Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1952 » September 1952 » Aonadh ri Criosd

Aonadh ri Criosd

LEIS AN URR MAC A’ CHOMBAICH, D.D., Leith.

(Air a leantuininn bho t.d. 109.)

(4) ‘S an àite mu dheireadh. Tha esan a tha air aonadh ris an Tighearn’ Iosa na aon Spiorad; oir tha e dhe’n aon inntinn ri Criosd. Dh’ionnsuidh so tha’n t-Abstol a comhairleachadh nan creidmheach ann am Philippi. “Uime sin bitheadh an inntinn cheudna annabh-se a bha ann an Iosa Criosd.” (Phil. ii. 5.) Cha’n eil aon air aonadh ri Criosd ann an rathad beo ach a leithid agus a tha air a dheanamh comasach air a bhi co-chòrdadh ris ann am beachdan, miannaibh, agus aignuidhean; seadh cha’n eil aon ach iadsan a tha’g aontachadh ‘n a chùmhnant’ gràsmhor, agus a tha gu dichiollach a leantuininn cleachdach creidimh agus naomhachd.

  1. Bho’n a chaidh a radh mu’n chuspair so faodaidh sinn a bhi faicinn bonn sònraicht’ air son comhfhurtachd do’n chreidmheach. Is e aonadh ri Criosd urras a chreidmheich air son gach uile dhion agus ullachadh gràsmhor bho Dhia. ‘N uair a tha cùram aig Iosa do’n anam ghràsmhor tha cùram aig dhà fein. ‘Nuair a tha peacach bochd a dol dhachaidh gu Criosd, agus e air aonadh ris tre chreidimh, tha a chàirdean feolmhor a tòiseachadh air a thilgeadh bh’uaitha. Ach bitheadh misneachd mhaith agaibh; ghabh Criosd ribh. Ciod e, ged a bhitheadh greann air seirbheiseach ‘n uair a tha’m Maighstir a cur fàillt’ oirbh. Bitheadh comhfhurtachd mhaith agaibh, oir ged a tha iomadh uireasbhuibh oirbh, gidheadh ‘n uair a tha sibh air ‘ur ‘n aonadh ris an Tighearn Iosa, tha sibh air ‘ur ‘n aonadh ri lànachd a tha eur thairis.

  2. Uime sin chi sinn an so bonn air son mór ioghnadh. Tha Criosd agus an creidmheach air an aonadh gu dlùth ri cheile. Tha’n Cruithear air aonadh ris a chreutair: neart air aonadh ri amhuinneachd, solus ri dorchadas, lànachd ri falamhachd, agus beatha ri bàs. O Chriosduidh, gabh ioghnadh agus cluithach dìomhàireachd do-labhairt an aonaidh so. Tha creidhich na’n craobhan fireantaichd, a shuidhich an Tighearn’, chum agus gu’m bitheadh e air a ghlòrachadh; agus, gidheadh, cha’n eil iad a fas bho am freumh fein ach bh’uaith-san is e Freumh agus Gineil Dhaibhidh.

  3. Bh’uaithé so faodaidh sinn a thuigsinn bonn sònraicht’ air son na naoimh a bhi buannachadh; tha iad gu beo air an aonadh ris an Tighearn Iosa. Tha’m beatha-san agus a Bheatha-san air an ceangal suas ri cheile; agus do bhrigh gu’m bheil esan beo bithidh iadsan beo mar an ceudna. Cha’n urrainn an creidmheach a tha air a shuidheachadh ann an Criosd a bhi gu bràth air a dhealaichadh bh’uaithé. Bithidh meanglan craoibhe air uairibh air a ghlusad leis an stoirm, na eadhon air a chromadh sìos le làimh duine, agus gidheadh leanaidh e ris an stoc; agus ‘n uair a theid an stoirm thairis, na leigeas làmh an duine as e, éirigh e mar a bha e roimhe. Air an doigh cheudna, faodaidh an creidmheach a tha air aonadh ri Criosd a bhi air a ghlusad gu h-anabarrach leis na doinneanan, agus gun chomhlurtaichd aige, agus faodaidh e bhi coltach ri bhi air a spionadh bh’uaithé; ach air dha bhi fathasd gu beo air a cheangal ris, eirigh agus beothaichidh e a ris. “Ged ghluis mi ann am meadhon àflighair, ath-bheothaichidh tu mi.” Salm cxxxviii, 7.

