Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1953 » April 1953 » Suipeir an Tighearn.

Suipeir an Tighearn.

LE EANRUG GROVE.
(Air a leantruinn bho h.d. 312.)

Earrann I.

(1) Tha na sàcramaidean so (1) A ciallachadh gu soilleir gu’m bheil an duine ann an staid claonaidh agus fadachd-as bho Dhia. Tha ciall nan sàcramaidean so ga nochdadh, oir, Ciod e th’anns a bhais-teadh? Cha’n e cur air falbh salchar na feoladh, ach a bhi air ar deanamh glan agus neo-thruaillidh ann am fianuis Dhe. Tha e air a ràdh mu Chriosd gu’n do ghràdhaich e’n eaglais, agus gu’n d’thug “se e fein air a son; chìm gu naomhaicheadh, agus gu’n glanadh e i le ionnlaid an uisge tre an fhoical. Chìm gu’n cuireadh e’ na lathair fein i ‘na h-eaglais ghìlormhor, gun smal, gun phreasadh, no ni air bith d’an leithidibh sin; ach chìm gu’m biodh i naomh, agus neo-lochdach.” Tha’n naomhachadh, na’n glanadh so, “tre’n fhoical,” na teagasg an t-sogeil, air a chompanachadh le obair an Spioraid Naomh, agus maille ri ionnlaid le h-uisc, na’m baisteadh, mar shamhladh air glanadh moralta ‘s an taobh a stigh, Ach cò iad aig am bheil feum air glanadh ach iadsan a tha salach? ni tha nochdadh, gus am bheil sinn air ar naomhachadh le focal Dhe (agus an naomhachadh so air a chur an ceill le baisteadh bho’n leth a’ muigh) nach urrainn sinn Dia a thoileachadh. A rithisd, Ciod e Suipeir an Tighearn, a thaobh cuid shònraicht’ dhe ciall, ach cuimhneachan air an iobairt-reitich a bha air a deanamh le bàs Chriosd as leth dhaoinne? Agus cò ach creutairean peacach agus ceannairceach a chuireadh feum air iobairt-reitich a bhi air a tairgse air an son? An fhaid so, ma ta, cha’n eil anns na h-òrduighean so ciall comhfhurtail. Ach,

(2) Tha iad na’m fianuis di-bheath-te agus shoilleir air an duine bhi ann an staid anns an gabh e bhi air a thearnadh. ‘S e sin, ged tha suidheachadh an t-sloichd pheacaich so, as eugmhais gràs agus trocair Dhe, na shuidheachadh ro-mhuladach, gidheadh, tre na ghràs so, cha’n eil e gun dòchas, ach calg-dhireach an aghaidh sin, agus tha òrduighean a bhaistidh agus Suipeir an Tighearn a dh’aon aobhar air an suidheachadh, ann an co-cheangal ris na meadhanan gràis eile, gu bhi ga ar toirt a stigh agus ga ar togail suas ann an staid slàinte tre Iosa Criosd; is iad so seulaichean a cho-cheangail gràis sin anns an deachaidh Dia a stigh gu gràsmhor ri daoine peacach, a chum a bhi foillseachadh a tròcair neo-chriochnach a nàduir, a mhòr-thlachd ann am fireantaichd agus ùmhlachd a Mhic ro-ghràdhaich, an t-Eadar-mheadhonair mòr. Agus ann an so biodh e na aobhar aoibhnis dhuinn, agus na obhar buidheachais do ar Dia tròcaireach, a’n uair, tre pheacadh a cheud duine Adhamh, agus an laigse agus a mhi-rian a dh’aobhraich sin ann an nàdur na daonnachd, agus nach robh’n còr aite do chùmhnantana neo-chiontais, gu’n d’thug an Dara Duine, an Ti is e’n Tighearn ‘o neamh, a stigh cùmhnantana a tha nuadh agus ni’s fearr; Ní’s fearr, co dhiubh a bheachdaicheas sinn air na cumbhachan a tha cho freagarach do ar nádur a tha air tuiteam, na air a ghràs agus a ghloir a tha air a ghealltuinn. Air son a chùmhnant ro-luachmhor so tha sinn fodh fhiachaibh, fodh làimh Dhe, do eadar-mheadhonaireachd ar Fear-saoraidh truacanta, Iosa Criosd. Choisinn a bhàs reite ri Dia; agus tha’n t-Suipir a thug e dhuinn na cuimhneachan bunaiteach air a bhàs. Agus ‘s ann bho so a tha mi gabhail mo sheoladh ann a bhi mineachadh na sàcramaid so.

Is e cial shònraicht agus dhùreach Suipir an Tighearn a bhi na cuimhneachan buan air bàs Chriosd. Tha so soilleir bho bhrithran an Abstoil Phòil (I Cor. xi. 26) “Oir eia minic as a dh’itheas sibh an t-aran so, agus a dh’òlas sibh an cupan so, tha sibh a foillseachadh bàs an Tighearn gus an tig e.” Mar sin cha’n eil againn doigh is cìntich, agus as furasda gu beachd cheart agus shoilleir a bhi againn air an òrdugh so, na bhi toirt fa’n ear bàs Chriosd, ann an so air a chur fodh chomhair ar sul,fodh ne seallaidhean fa’leth anns am bheil e comasach air beachdachadh air leinne. Tha na leanas am measg na nithean is soilleir.

(R’a leantuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice