Leis an Urr. IAIN MAC A’ CHOMBAICH, D.D., Lite.
(Air a leantuininn Vol. LVI. t.d. 310).
IV. B’e an ceathramh ceann coitcheann, Na foillsichidhean a tha againn air an aonadh so anns na Sgriobturann.
(1) Tha e air fhoillseachadh anns na Sgriobturann le coig samhlaidhean na coslasaibh.
I. Tha’n t-aonadh eadar a bhunait agus an togail air a cleachdadh gu bhi samhlachadh a mach an aonaidh so. “Tha sibhse mar an ceudna mar chlachaibh beo, air bhu togail suas ‘n ‘ur tigh spioradail, ‘n ‘ur sagartachd naomh, chum iobairtean spioradail a thoirt suas, taitneach do Dhia tre Iosa Criosd. Uime sin tha so mar an ceudna air a chur sios anns an Sgriobtur, Feuch cuiridh mi ann an Sion priomh chlach-oisne thaghta, luachmhor: agus an ti a chreideas ann, cha chuirear gu nàire e.” I. Pead, ii., 5, 6. “Air dhuibh a bhi air bhr freumhachadh agus air bhr togail suas annsan, agus air bhr daingneachadh ‘s a’ chreidimh,” Col. ii., 7. Mar tha’n togail air a ceangal ris, agus air a cumail suas leis, a bhunait, mar sin tha creidmheich air an aonadh ris, agus air an cumail suas le Iosa Crisd, a bhunait chinnteach a leagadh ann an Sion.
- Tha e air a choimeas ris an aonadh a tha eadar freumh agus meanglain an fhionain. “Is mise an fhionain, sibhse na geugan: an ti a dh’fhanas annam-sa agus mise ann-san, bheir esan mór-thoradh ‘uath: oir as m’eugmhais-sa cha’n urrain sibh aon ni a dheanamh.” “Fanaibh annam-sa agus mise annaibh-se. Mar nach urrain a gheug toradh a thoirt uaipe fein, mar fan i ‘s an fhionain, cha mho is urrain sibhse, mur fan sibh annam-sa.” Eoin xv., 4, 5. Nis, mar a ta aonadh dlùth eadar am meanglan agus am freumh, tre’m bheil am meanglan air a chumail suas agus a tarruig brigh bheo agus sùgh bho’n ffreumh, mar sin tha aonadh beo eadar Iosa, Freumh Dhaibhidh, an Fhionan fhior, agus creidmheich a tha fàs suas thughe-san. Mar thoradh air an aonadh so tha iad a co-phàrtachadh de bhuaidh bheo bh’uaith-san, tre’m bheil iad a fàs suas na’n craobhan fircantachd a shuidhlich an Tighearn. Bu luaithe a thàirneadh meanglan air a ghearaadh bho’n ffreumh beathachadh beo bh’uaith agus a dh’fhàsadh e, na cho-phàirticheadh duine nach robh air aonadh ris anns an t-Slànughear de ghràs bh’uaith. Tha’n t-aonadh so, mar an ceudna, leis an ffreumh agus am meanglan a tha air a shuidheachadh ann. “Oir ma chaidh ar suidheachadh maraon,” deir an t-Abstol, “ann an coslas a bhàis, bithidh sinn mar an ceudna air ar suidheachadh ann an coslas aiseirigh.” Rom. vi. 5. Tha’m fior chreidmheach air a chur, na air a shuidheachadh, ann an Crisd, chùm agus gu’n co-phàirtich e de’n àrach spioradail-a tha tighinn bho lùnachd-san.
(R’a leantuinn.)