Leis an Urr. IAIN MAC A’ CHOMBAICH, D.D., Lite.
(Air a leantuinn bho t.d. 24).
3. Tha e air a shamhlachadh anns na Sgriobtuire an leis an aonadh a tha eadar fear agus bean.
Mar so tha’n t-Abstol ag ràdh, “Air an aobhar sin, mo bhràithrean, tha sibhse mar an ceudna marbh do’n lagh tre chorpa Chriosd: ionns gu’m bitheadh sibh posda ri fear eile, eadhon ris-san a thogadh bho na maibh, chum gu’n tugamaid toradh a mach do Dhia.” Rom. vii., 4. “Óir is e am fear ceann na mnàtha, eadhon mar is e Criosd seann na h-eaglais: agus is esan Slànuighear a chuirp.” Ephes. v. 23. Mar nach eil am fear agus a bhean tuilleadh na’n dithis, ach na’n aon fheoil, do bhrigh an cùmhnant’ pòsaidh, mar sin tha’n Tighearn Iosa agus a shluagh creidmheach na’n aon Spior’ad.
4. Tha e air a choimeas ri aonadh dà mhìr fiodha a tha’air an tàthadh ri cheile le glaoth.
An neach ‘a tha air a cheangal, na mar a tha’m focal ‘s a cheud chanan a ciallachadh, air a ghlaodhadh ris an Tighearn, is aon spiorad, ach a thàthadh le glaoth. “O ‘m bheil,” a deir Pòl, “an corp uile, air a cheangal gu ceart, agus air a dlùthachadh tre an ni sin a tha gach alt a toirt uath, a reir oibreachadh eifeachdaich ann an tomhas gach buill, a faghail fàs cuirp, chum a thogail fein suas ann an gràdh.” (Eph. iv. 16.)
5. Tha e air a shamhlachadh a mach leis an aonadh a tha eadar an ceann agus na buill nns ‘a chorpa nàdurra.
“Agus is e ceann a chuirp eadhon na h-eaglais.” (Col. i. 18.) “Ach a labhairt na firinn ann an gràdh, gu’m fàs sinn suas anns na h-uile nithean thug-san, is e an ceann eadhon Criosd.” (Eph. iv. 15.) Mar a tha’n ceann agus na buill air an ceangal air a leithid de dhoigh ‘s gu bheil iad a tighinn gu bhi na’n aon chorpa nàdurra, mar sin tha Criosd agus na creidmich air an aonadh cho dlùth ‘s, gu’m bheil iad a tighinn gu bhi na’n aon chorpa diomhair, anns am bheil esan na chean agus iadsan ‘n a’m buill. Mar a tha aon spiorad, na anam, a beothachadh araon ceann agus buill a chuirp nàdurra, mar sin is e aon spiorad a tha beothachadh na beatha, araon do’n Cheann agus do bhuill a chuirp dhiomhair so. ‘S e so an samhladh is iomlaine air aonadh ri Criosd a tha ri fhaotainn anns an Sgriobtur.
Ged a tha’n diomhreachd mhór so air a samhlachadh a mach leis na h-eadar-dhealachaidh aonaidh so, gidheadh cha’n urrainn aon aca, na iad uile comhladh, nádur an aonaidh so a chur an ceill gu h-iomlan. Cha’n urrain an t-aonadh eadar a bhunait agus an togail a dheanamh; oir cha’n urrain gach clach anns an togail a bhi uile dlùth do’n cheann; ach tha gach creidmheach co-ionnan ann an Sion. Cha’n urrain an t-aonadh eadar am freumh agus na meanglain gu coimhlionta a shamhlachadh a mach, oir gabhaidh an t-aonadh sin gu furasd’ a bhi air a bhriseadh, ach cha ghabh an aon so bhi air a bhriseadh. Cha mho ni an t-aonadh eadar fear agus bean e, oir bithidh esan air a bhriseadh aig a bhàs, agus faodaidh an dara h-aon a bhi beo gu’n an ceangal is lugha ris an aon eile; ach tha so a seasamh an dearbhaidh an aghaidh a bhàis agus na h-uigh. Cha dean an t-aonadh a tha eadar nithean a tha air an glaothadh ri cheile a chuis. Tha’n t-aonadh so gu dearbh dlùth, ach tha’n t-aonadh eadar Iosa agus an creidmheach, beo, cho math ri bhi dlùth. Ni mo is urrain an t-aonadh eadar ceann agus buill a chuirp nàdurra a dheanamh, oir anns an aonadh so cha’n eil gach ball co-ionnan dlùth do’n cheann, am feadh ‘s a tha ‘s an aonadh dhiomhair so gach ball dlùth do Iosa.
(R’a leantuin.)