Leis an Urr. IAIN MAC A’ CHOMBAICH, D.D., Lite.
(Air a leantuininn bho t.d. 235.)
-
Is e fior aonadh a th’ann. Tha creidmheich air an aonadh ri Criosd cho cinnteach agus a tha buill a chuirp nàdurrà air an aonadh ris a cheann. Uime sin tha’n t-Abstol ag ràdh, “Oir is buill sinn d’a chorp, d’a fheoil, agus d’a chnàmhan-san” (Eph. vi. 30). Ged nach eil an t-aonadh so na ni a tha mothachail da’r ceud-fathan, gidheadh cha’n eil nì ni’s cinnich ànn. Tha’n t-aonadh eadar an t-anam agus an corp na ni nach mo a chithear le’r sùilean na bhrethnichear le’r mac-meanmhuin, mar a tha nithean a mhothaichear le’r ceud-fàthan, agus gidheadh cha’n urrain sinn teagamh a chur na’m firinn. Mar an ceudna, tha’n t-aonadh eadar Criosd agus na creidmheich, ged nach gabh e fhaicinn na fhaireachadh, cho cinnteach as. Tha firinn aonaidh bheo ris an t-Slànugheir gu soilleir air fhoillseachadh, agus a thoraidean sona gu mothachail air fhaireachadh le creidmheich. Am bheil e fior gu’m bheil sibhse a tha na’r ‘n naoimh an Ti is Airde, na’r suidhe na’r suidheachain, na a faicinn solus na greine? Tha e cheart cho fior, cho cinnteach, gu’m bheil sibh air bhur n’aonadh ris-san is e Grian na f’reantachd agus Solus an t-saoghail.
-
Is e aonadh dlùth a th’ann; cho do-labhairt dlùth agus gu’m bheil e air a ràdh thaobh chreidmheich gu’m bheil iad na’n aon anns an Athair agus anns a Mhac; mar a tha’n T-Athair anns a Mhac, agus am Mac anns an Athair. Eoin xiv. 20. “Chùm gu’m bi iad uile na’n aon; chùm mar a tha thusa, Athair, annam-sa, agus mise annad-sa, gu’m bi iadsan mar an ceudne na’n aon annainne?” Eoin xvii. 21. Cia cho dlùth, cia cho do-labhairt dlùth agus a tha’n t-aonadh, an aonachd, eadar an t-Athair agus uon-ghin-Mhic! Cha’n eil, ma to, an t-aonadh eadar Criosd agus am fior Chriosduidh a tighinn ni goirid air ged is e aonadh ri nàdur eile a th’ann. Tha e cho dlùth, agus cho teann, agus gu’m bheil e air a ràdh gu’m bheil Criosd air a dheilbh anns an chreidmheach, na chòmhnuidh ann, agus ag imeachd ann. Ged nach eil Iosa Criosd agus na creidmheich gu do-sheachainte na’n aon gidheadh tha iad gu diomhair na’n aon. Cha’n eil am freumh agus a gheug cho dlùth, cha’n eil anam agus corp cho dlùth, cha’n eil fear agus bean cho dlùth agus a tha Criosd agus an t-anam creidmheach. Tha iad air an aonadh air a leithid de dhoigh agus gu’m bheil an Eaglais air a toirt fo’r comhair mar chorp Criosd. Ged nach eil e a deanamh a chreidmheich na aon phearsa ri Criosd, gidheadh is e aonadh ro dlùth a tha ann eadar a phearsa agus Pearsa Chriosd.
-
Is e aonadh faisg air làimh a th’ann. Ged nach eil o cho faisg air làimh agus gu’m bheil e dùnadh a mach mheadhonan, gidheadh tha e cho faisg air làimh agus gu’m bheil e dùnadh a mach tomhas àrd agus ional de fhasgusgachd do Chriosd am measg na’n creidmheach. Anns a chorp nàdurrà, cha’n eil gach ball co-ionnan dlùth do’n cheann; cha’n eil a chas cho dlùth do’n cheann ris an làimh; ach ann an corp diomhair Chriosd tha gach ball co-ionnan faisg air-sa is e an Ceann glòrmhor; tha’n creidmheach is isle a thaobh a staid, cho faisg air Criosd ris an aon is àirde. Tha cuid dhe na naoimh ni’s faisg air na cuid eile, a thaobh na nithean air an d’rainig iad gu spioradail, agus a thaobh an cleachdàidhean; ach cha’n eil iad mar sin a thaobh an staid. Bha iadsan ann an eaglais Chorintus a bha’g ràdh gu’m bu le Pòl iad. No Appolus, no Cephus, air an aonadh cho dlùth air a Cheann bheo agus a bha iadsan a bha’g ràdh gu’m bu le Criosd iad.
(R’a leantuininn.)