Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1952 » August 1952 » Aonadh ri Criosd

Aonadh ri Criosd

Leis an Urr. IAIN MAC A’ CHOMBAICH, D.D., Lite.

(Air a leantwinn bho t.d 81.)

(3) Tha e na aon Spiorad; tha co-roinn aig de na dearbh bhuaidhean agus oibrichidhean an Spioraid Naoimh agus a tha aig Criosd fein.

Ged a tha eadar-dhealachadh mòr anns an tomhas, gidheach cha’n eil ann an nàdur na’m buaidhean sin. Cha’n ann a reir tomhais a tha’n t-Athair a toirt an Spioraid do’n duine Criosd, ach tha e toirt do gach creidmheach a reir tomhas a chreidimh agus, gidheadh, tha gach seorsa buaidh a bha air an co-roinn ris an Aon mar Eadar-mheadhonair air an co-roinn ris an aon eile mar an ceudna. Tha gach neach a tha air an aonadh ris anns an t-seadh so na’n aon Spiorad ris. Am bheil an Spiorad Naomh a gabhail támh air Criosd an t-Eadar-mheadhonair, mar Spiorad na glóir? Tha e gabhail támh mar sin air gach anam creidmheach. “Tha Spiorad na glóir, agus Dhé a gabhail còmhnuidh oirbh.” (I Pead. iv. 14.) Am bheil e gabhail támh air mar Spiorad gliocais agus tuigse? Tha e air a dheanamh thairis mar sin dhoibh-san uile tha creidsinn. Gu’n tugadh Dia ar Tighearn’ Iosa Criosd, Athair na glòire, spiorad gliceais agus foillseachaidh dhuibh, ann an eolas air-san; sùilean ‘ur n’inntinn a bhi air an soilleireachadh, chùm fios a bhi agaibh ciod e dòchas a ghairm-san, agus ciod e saoibhreas glòir oighreachd-san anns na naoimh.” (Ephes. i. 17, 18.) Am bheil e gabhail còmhnuidh ann an Criosd mar Spiorad comhairle? Mar sin tha e mar an ceudna anns a chreidmheach. “Le’d chomhairle stiùraibh tu mi.” Am bheil e gabhail còmhnuidh air Criosd mar Spiorad eòlais? Tha e gabhail còmhnuidh mar sin air gach ball de chorp diomhair. “Agus cha teagaisg iad gach aon a choimhearsnach, agus gach aon a bhràthair, ag ràdh, Gabh eolas air an Tighearna: oir bithidh eòlas aca uile orm, ‘o ‘n neach is lugha gus an neach as mo dhiubh.” Tha’n Spiorad a gabhail còmhnuidh ann an Criosd mar Spiorad cumhachd, agus uime sin air creidmhich mar Spiorad cumhachd. “Oir cha d’ thug Dia dhuinn spiorad na geilt, ach Spiorad a chumhachd.” Am bheil e gabhail còmhnuidh air Criosd mar Spiorad na beatha? Ann an sin rinn Spiorad na beatha ann an Iosa Criosd na naoimh saor bho lagh a pheacaidh agus a bhàis. Am bheil e gabhail còmhnuidh ann an Iosa mar Spiorad Aoibhneis? Tha e gabhail còmhnuidh mar sin na bhuill uile. “Agus guidhidh mise an t-Athair, agus bheir e dhuibh Comhfurtair eile, chùm gu fan e maille ruibh gu bràth.” Am bheil e gabhail còmhnuidh air Criosd mar Spiorad na firinn? Tha e gabhail còmhnuidh mar sin na sluagh uile. “Ach ‘n uair a thig esan, Spiorad na firinn, treòraichidh e sibh chùm gach uile fhìrinn.” Tha e gabhail còmhnuidh anns an Tighearna Iosa mar Spiorad eagail an Tighearna, agus tha na creidmhich uile ga mhealtainn mar sin. “Agus cuiridh mi m’eagal ‘n an cridhe, chum nach dealaich iad rium.” Am bheil e gabhail còmhnuidh ann an Criosd mar Spiorad gràis? An sin, a’ mach as a lànachd gheibh creidmhich gràs air son gràis. Am bheil e gabhail còmhnuidh ann an Criosd mar Spiorad na naomhachd? Tha e gabhail còmhnuidh mar sin ann an cridhe gach creidmheach, ga dheanamh naomh ann an co-chòrdadh ri iomaigh-san, mar an ceud-ghin am measg mhòran bhràithrean. Ged a tha an Spiorad beannaicht’ a tighinn a mach bho’n a Mhac mar Dhia, gidheadh tha e air a cho-roinn ris, mar Eadar-mheadhonair agus mar dhuine, agus ris gach ball dhe chorp diomhair.

(R’a leantuinm.)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Enter in at the straight gate 17 May 2026
  • Zeal of thine house 17 May 2026
  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice