Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1953 » March 1953 » Suipeir an Tighearn. LE EANRUIG GROVE

Suipeir an Tighearn. LE EANRUIG GROVE

Tha’n creidimh Criosdail a tha againn ann an Egriobturan an Tiommaidh Nuaidh, air ainmeachadh mar sin do bhrigh gu’r e creidimh Iosa Criosd e, a theagaig e, ann an cuid, na phearsa fein am feadh a bha e air thalamh, agus na bu laine le abtoil an deigh dha dol suas gu neamh; bho na chuir e a Spiorad Naomh a nuas orra, a chùm an treorachadh do na h-uile fhirinn; agus le tiodhlacabh theanganan agus cumhachd a bhi’g oibreachadh mhiorthuilbh rinn e comasach iad a bhi ga chraobh-sgaoladh agus ga dhaingneachadh anns an talamh uile. Am measg mhóran nithean a tha nochdadh oirdhearceas mór a chreidimh so, cha’n e mhain os ceann creidimhean meallta an t-saoghail so, ach eadhon os ceann Mhaois fein (ged a thainig esan mar an ceudna bho Dhia) cha’n eil sinn gu bhi meas so na aon de na nithean is lugha, gur e scirbhie reusanta agus spioradail a tha ann; oir cha’n eil ach dà dhleasdanas co-cheangailt ris ann an rathad àithne; ‘s e sin nithean nach bitheadh gu bràth na’n dleasdanas gun àithne shònraicht agus theann bho Dhia air an son. Agus ‘s iad sin Baisteadh agus Suipeir an Tighearn. Tha’n cleachdadh corporra co-cheangailt ris an dithis sin, ann fein, na ni neo-chudthromach, agus tha e ceangailt air daoine, a mhain do-bhrigh gu’n robh e air òrduchadh le aon nach urrainn sinn coire fhaotainn dha ùghdarras.

Leis a bhaisteadh, ghabh iadsan a ghabh ri teagasg slàintis tre Chriosd, orra fein a bhi’g aideachadh sin gu foilleasach, agus bha air an gabhail a stigh air aireamh a dheisciobuil; mar a tha gach neach, air a mhodh cheudna, dha’m bheil am baisteadh air a fhrithealadh a ni’s. Le bhi suidh sos aig Suipeir an Tighearn, tha sinn ag oidhearachadh a bhi cumail beo annain fein, agus a bhi cumail suas anns an t-saoghail, cuimhne Ughdar Neamhaidh a chreidimh sin, a dh’ionnsuidh an robh sinn air ar gabhail a stigh leis a bhaisteadh. ‘S e so iomradh soilleir air an dà òrdugh shoigsealach so a thaobh ceud chrioch choitcheann gach aon dhiubh. Tha cheud aon a deanamh gnothach ni’s dlùithe do’n a chreidimh fein a tha sinn ag aideachadh; tha’n aon mu dheireadh a deanamh gnothach ri Ughdar a chreidimh, oir mar chuimhneachan air, tha’n t’òrdugh so ri bhi air a choimhead tre gach uile ghinealach.

