Nòt Bho DHR. KENNEDY.
Bha Dr. Kennedy a labhairt là éigin ann an Leabaídh na Ba Bàine, an Gearrloch, ‘o ‘n cheann-teagaig sin: “Air eachaibh cha dean sinn marcachd.” Hosea xiv, 3. Ann an cúrsa a theagaig thubhairt e mar so:
“B’e a’ cheud each, air an do mharcaich e so, Ladarnas. Cha robh àithne, eadar da chlìr an lagha, nach leumadh Ladarnas, agus an duine air a mhuin. Chunnaic e nach deanadh an t-each so a ghnothach, agus gur ann a dh’fheumadh e chuir bh’uaithhe.
B’e an dara h-each, air an do mharcaich e, Stuaimeachd. Bha Stuaimeachd cho ciatach, ‘s gu’n deachaidh a chliù air feadh na dûthcha.
Ach chunnaic e rithied, ma bha Stuaimeachd ciatach, gur h-e a bhitheadh ro-chiatach Fialaidheachd. Agus, ma chaidh cliù Stuaimeachd air feadh na dûthcha, chaidh cliù Fialaidheachd air feadh nan duthechannan. Rachadh Fialaidheachd a mach a dh’ ëigheach ri luchd an rathaid mhòir: ‘Thig a stigh, tha am pàthadh ort, agus theagamh gu’m bhell an t-ocras ort.’ Threatadh Fialaidheachd an neach, a bheireadh e stigh, leis na h-uile ni a bhitheadh a dh’ easbhuidh air.
Chunnaic e nis, ma bha Fialaidheachd cho maith sud, gur h-e a bhitheadh ro-mhaith each geal an aideachaidh. Thuair e, mar sin, each geal an aideachaidh, agus bha an diallaid cho geal ris an each. Ach
ciod e am maith a rinn sin do bhrònain, ‘s gur h-ann le dha bhròig as an òtraich, a chaidh e anne an diallaid? Chitheadh luchd an rathaid mhòir nach robh na brògan air am bruisheadh. Ach, mu dheireadh, ‘s ann a bhris am fear, agus chaidh an t-each a thoirt ‘uithe. Ach thugadh dha each geur, ruinnseach, ruadh, dh’am b’ainn Geur-agartasan-ceartais, air nach do luidh sgiola feola riamh, agus bha a chnàmhan ionnan as troimh’n chriocionn. Cha bhitheadh diallaid air, agus, gach duine a rachadh air a mhuin, bhitheadh e ga ghearradh gu’n smior-chailleach, na ghallop, agus dh’éigheadh am fear a bh’air a mhuin.
Maille ris gach diom buaidh a bha air, cha deachaidh a cheann riamh a bhriseadh, agus rachadh e mar-a thoilicheadh e fein. Là de na làithibh, dh’fhalbh e, agus an duine air a mhuin, agus chunnaic an duine gu maith e’aitè an robh e a dol:—a dh’ionneuidh sluichd de chlàbar làthaich, gun ghrùnd. ‘N uair a ràinig e beul an t’sluichd de chlàbar làthaich, gun ghrùnd, leum e ann, agus an duine air a mhuin. Thug an t-each spriadadh le uile neart, agus, anns an spriadadh, chaidh an duine a mach air mullach a chinn. Eadar dha falbh dhe’n each agus tuiteam anns an t-slochd, ‘s ann a dh’ fhosgail e a bheul, agus e a dol a dh’eigheach’ Tròcair’; ach, mu’n d’fhuair e ‘ Tròcair ‘ a ràdh, ‘s ann a bha bheul làn de chlàbar an t-sluichd, agus cha robh focal aige. Bha a chuinneanan làn de chlàbar an t-sluichd, agus cha robh tarruig anail aige, bha a shùilean agus a chluasan làn de chlàbar an t-sluichd, agus cha’n fhaiceadh e ‘s cha chluinneadh e. Ach cha d’fhuair Tròcair cothrom riamh air, teachd ‘na rathad gu ruig so. Spion Tròcair leatha e, agus thòisich Tròcair air glanadh a bheul, ‘o chlàbar an t-sluichd, a chuinneanan ‘o chlàbar an t-sluichd, a shùilean ‘s a chluasan ‘o chlàbar an t-sluichd. A cheud tarruig anail a thuair e, ‘s ann a sheinn e air cliù Tròcair, agus lean e air seinn air cliù Tròcair tuilleadh, ach ‘n uair a gheibheadh e fuachd, agus a bhitheadh an onatan ‘s an tùchadh air. Sguir e a mharcachd a nis, agus bha aig ann am moladh Tròcair a nis: Air eachaibh cha dean sinn marcaich.’
Chuala sinn an nòt urramach so bitteanta air a h-aithris ann an rathad anabarrach mi-choimhlionta, agus tha sinn an so ga toirt seachad mar a tha i anns a Mhiosachan so, Leabhar xx.t.d. 200. Tha i ann an sin mar a chuala sinn i aig seann daoine a dh’eisd ri Uilleam MacBeathaig, a bh’air a Chomraich, ga h-aithris mar a chuala esan i bho bheul an Doctair Cheannadaich.—Iain Mac a Chòmhaich.