Leis an Urr. IAIN MAC A’ CHOMBAICH, D.D., Lite.
(Air a leantuinn bho t.d. 289).
III. Tha mi nis a dol air adhart a dh’ionnsuidh an treas ceann coitcheann, agus b’e sin, a bhi beachdachadh air banntaibh an aonaidh so ri Criosd. Tha feum aig aonadh cho mairennach so air
banntaibh no ceanglaichean làidir. Do bhrigh gu’r e Criosd agus an creidmheach eadar am bheil an t-aonadh so, ‘s e am bann air taobh Chriosd dheth, an Spiorad Naomh; agus air taobh a chreidmhich, creidimh naomh, air oibreachadh agus air a mheudachadh leis an Spiorad.
(1) Is e bann an aonaidh dhiomhair so air taobh Chriosd an Spiorad Naomh. “Tre aon Spiorad bhaisteadh sinn uile do aon chorp.” I Cor. xii. 13. “Oir is aithne dhùinn gu bheil sinn ‘n ar còmhnuidh ann-san, agus esan annainne, do bhrigh gu’n d’thug e dhùinn d’a Spiorad.” I Eoin iv. 13. “Agus le so is aithne dhùinn gu bheil esan a fuireach annainne o a Spiorad a thug e dhùinn.” I Eoin iii. 24. Air do Chriosd am peacach bochd fhaotainn ceangailte ris a cheud Adhamh, am freumh marbhtach sin, le banntaibh co-cheangal na’n gniomh, agus nàdur laghail a chreutair fein, tha e tighinn ga ionnsuidh anns an aimsir ghràidh, agus tha e ga aonadh ris fein le a Spiorad, mar spiorad beatha. Ged tha’m peacach taghta, na staid nàdur, air aonadh ris a cheud Adhamh, mar a cheann peacaidh agus bais, gidheadh, mar a tha e aig a cheart am gu cùmhnantaibh air aonadh ris an Tighearn Iosa, mar a Cheann fireantachd agus beatha, tha Criosd a tighinn aig an am shuidhicht’, agus a deanamh greim air le a Spiorad a tha toirt beo. Tha’n dearbh Spiorad a tha ann an Criosd, mar an Ceann beo, a nis air a cho-phàrtachadh ris a pheacach a tha marbh ann am peacadh, gun a bhi dol a dhealachadh ris gu bràth; ach gu bhi ann na Spiorad beothachaidh agus naomhachaidh. Mar sin tha Criosd, mar Phrionnsa na beatha, ag aonadh a pheacaidh ris fein, a gabhail greim dheth, agus ga chumail na làimh ghràsmhor fein. Nis tha’m bann so gu neo-chriochnach cumhachdach, agus tha e deanamh an aonaidh eadar Criosd agus an creidmheach do-sgaraichte, agus cho daingean agus gu-m bheil e eucomasach a bhriseadh. “Agus bheir mi a bheatha mhaireannach dhoibh; agus cha sgriosar iad am feasd, ni mo a spionas neach air bith as mo làimh iad.” Eoin x. 28. ‘N uair a theid an Spiorad Naomh aon uair a steach do’n anam cha teid e gu bràth a mach as, agus air son aon mhomaingt cha sguir e bhi gabhail còmhnuidh ann. Eoin xiv. 16, 17.
(2) Is e creidimh bann an aonaidh so air taobh a chreidmhich, eadhon creidimh air oibreachadh le Dia. “Ionnas gu’n gabh Criosd còmhnuidh ann bhur cridhe tre creidimh.” Eph. iii. 17. ‘N uair a tha’n Tighearn Iosa a deanamh greim agus a dlùth-ghabhail thuige anam marbh, le a Spiorad, mar spiorad a chreidimh, tha’n t-anam, mar so air a bheothachadh, agus air a chur ann an seilbh air prionnsabal creidimh, a dlùth ghabhail Chriosd thuige le cleachdadh creidimh, tre’m bheil an t-aonad air a dheanamh coimhlionta. “Air dhùinn an spiorad creidimh sin fein a bhi againn…… tha sinn a creidsinn mar an ceudna, agus uime sin tha sinn a labhairt.” II Cor. iv. 13. Cha luaithe a theid spiorad a chreidimh a steach do’n anam mharbh na thòisicheas an t-anam air creidsinn. Tha’m peacach a tha mar so air a bheothachadh, an toiseach a creidsinn àitheantan an lagh mar chùmhnanta, air a leithid de dhoigh agus gu’m bheil dearbh-shoilleireachd aige gu’r e peacach e fein ann an cridhe agus ann am beatha; agus tha e creidsinn a bhagraidhean uamhasach, le co-chur ris fein, air a leithid de dhoigh agus gu’m bheil mothachadh domhain aige air gu’m bheil e truagh thairis air cainnt. Tha’n Spiorad ag oibreachadh ann creidimh an lagha, a dearbhadh dha nach urrain e gu bràth a bhi beo ann an aonadh ris a cheud Adhamh, fodha co-cheangal nan gnìomh; tha e briseadh an aonaidh ris an lagh mar chùmhnanta, agus a sgaradh cridhe a pheacaich bh’uaithe; air a leithid de dhòigh agus gu’m bheil e faicinn gu’m bu diamhain a bhi leantuinn ris ni’s faide. Rom. viii. 2. Am feadh ‘s a tha e mar so air a dheanamh comasach a bhi creidsinn àitheantean agus mallachdan an lagha, tha e, air a leithid de dhoigh, air a dheanamh comasach a bhi creidsinn, mar an ceudna, tairgseachan agus geallaidhean an t-soisgeil, agus a bhi ann an eu-dochas a thaobh beatha tre oibribh an lagha, agus gu’m bheil e air a chuideachadh gu bhi co-chur an t-Slànughear agus a shlàinte uile thuige fein. A reir sin tha e co-chur Chriosd, mar Cheann a cho-cheangail nuaidh, ris fein, agus tha sùil aige ri fireantachd agus beatha bhuaithe. Mar sin, tre Chriosd a bhi dlùth ghabhail thuige a pheacaich, le a Spiorad, agus am peacach a bhi dlùth-ghabhail thuige Chriosd, tre chreidimh, tha’n t-aonadh air a choimhlionadh. Is e creidimh tearnaidh, aonnta a chridhe ann an dùnadh ris an Tighearn Iosa, Fear-pòsda neamhaidh na h-eaglais, agus Ceann a chuirp. ‘N uair a tha e, uime sin, air a chleachdadh, tha Criosd agus an creidmheach air an ceangal ri cheile ann an cùmhnant’ pòsaidh. “Ni mo bhitheas tu aig fear eile; ma sin bithidh mise mar an ceudna agad-sa.” Hos. iii. 3. Nis, tha’m bann so do-sgaraichte cho math ris an fhear eile, oir ged a tha oibreachadh a chreidimh gu minic air a stad, cha bhi e air a cheadachadh gu’m bitheadh an creidimh gu buileach a fàiligeadh. “Ghuidh mise air do shon nach fàilneachadh do chreidimh.” Na feòraicheadh neach, Cò de’n dà bhann so a tha’g aonadh an anama ri Criosd? dh’fhaodadh e bhi air a fhreagairt, gu’m bheil iad le cheile a co-aontachadh anns a ghnìomh so. An uimhir sin air banntaibh aonaidh ri Criosd.
(R’a leantuinn.)