Tha reusan nàdurr a teagasg dhuiinn air do dhaoine fianuis ni’s leoir a bhi aca air firinn an t-soisgeil, gu’m bu chòr dhoibh gu toileach a chreidsinn agus gabhail ris, agus air dhoibh a chreidsinn, e bhi fior gun aidicheachadh iad gu foilleasach e; ann an cainnt eil, ‘s a dleasdanas moralta tha’n so. Ach cha’n eil an ceangal fodh’m bheil iad, a bhi’g aideachadh an creidimh le ordugh sònraicht a bhi baisteadh le h-uig ann an ainn an Athar, agus a Mhie agus an Spioraid Naoimh. ag eirigh bho nàtur an òrduigh fein, ach a mhain bho na so, gu’n do shuidhich Dia e. Mar sin, mar an ceudna, gu’n cuimhneachadh-mid le taignealachd iadsan a rinn maith dhuiinn, agus an cuspair sin, uime sin os ceann gach neach, a dhearbh e fein an caraid is mothá bha riámh aig clann na’n daoine. Cha leig reusan agus gach prionnsabal suaireicis, leinn a bhi aineolach air. Ach air son a bhi cur air leth arán agus fion, a chum an fheum so, le úrnuigh shólaímte, agus ga iúl agus ga ól, mar chuimhneachan air ar Tighearn beannaicht, cha’n eil úghdarras eil againn ach àithne theann-san, “Deanamh so mar chuimhneachan orm-sa.” Tha so ri bhi air a rádh mu’n dà òrdugh so, nach eil, na’n cleachdadh, ni air bith eudthromach na duilich, agus gabhaidh iad gu furasda an co-chur mar chomharaidhean nan nithean a tha air an samhlachadh leo; ni gu’n amharus is aon aobhar air son iad a bhi air an ròghnachadh le ar Slanuighear air son na criche so. Tha mi’g rádh “aon aobhar,” cha’n e “an aon aobhar”; oir maille ri so tha e coltach gu’n robh aobhar eil ann, ‘s e sin, a chum agus nach dealaicheadh e ni b’ fhaide na b’eiginn bho chleachdaidhean nan Iudhach, a’ measg an robh iomadh gne ionnlaid mar chuid dhe’n creidimh; mar sin thainig Eoin, a roimh-ruithear-san, a baisteadh le uisg, mar shamhlachas air an aithreachas sin leis an robh iad air an ullaichadh air son rioghadh neamh, na linn an t-soisgeil a bha’n sin aig làimh. Agus ann an itheadh na càisg, b’c an cleachdadh-san, air dhoibh arán a ghabhail, a bheannachadh agus a bhriscadh, agus àireamh de chupain fhion a bheannachadh, aon dhiubh a bha gu sonraicht air ainmeachadh “cupan a bheannachaidh”; ni is e’n dearbh ainn a tha Pòl a toirt air a chupan ann an Suipeir an Tighearn (I Cor. x, 16). Ach air do ar Slanuighear na h’òrdughean sin a ghabhail a stigh do’n eaglais Chriosdail, tha e ceangal ciall agus feum eil riubh, agus ag òrduichadh briathran eile na’m frithealadh. Ann am focal, air do’n duine a bhi na chreutair, gu mór air a ghluasad le cheud-fathan, agus mar sin tuilleadh is ullamh air a bhi di-chuimhneachadh nithean spioradail agus neo-fhaicsinneach chunnaeas iomchaidh do na Ghliocas Shiorruidh, an fhad so, comhnadh a dheanamh le annhuineachd, le bhi sgeadachadh ar creidimh ro-naomh leis an dà fhoillseachadh shamhlachail so; agus do bhrigh agus nach eil ann ach a dhà, agus, air mhodh sonraicht, a freagairt an criche, cha’n eil feum air ni an còr a rádhg bhi ga’n dion.

Tha na h’òrdughean deas-ghnàthail so gu cumannna a dol fodh’n ainn sàcramaid, agus, ged nach e ainn Sgriobturail a th’ann, ach air a thoirt bho chaint agus bho chleachdadh nan Ròmanach, gidheadh tha e air a chumail, agus air a chleachdadh gu coitcheann, do bhrigh gu’n robh e’n toiseach a ciallachadh a mhionnan a bha na saighdearan a gabhail gu’m bitheadh iad dileas do’n cheannard. Tha e mar sin gu ceart air a ghabhail gu bhi ciallachadh an t-eud gràdhach agus an dileachd neo-chlaon a tha luchd-leannmhinn Iosa, anns a bhaisteadh agus ann an Suipeir an Tighearn ag aideachadh agus a gealltuin do Cheannard an Slainte.

(R’a leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice