Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1952 » March 1952 » Aonadh ri Criosd

Aonadh ri Criosd

Leis an Urr. IAIN MAC A’ CHOMBAICH, D.D., Lite.

(Air a leantuininn bho t.d. 261.)

  1. Is e aonadh spioradail a th’ann, aonadh leis am bheil iad, air dhoibh a bhi ceangailt’ ris an Tighearn, na’n aon spiorad ris. Mar a tha aon anam a beothachadh agus a gluasad, araon an ceann agus na buill anns a’ chorpa nàdurrà, mar sin tha aon Spiorad, an dearbh Spiorad, a gabhail comhnuidh ann an Criosd agus anns a chreidmheach. A deir Pòl, “Mur eil Spiorad Criosd aig neach, cha bhuin e dhà.” Rom. viii. 9. Ma thà, a thaobh a cheangal-pòsaidh, fear agus bean na’n aon fheoil, nach mothà gu mòr a tha Iosa agus an creidmheach, ‘n uair a tha iad air an aonadh mar so, a tighinn gu bhi na’n aon Spiorad. Am bheil an Spiorad Naomh, mar a tha e na chòmhnuidh ann an Criosd, na Spiorad gràis? Mar sin tha e air a dhòrtadh a mach air a chreidmheach na Spiorad gràis mar an ceudna; oir a mach a lànachd Criosd that e faotainn gràis air son gràis. Tha’n creidmheach, do bhrigh e bhi air aonadh ri Criosd, a co-phàrtachadh de na h-aon bhuaidh agus oibre ri Criosd a thaobh an gné, ged nach eil anns an aon tomhas. ‘S e so an t-aobhar gu’m bheil aonadh beo air a ràdh ris.

  2. ‘S e aonadh bunaiteach a th’ann; oir, ann an aon seadh, is e bunait gach sochair eile a tha aig a chreidmheach. Is leibhse na h-uile ni, oir is le Criosd sibhse tre aonadh beo ris. Is e bunait gach uile ùmhlachd thaitneach. “Mar nach urrain a gheug toradh a thoirt uaipe fein, mar fan i ‘s an fhionain, cha mho is urrain sibhse, mur fan sibh annansa,” bunait gach comhfurtachd spioradail. Tha an naomh, am feadh ‘s a tha e’n gleann na’n deur so, ann am meadhon naimhdean a tha ullamh gus a shlugadh suas, agus ann am meadhon thrioblaidean mòra; ach bho’n a tha e air aonadh ri Comhfurtachd Israel, bitheadh comhfurtachd aige. Tha e na aon ri Iosa Criosd, agus na’n sguireadh an Slanuighear iochd mhior so, air son aon mhomaint, a bhi gabhail eùram dheth, sguireadh e bhi gabhail eùram dheth fein. Is e Criosd bunait na beath do’n a chreidmheach. “Do bhrigh gu’m bheil mise beo bithidh sibhse beo mar an ceudna.” Eoin xiv. 19. Am bheil aon agaibh falamh de spiorad na beatha? ‘S ann do bhrigh nach eil sibh air ‘ur n-aonadh ris a. Cheann bheo. Is e bunait dòchais a chreidmheach, “Criosd annaibh-se, dòchas na glòir,” agus bunait urrain agus àrdachaidh. Is e’n t-urrain is àirde ghabhas a bhi air a chur air anam, e bhi air aonadh ri Criosd, dealradh glòir an Athar agus fior iomhaigh a phearsa. Cia cho àrd ‘s a tha urram an fhior chreidmheach!

  3. Is e aonadh ann an sealladh an lagha a tha ann. Ged nach e a leithid a dh’aonadh laghail a th’ann agus a bha eadar Criosd agus an creidmheach bho’n uile shiorruidheadh, gidheadh ‘s e aonadh a th’ann a sheasas, agus a tha air aideachadh leis an lagh. Cha luarthe tha’n t-aonadh so a toiseachadh, anns an latha ‘s a bheil neach a creidsinn an toiseach, na tha h-uile ni a rinn agus a dh’fhuiling Criosd air son a chreidmheach air a mheas dha a reir an lagha, mar gu’m b’e fhein a rinn agus a dh’fhuiling iad. Mar sin tha e air a ràdh gu’m bheil e air a cheusadh maille ri Criosd; air àrdachadh maille ris, air dha bhi air adhlacadh maille ris tre’n bhaisteadh; air a thogail suas maille ris, anns am bheil sibh mar an ceudna air eirigh maille ris, tre’n chreidimh a tha air oibreachadh le Dia. Thog e suas sinn maille ris, agus thug e oirrne suidh maille ris ann an ionadan neamhaidh ann an Criosd, a ciallachadh gu’m bheil, ann an sealladh an lagha, ceusadh, adhlacadh agus aiseirigh Iosa, Fear-urrain a chreimhich, air a meas gu ceart agus gu slàn ri chunntas, mar gu’m b’e fein a bha ceusda, marbh, agus adhlaicte na phearsa fein. Tre’n aonadh so tha Criosd agus an creidmheach na’n aon a reir an lagha: air dhoibh a bhi mar so air am faotainn annsan, cha’n eil am fireantachd fein aca a tha a reir a lagha, ach an fhireantachd a tha tre chreidimh Criosd.

