LEIS AN URR IAIN MAC A’ CHOMBAICH, D.D., Lite.
(Air a leantuin bho t.d. 136.)
-
Bh’o’n chuspair a tha fo’r comhair, faodaidh sinn a bhi faotainn chomharraidhean air son dearbhaidh. Am bheil sibh gu beo air bhur n’aonadh ri Criosd, no nach eil? ‘S e so ceisd a tha cudthromach anns an t-seadh is àirde. Ma tha sibh air bhur n’aonadh derris, tha bhur chridhe, tre naomhachadh an Spioraid, a ghnàth a tionndadh an aghaidh gach seorsa peacaidh: tha sibh air bhur dealachadh ris a pheacadh tre bhròn, agus bh’o’n fhein tre ioraslachadh. Tha’n t-aonadh eadar bhur chridhe agus peacadh aithnichte air a bhriseadh. A ris, ma tha so mar so, thainig sibh gu toileach a dh’ionnsuidh an Tighearn Iosa, agus tha bhur chridhe ag earbsa ann air son a shlàinte mhór uile. ‘N uair a tha chridhe na bean-phòsda aig an fhear-phosda is e pósadh ceart a th’ann. Ma tha sibhse, mar sin, gu suilbhear ga’r toirt fein thairis do’n Tighearn Iosa, agus ag ràdh, “Is e so Fear mo Ghràidh, agus is e so mo Charaid,” is e deadh fliannuis a th’ann gu’n d’rinn se e fein thairis dhuibhse, agus nach fhàg agus nach treig e sibh am feasd. Am bheil sibh aig amaibh fo eagal gu’m bheil sibh a dh’easbhuidh aonaidh ri Iosa Criosd? Air barrantas taigse an t’soigeil, thigibh as ùr ga ionnsuidh, agus gu h-iorasal earbaibh gu’n aom e sibh ris fein, agus gu’n leig e stigh sibh a dh’ionnsuidh co-chomunn ris na fhreantachd agus na shlàinte. Am bheil sibh a gràdhachadh agus a leantuin as deigh naomhachd, araon ann an chridhe agus ann am beatha, agus fadachd oirbh air son gu’m bitheadh e air a thoirt gu ionlanachd? Ann am focal, cha’n urrain dhuibh tlaichd a ghabhail ann an ceangal no ann an comhfhurtachd air bith eil, am feadh ‘s a tha sibh a meas nach eil Criosd air aonadh ribh? Agus an e ‘ur mian a ghnàth agus ‘ur ‘n oidhearpa a bhi dlùth-leantuin ris ann an àmhghair agus ann an geur-leannhuinn, cho math ri ann an soirbheachadh. Ma tha e mar sin, is comharradh e gu’m bheil sibh air ‘ur ‘n aonadh ris, agus gu’m bheil sibh na’r fior chreidmhich.
-
Bitheadh impidh air a chur oirbh, (1) Gàirdeachas a dheanamh ‘s an Tighearn Iosa. Beachdaichibh ciod e am freumh do’n chraoibh; ciod e caraid do charaid; ciod e fear-pòsda da bhean-phosda; agus ciod e athair d’a leanaoh gràdhach; mar sin tha Iosa dhuibhse, a chreidmhich. (2) Creidimh gu làitheil le earbsa muinghineach ann. Tha sibh air ‘ur ‘n aonadh ris mar tha gheug ris an ffreumh. Tha a gheug a taiceachadh air agus a tarruig a bearthachadh uile bho’n stoc. (3) Oidhearpaichibh as deigh inntinn neamhaidh. Tha sibh air bhur ‘n aoanadh ri Chriosd a tha air árdachadh os ceann na’n uile neamh, agus air eirigh maillle ris; iarraibh, uime sin, na nithean a tha shuas. (4) Bithibh gle fhaicealach nach geill sibh do mhiann peacach air bith. Tha sibh air bhur ‘n aoanadh ris an Tighearn Iosa air a leithid de dhòigh agus gu’r aon Spiorad ris sibh. Na tugaibh fasgadh na’r chridheachabh do spiorad neo-ghlan maillle ri Spiorad Chriosd. (5) Bithibh air bhur sgeadachadh le ioraslaichd. Tha sibh da’ireadh ann an deagh-ghean mór agus air ‘ur ‘n árdachadh, ach cuimhnicibh nach sibhse a tha giúllain an ffreumh ach am freumh sibhse. (6) Deanamh dichioll air a bhi ni’s mothla agus ni’s mothla ‘ur ‘n aoanadh na’r measg fein. Oidhearpaichibh a bhi gleidheadh aoanadh an Spioraid ann an ceangall na sithse. “Is aon chorp agus aon Spiorad a tha ann, amhail mar an ceudna a ghaireadadh sibh ann an aon mhuinghin ‘ur gairm.” Bithibh mar a bha na ceud Chriosduidhean, a dh’aon chridhe agus a dh’aon slighe. (7) Fàsaibh ann an gràdh brataireil,” oir is buill sibh da cheile; “agus cha’n urrain neach gràdh a bhi aige do’n cheann agus fuath do na buill.
Ann an àite mu dheireadh, bitheadh impidh air a chur oirbh, sibhse nach eil air bhur ‘n aonadh ris an Tighearn Iosa, am feadh ‘s a tha sibh a buannachadh na’r coigrich air, nach urrain beatha spioradail a bhi agaibh, no fior naomhachd; agus as eugmhais naomhachd cha’n fhaic neach air bith an Tighearn. An ti aig am bheil am Mac tha beatha aig’, agus an ti aig nach eil Mac Dhé cha’n eil beatha aig. Cia mar is urrain comhfhurtachd spioradail a bhi agaibh am feadh ‘s a tha sibh dealaicht’ bho Shòlas Israel; na solus spioradail ‘n uair nach eil sibh air ‘ur ‘n aonadh ri Solus an t-saoghail? Cia mar is urrain sith ri Dia a bhi agaibh ‘n uair a tha sibh na’r coigrich air Priomnsa na Sithse; na beatha, ‘n uair a tha sibh dealaicht’ ris an Aiseirigh agus a Bheatha? O creidibh cur an ceill agus taigseachan an t-soisgeil ghlormhór, le co-chur dhoibh ribh fein, agus earbaibh gu tur anns an Tighearn Iosa air son slàinte iomlan. Ann an so tha Slànuighear freagarach, co-cheangal air a dheagh òrduchadh, agus coibhrionn chinnteach dhuibh. Ann an so tha geallaidhean luachmhór gu sibh a ghabhail riuth’, agus fireantachd a tha gu neo-chriochnach airidh gu sibh a dhùnadh rithe. Tha iad so uile air an taigse dha na h-uile aon agaibh; chum ‘s gu’m bitheadh barrantas aig gach aon agaibh, gu bhi ‘g earbsa ann an Iosa agus na fhireantachd, agus a bhi taiceachadh air a gheallaidhdhean, air a leithid de dhòigh, agus gu’m bitheadh aoanadh agus co-chomunn agaibh ris, ann an uile shaoibhreas a ghràis agus a ghloir.—Eadar-theangaicht’ le Iain Mac a’ Ghombaich, Gleann-dail.