh gu’m bitheadh na h-uile neach neo-iompaichte, seadh agus na diabhuil fein air an aonadh ris, oir tha iad uile fodh a riaghladh ard-uachdaranail mar Righ Shion. “Thug thu braighdeanas ann am braighdeanas.” “Thug thu cumhachd dhà air gach feoil, na h-uile a thug thu dhà, gu’n tugadh esan dhoibh a bheatha mhaireannach.” “Air dha uachdaranaichdan agus cumhachdan a chreachadh, rinn e ball-sampuil diubh gu follaiseach a deanamh buaidh-chaitheamh os an ceann.” Tha uachdaran agus cumhachd an dorchadais fodh a smachd, agus tha uile chloinn nan daoine fodh a cheannsal uile-chumhachdach-san. Tha iad uile aige na làimh, uile fodh a riaghladh, mar an t-Uachdaran am measg nan cinnich. Mar a bitheadh, ma ta, ach aonadh rioghail eadar Criosd agus na creidmhich, cha bhitheadh an sochair ni bu mhotha na sochair nan creutairean is truaine ann an cruthachadh Dhé.
(4) Cha mhotha ‘s e aonadh tre aideachadh a th’ann.
‘S e sochair uile bhuill na h-Eaglais fhaicsinnich a bhi ceangailte ri Criosd mar luchd-aideachaidh an fhìor chreidimh. Tha iad uile gu faicsinneach air an aonadh ris, agus a faotainn tiodhlacan spioradail bhuaithe, agus bacaidhean gràsmhor. Mar sin tha iad air an toirt fo ‘ur comhair mar chreutirean a th’ann an Criosd mar a gheug anns an fhioran. “Gach uile gheug annam-sa nach ‘eil a’giulain toraidh, bheir e air falbh.” “Mar a fan neach annam-sa, tha e air a thilgeadh a mach mar gheig, agus air crionadh.” Cha’n eil so ri bhi air a thuigsinn a thaobh fior naoimh, oir cha bhi iad gu bràth, gu h-uile agus gu h-iomlan, air an dealachadh ri Criosd; ach, a mhàin, a thaobh Chriosduidhean ann an ainm, a tha gu faicsinneach ann an Criosd, agus air an aonadh ris le banntaibh buaidhean coitcheann agus creidimh neo-mhaireannach. Bithidh iadsan a tha mar so air an aonadh ri Criosd air an toirt air falbh agus air an tilgeadh do theine shiorruidh, am feadh ‘s a bhitheas iadsan a tha air an ceangal ris, ann an seadh ar cinn-teagaisg, air an deanamh truaigh shiorruidh.
(5) Cha’n eil againn ann an so aonadh a tha mhàin a co-aontachadh ri Criosd a thaobh a bheachdan agus inntinn.
Anns an t-seadh so tha ainglean naomh nan aon ris. Anns an tomhas anns an urrainn iad a dhol timchioll ann an diomhaireachd iongantach gràis saoraidh agus Freasdal Dhé, tha iad dhe’n aon bheachd ris, agus anns an tomhas ‘s an urrainn am buadhan crìochnaichte bhi comasach air sin, tha iad naomh mar a tha esan naomh, iomlan mar a tha e iomlan; agus, gidheadh, cha’n eil e air a ràdh mu’n timchioll anns na Sgriobturan gu bheil iad ann an Criosd, no ceangailte ris, anns an aon seadh ri naoimh a tha air an saoradh. Cha’n eil uime sin aon air bith dhe’n a h-aonaidhean sin a tighinn suas ris a bheachd air aonadh ri Criosd a tha air a ciallachadh ‘s a cheann teagaisg; oir,
(R’a leantuinn.)