I.
Faodaidh sinn beachdachadh air bàs Chriosd mar ni tha foill-seachadh na smuaitean a bha aca-san a chuir gu bàs e, agus a chrioich a bh’aca ‘s an amharc leis. Le bhi cur Iosa neo-chiontaich gu bàs chuir Iudhaich agus Cinnich an ceill do’n t-saoghal gu’n do mheas iad e bhi mealladh an t-shluigh; oir, “na’m b’aithne dhoibh e, cha cheusadh iad Tighearn na gloir”; agus le bhi ga chur suas mar chomharadh foill-leasach air masladh, pian agus bròn, b’e ‘n dòchas gu’n toireadh iad air na h’uile dhaoine nàaire agus eagal a ghabhail dhe bhi ga aideachadh. Gidheadh (gu bhi nochdadh eia cho beag agus a shoirbich innleachdan dhaoine diamhain an aghaidh comhairle shiorruidh Dhe) b’e esan a bhi air a thogail suas an dearbh dhòigh anns an robh e dol a tharruig na’n uile dhaoine da ionnsuidh. Agus bha sàcramaid na suipeir air a suidheachadh leis an rùn so, tre bhi foillseachadh bàis an Tighearn innte, gu’n cuireadh-mid an ceill do’n t-saoghal uile gu’r ar creidimh ann gu’m b’fhear-teagaisg e a thainig bho Dhia, a Leanabh naomh Iosa, a dh’ung e, a dh’aideoin Herod agus Phontius Pilat, maille ris na Cinnich agus pobull Israel a bha eruinn le cheile ‘n a aghaidh: agus nach eil sinn tre eagal na nàire air ar cumail air ais bho bhi ga’r n’aideachadh fein mar a dheiscioibuil. ‘S e cheud ni, uime sin, a tha ga nochdadh fein dhuinn anns an t-sàcramaid so, gur e th’ann ach comharadh air ar n’aideachadh Criosdail. Tha sinn a deanamh uaill anns an dearbh chuspair a cheus na h-Iudhaich, aig an dearbh am ag aideachadh a bhi gabhail ris mar ar Tighearn agus ar Maigstir: seadh, mar an ceudna, tha sinn ag aideachadh a bhi deanamh uaill ann mar aon a tha ceusda.
1.
Tha sinn a deanamh uaill anns an dearbh chuspair a cheus na h-Iudhaich, aig an aon am ag aideachadh a bhi gabhail ris mar ar Tighearn agus ar Maigstir. Tha sinn ullamh a bhi glaothaich maille ris a cheannard-cheus, agus na bha maille ris, ‘n uair a chunnaic iad na nithean do-labhairt a bha co-cheangailte ris a cheusadh, “Gu firinneach b’e so Mac Dhe.” Cha’n eil e cho mòr air fholach fodh sgàile. na feoladh, na air a dheanamh cho mi-mhaiseach le fhulangasaibh, agus nach fhaic mi a ghloir dhiaidh a dealrachadh troimhe, agus g’m thoirt gu bhi ga aideachadh mar an neach is motha ghabh comhnuidh riamh air an talamh so, Tighearn na gloir, agus mo Thighearn. Ghabh e ris an ainn so ‘n uair a bha e air a thoirt dha le dheisciobuil: “Tha sibh a gairn Maighstir, agus Tighearn dhiom-sa: agus tha sibh ag ràdh gu maith; oir is mi sin.” Ach an sin, mar an ceudna, cluinn e ag ràdh ann an àit eil, “Agus c’ar son a ghoireas sibh, A Thighearn, a Thighearn, dhiom-sa, agus nach dean sibh na nithean ‘a ta mi’g ràdh? Mar sin cha’n e an t’ainn leis an urrainn dòchas a bhi agam mo Shlànughear a thoileachadh as eugmhais an ioraslaichaidh agus an ùmhlachd a tha air a ghabhail a stigh ann. Cha’n a mhàin gu’m feum mi cantainn gu maith, ach deanamh gu maith. Feumaidh mi chuimh-neachadh gu’m bheil uile àitheantan an t-soisgeil na’n àitheantan Chriosd, mo Thighearn agus mo Maighstir; agus uime sin, mar tòir mi ùmhlachd do’n t-soisgeul, tha mi, ann an oibríbh, ciontach de bhi’g àicheadh an Tighearn a cheannaich mi, agus g’a’m chleachdadh fein ro choltach ris na saighdearan, an deigh dhoibh an crùn droighean fhig-headh agus a chur air a cheann, agus an t’slat a chur na lámh dheis, a lùb an glùn ann am fanaid, agus a chuir fàilte air mar righ. Nach bu mhaith leam gu’n gabhadh iadsan uile dha’n aithne mi, beachd, gu’m bheil mi g’a’m aideachadh fein mar dheisciobul Iosa a chaidh a cheusadh? Ach cia mar? Cha’n ann, tha dòchas agam, leis an aon ghniomh so, a bhi’g ith agus ag òl, ann an ùmhlachd dha àithne, agus ann an urram dha chuimhne; mo thruaigh, cha’n eil so ann fein a cial-lachadh ach beagan, ach le uile ghniomharan mo bheatha. Bhuiheadh do’m ghulusad uile mo dhearbhadh am Chriosduidh, am sheirbhiseach, agus am fhear-leanmhuinn Iosa. Agus ma tha mi, da rireadh, a smuainteachadh gu’r e an euspair oirdheire agus diadhadh a tha mi’g aideachadh a bhi creidsinn gu’r e, bu chòr dha so a bhi gu leoir, cha’n e mhàin a bhi g’a’m dheanamh reidh ri’m dhleasdanais, ach mo thoirt gu bhi gràdhachadh an dleasdanais; bho’n a tha mi’g aideachadh a bhi creidsinn ann mar an euspair dha’m buin an inbhe is àirde; gu’n d’thainig e nuas bho neamh gu bhi teagasg dhuinn an t-slighe is ro-ordheire; agus gu’r e rùn agus croich gach ni a theagaig agus a dh’àithne e a bhi g’ar deanamh naomh mar a tha esan naomh, agus gu’m bitheadh-mid air ar deanamh freagarach gu bhi beo maille ris agus ri ainglibh naomh ann an làthair Dhe gu bràth.
(R’a leantuinm.)