  4. Is e aonadh diomhair a tha’n so. “Is diomhaireachd mhor so,” Eph. v. 32. Am bheil aon agaibh a miannachadh a bhi cluinnitean diomhaireachdan? O ciod e na diomhaireachdan do-labhairt agus làn ioghnaidh a tha’n so. Criosd ann an neamh, fada bhos ceann na’n uile ni; agus, gidheadh anns a chreidmheach air an talamh, neach a tha ni’s lugha na’n aon is lugha de thròcairean Dhé. Criosd, Pearsa neo-chriochnach, astar neo-chriochnach bho nàdur chriochnach a chreidmheach, agus an creidmheach beo troimh-san; ag imeachd anns a chreidmheach, agus an creidmheach ag imeachd maille ris; a gabhail còmhnuidh na chridhe, agus esan aig an aon am a gabhail còmhnuidh ann an Dia; Criosd a gabhail a chreidmheach mar aon dhe neamhaidean, agus an creidmheach a cur uime Criosd; Criosd a ghnàth an ni ceudna gun atharrachadh air

bith, agus gidheadh an creidmheach ag ith fheola agus ag ol fhuil; Criosd ann an neamh, agus an Criosduidh air an talamh, agus gidheadh, gu dlùth air an aonadh ri cheile. Am bheil diomhaireachdan anns an aonadh do-sheachaint’ a tha eadar an t-Athair agus am Mac, agus anns an aonadh phearsanta a tha eadar nàduir na Diadhachd agus na daonnachd? Tha diomhaireachdan do-labhairt anns an aonadh eadar Criosd agus an t-anam creidmheach, diomhaireachdan air am miann leis na h-ainglean beach-dachadh. Cha robh diomhaireachd na bu mhotha riamh air a taisbeanadh do chloinn nan daoinne diomhaireachd a tha ri chreidsinn, agus gidheadh nach gabh gu brath a bhi gu h-uile air a brethneachadh.

  1. Is e aonadh nach gabh a bhi air a bhriseadh a th’ann. Tha e gu neo-chriochnach làidir agus maireannach. Bithidh an creidmheach air a dhealachadh bho dhàimhean is dlùth, bho chàirdean is motha air am bheil eolas, bho na h-aobhneasan talamhaidh air a’ measail e, agus bithidh anam ann an ùine ghearr air a dhealachadh ri chorp; ach cha bhi e gu bràth air son aon mhoinnt air a chreidmhich air a losgadh, agus gach mìr dhe luaithe air an dealachadh bho cheile cho fad ‘s a tha’n àirde ‘n ear bho ‘n iar, bithidh iad fathasd air an aonadh, air an aonadh gu neo-sgaraicht’, ri Iosa Criosd. Rom. viii. 35-39. Mar nach d’rinn am blas sgaradh anns an aonadh a tha am Pearsa Chriosd, cha mhotha na sin is urrain e sgaradh a dheanamh anns an aonadh dhiomhair a tha eadar e agus na naoimh. Tha’n cuirp, an deigh dhoibh cnàmh anns an uaigh, cho dluth-cheangailte ris an Tighearn Iosa agus a tha’n anamaibh a tha na’n comhnuidh ann an lùchairtean na glòire. Tha iad na’n codal ann an Iosa: tha e comhead an cuàmhan uile. Cha ghabh an t-aonadh so gu bràth a bhi air a bhriseadh: cha’n urrain creutair air bith a bhriseadh, agus cha bhris an Tighearn Iosa e fein e. Cha’n urrain an creutair a dheanamh, “ni mo is urrain neach air bith an spionadh as mo làimh-sa.” Cha dean Esan, am Fear-saoraidh iochd mhòr e; cha tionndaidh e air falbh bh’atha bho lhi deanamh maith dhoibh. O tearuinteachd, urram agus gloire an fhiar chreidmhich! Mairidh aonadh ri Criosd tre’n uile shiorruidheachd.

(R’a Ieantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice