Leis an Urr. IAIN MAC A’ CHOMBAICH, D.D., Lite.
(Air a leantuinn bho t.d. 53).
(2) Tha e anns na Sgriobtur an air a chumail a mach le briathran is mo anns am bheil de bhrigh, agus is mo a tha toirt leo. “Chum gu’m bi iad uile ‘n an aon; chum mar a tha thusa, Athair, annam-sa, agus mise annad-sa, gu’m bi iadsan mar an ceudna ‘n an aon annainne. Athair naoimh, coimhead iadsan tre t’ainn, a thug thu dliomh-sa, chum gu’m bi iad ‘n an aon, mar tha sinne. Mise annta-san, agus thusa annam-sa, chum gu’n deanar coimhlionta iad ann an aon.” Eoin xvii. Cia cho maiseach, brioghmhor agus farsuinn a tha na briathran so!
(3) ‘S an aite mu dheireadh. Tha’n t-aonadh so air a shamhlachadh, anns na Sgriobtur, le co-ionnan còirichean. Tha’n creidmheach air a chur fodh ar comhair mar neach aig am bheil còir ann am fulangais Chriosd, “Tha mi air cheusadh maille ri Criosd”; agus Criosd air a chur fodh ar comhair mar neach aig am bheil aite ann am fulangais a chreidmheich. “Na’n uile àmhghair bha esan fodh àmhghair.” “A coimhlionaadh a mheud ‘s a tha dheigh-làimh a dh’àmhgharan Chriosd ann am fheoil” (Col. i. 24). Tha e air a rádh thaobh a chreidmheich gu’m bheil còir aig anns an aon Athair, agus anns na h-aon bhràithrean ri Criosd. “Inich chum mo bhràithrean, agus abair riu, Tha mise a dol suas chum m’Athar fein, agus ‘urn’Athar-se, agus a chum a Dhé fein, agus ur Dè-se.” Tha’n creidmheach air a chur fodh ar comhair mar neach aig am bheil còir ann am fireantachd Chriosd mar Fhear-urras, agus Criosd fodh ar comhair mar neach aig am bheil còir ann an naomhachd a chreidmhich. Tha còir aig ann am fireantachd an Fhir-shaoraidh, oir is e fireantachd Dhé ann-san; agus tha còir shònraicht’ aig Fear-saoraidh na’n naomhachd-san, oir tha e ga agradh, agus tha ghloir air a meudachadh leis. Tha’n dearbh chòir aig a tha aig Criosd fein, oir is oighre air Dia e, agus co-oighre maillle ri Criosd. “Thig mi ris, agus gabhaidh mi sibh a m’ionnsuidh fein: chùm far an bheil mise, gu’m bi sibhse mar an ceudna” (Eoin xiv. 3).
V. Tha mi dol a’ nis a dh’ionnsuidh an eòigeamh ceann coitcheann, gu bhi beachdachadh air a bhuaidh shònraicht’ a tha leantuin annadh ri Criosd mar a tha sin ‘s a cheann-theagaing.
“Ach an ti a tha ceangailte ris an Tighearn, is aon spiorad ris e.” ‘S e sochair do-rannsaicht’ a th’ann a bhi dh’aon Spiorad ris an Tighearn, agus is e sochair chinnteach agus neo-thruailte gach aon a tha ann an rathad beo air an aonadh ris.
(1) Nis, anns a cheud ait’, cha’d eil esan a tha ceangailte ris an Tighearn a dh’aon Spiorad ris gu do-sheachainte, ach a mhàin gu diomhair. “A nis is sibhse corp Chriosd, agus is buill sibh fa leth”; tha e gu diomhair a dh’aon spiorad ris. Tha Iosa agus an creidmheach eò dlùth air an ceangal agus gu’m bheil iad na’n aon, agus mar sin tha Criosd agus an Spiorad: ach tha Criosd agus an Spiorad beannaicht’ air an aonadh air a leithid de dhòigh agus gu’m bheil iad na’n aon gu do-sheachaint’, cha’n eil aig am pearsachan le cheil ach aon suspaimn; am feadh ‘s a tha’n Criosdaidh agus an Spiorad na’n aon gu diomhair. Ged nach eil suspaimn na Diadhachd eò cumanta do’n a chreidmheach agus a tha i do’n Spiorad, a chum a bhi ga’n deanamh na’n aon suspaimn, gidheadh tha’n t-aonadh a theorra eò dlùth agus nach eil iad ni’s moth a na’n dithis, ach na’n aon. Cha’n e mhàin gu bheil creidmhich na’n aon anns an Athair agus anns a Mhac, ach mar an ceudna anns an Spiorad.
(2) Esan a tha ceangeilte ris an Tighearna is aon Spiorad ris e, ‘s e sin, tha e air aonadh ris an Spiorad. Cha’n e mhàin gu’m bheil am fior Chriosduidh a gabhail ri Iosa Criosd an Tighearn ach tha e gabhail ris an Spiorad tre èisdeachd a chreidimh. Mar a tha e air aonadh ri Criosd anns a mhomaint anns am bheil e a gabhail ris, mar sin eò luath ‘s a tha e gabhail ris an Spiorad bheannaicht’ tha e air aonadh gu dlùth ris-san mar an ceudna. Tha’n Spiorad Naomh, mar Spiorad Chriosd, air fhoillseachadh anns a ghealladh; agus tha e dol a stigh gu buadhach do’n anam ann an latha na h-ath-ghinnhuinn, agus ‘nuair a tha e mar so ga aonadh fein ri anam a pheacaich, tha’n t-anam air a dheanamh comasach a bhi gabhail ris anns a ghealladh mar Spiorad Chriosd. Ge b’e àit ‘s am bheil aonadh ri Criosd, tha mar an ceudna ris an Spiorad annsan. ‘N uair a tha neach air aonadh ri Iosa mar a Shlànughear, tha e air aonadh ris an Trianaid uile annsan; ris an Athair mar Athair, ris a Mhac mar a Bhraithair is sine, agus ris an Spiorad bheannaicht’ mar an neach a tha ga naomhachadh agus a Chomhfhurtair. Tha so na thoradh a tha gu do-sheachaint’ a leantuin aonadh ri Criosd mar Eadar-mheadhonair. Uime sin, tha esan a tha mar so air aonadh ris an Tighearn Iosa air chor ‘us gu’r aon Spiorad ris e, da reir sin na aon Spiorad: tha’n Spiorad siorruidh agus e fein air an aonadh eò dlùth agus gu’m bheil iad na’n aon. O’ ciod e’n t-urran àrd, ciod e’n t-sochair luachmhor so.
(R’a leantuin.)