  4. Faodaidh sinn bh’uaithé so fòghlum cho peacach agus cho cunnartach ‘s a tha e bhi geur-leanmhuinn, na ann an rathad air bith eil’ a bhi goirteachadh aon de na naoimh; tha iad gu dlùth air an aonadh ri Iosa Criosd, agus ni air bith a tha air a dheanamh air an aon is lugha dhiubh tha e air a dheanamh air-san. Tha iad na’n aon Spiorad ris; ‘n uair a tha iad air an h’imeas tha esan air a dhimeas; ‘n uair a tha iad air an geur-leanmhuinn tha esan air a gheur-leanmhuinn. Esan a bheanas ribhse beanaidh e ri cloich a shùl-san. “A Shaul, a Shaul, c’ar son a tha thu ga’n a gheur-leanmhuinn-sa?” Cuimnich, O pheacaich, a thu ri dìmeas, am feadh a tha thu a dìmeas an fhir Criosduidh gu’m bheil thu a dìmeas Criosd fein. “Esan a dhiultas sibhse, tha e ga’m dhiultadh-sa; agus an neach a dhiultas mise, tha e a’diultadh an tì a chuir ‘uaithé mi.” Luc. x, 16. Tha bhur briathran cruaidh an aghaidh a chreidmhich air an sgriobhadh sìos mar an urad de mhaslaidhean air an labhairt an aghaidh Criosd fein; agus, mar a bac tròcair e, bithidh sibh air ‘ur gairm gu freagairt air an son.

  5. Cia cho diamhain agus cho mealta ‘s a tha do dhaoine a bhi cumail a mach gu’m bheil iad air an aonadh ri Criosd, gu’n a bhi na’n luchd-comphàirt de a Spiorad? “Mur eil Spiorad Chriosd aig neach cha bhuin e dha.” Mu’r eil an Spiorad a tha gabhail còmhnuidh gu’n tomhas ann an Criosd, a gabhail còmhnuidh annta, cha’n eil iad na’n aon Spiorad ris. Mo thruaigh! tha coltas air moran a bhi gabhail greim de Iosa Criosd, a tha fhathasd ag itheadh an arain fein, agus a caitheamh an aodaich fein, agus nach eil ach a mhàin air an gairm air airm-san. Tha iad ga’n ainmeachadh fein air a Chaithir naoimh, agus a leigeil an taic ri Dia Israel; agus a deanamh luaidh air Dia Israel; ach cha’n ann am firinn no ann an ionracas. Isaiah xlviij, 1, 2. Cha’n eil nì nì’s diamhain agus nì’s mealta na coslas falamh diadhachd.

  6. Bh’uaithé so fòghlumaibh cia cho daingean agus a tha e mar fhiachaibh air a chreidmheach a bhi gràdhachadh agus a cleachdadh naomhachd. Is e bhi torach ann an deagh oibre fior chrioch an aonaidh bheo a tha eadar e agus an Tighearn Iosa. Am bheil aon agaibh air bhur ‘n aonadh ri Criosd mar an Ceann a thaobh buaidh is naomhachaidh? An sin tha sibh ceangailt’ a bhi ga ghràdhachadh le gràdh do-labhairt mòr, agus a bhi gràdhachadh agus a cleachadh naomhachd ‘n ar ‘n uile chaith-beatha. Tha fios agaibh anns a chorp nàdurra ma tha’n ceann ann an cunnart, tha na lamhan air an eur suas gu bhi ga dhion. Tha sibh fodh fhiachaibh anns an tomhas is àirde, ann an cridhe a ghràidh dhuibh, a bhi gràdhachadh bhur Fear-saoraidh le’r ‘n uile chridhe, agus a bhi deanamh seirbhis dhà, ga thoileachadh agus ga ghlòrachadh, le ‘ur cuirp agus le ‘ur spioradaibh, is leis-san. O bitheadh suim mhaoth agaibh do urram an Fhir-shaoraidh mhòir, agus na measaibh a ghlòir sin a bhi air a thoirt dhuibh-se a tha air a toirt Dhà-san.

  7. Bh’uaith’ so fòghlumaibh c’ar son a tha’n Tighearn’ Iosa cho maoth a nochdadh co-fhaireachadh da shluagh na’n uile àmhghairibh; agus c’ar son a tha co-fhaireachadh aca-san ris-san anns gach eas-urram a tha air a thoirt dhà. Is ann do bhrigh gu’m bheil esan agus iad-san air an dlùth-aonadh ri cheile. Tha co-fhaireachadh ri cheile ag eirigh bho aonadh. Ged tha Criosd a thaobh a Phearsa gu neo-chriochnach ‘os ceann gu’n ruig àmhghair air bith air, gidheadh tha Criosd gu diomhair fosgailt’ do àmhghairean dhe gach seorsa, agus a eur feum air a bhi air fhuasgladh. “‘N an uile àmhghair bha esan fo àmhghair: agus rinn aingil a làthaireachd an tearnadh.” Isaiah lxiii, 9.

  8. Bh’uaith’ so faic bonn molaidh agus buidheachais. Cia cho taingeil, O chreidmhich, ‘s a bhuneadh dhuit a bhi ‘n uair a bheachdaicheas tu air gràdh do-labhairt t-Fhear-saoraidh gràdhach dhuit-sa, ann a bhi gabhail a leithid de dhuslaich agus de luaithre, a leithid de pheacach salach, neo-airidh agus ceannaireach agus a tha thu gad aideachadh fein a bhi, ann an aonadh agus ann an co-chomunn dlùth ris fein.

(R’a leantuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Zeal of thine house 17 May 2026
  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice