LE EANRUIG GROVE.
(Air a leantuin bho t.d. 25.)
2.
Cha’n e mhàin gu’m bheil sinn ag aideachadh a bhi na’r deis-eiobuil dhà-san a chàidh a cheusadh, aich mar an ceudna, a bhi deanamh uail ann mar neach a tha ceusda. Cha’n eil sinn a meas so na mhasladh d’ur Tighearn beannaicht gu’n deachaidh buintain ris ann an doigh cho tàireil le saoghal dall agus mi-thaingeil; na do ar creidimh, gu’n robh an t-Ughdar aig air a mharbhadh agus air a chrochadh air crann; na dhuinn fein gu’m bheil sinn a leantuinn aon a dhuilt mòr-chuideachd nan Iudhaich: ach, air an làimh eil, ga mheas na mhòr-urram dhuinn fein, do ar creidimh, agus do ar Maighstir. Cha’n eil nàire oirne a ràdh, Feuch, so e, an Tighearn ar Fear-saoraidh, dh’fheith sinn ris, agus thearruinn e sinn. Bitheadh na h-Iudhaich mi-chreidimheach a cur an ceill an gràin dheth, agus le meagsachadh de dh’fhanaid agus de dh’fhuath, ga ainmeachadh an duine a chrochadh; abradh iad, nach urrainn e uibhir agus a dhol a stigh na’n smuaintean gu’m bitheadh a’ Mesiah air a cheusadh, agus air a pheanasachadh le bàs a tha’n lagh a meas mallaicht’; tha mi gu toileach a gabhail a chothrom, a tha e toirt dhomh air a bhi cumail cuimhne air a bhàs, anns an dòigh a dh’athnhe e fein, gu bhì’g aideachadh mo chreidimh agus m’earbsa ann, gun a bhi deanamh uaill ann an ni air bith eil ach ann an Criosd air a cheusadh, na cheap-tuistidh do na h-Iudhaich, agus do na Greugaich na aimideachd; ach dhoibh-san a tha air an gairm, araon Iudhaich agus Greugaich, cùmhaichd Dhe agus glíocas Dhe. Na’m bitheadh esan, ris an abair sinn mar Chriosduidhean, am Mesiah, air a ghearradh as air a shon fein; na’n do thoill e’m bàs a dh’fhuiling e, cha sgaoladh ainn, mar a rinn e, gu crochaibh na talmhuinn, ‘s cha mhaireadh aobhar gus an latha’n diugh; mar a tha sinn a creidsinn a ni e gu deirdh ùine. Mhothaich Pilat fein gur ann tre fhardam a thug na h-àrd-shagartan agus na seanairean thairis dhà-san Iosa. Agus b’e ‘m fardam a nochd iad aig an am so, araon am peacadh mòr-san, agus seorsa de dh’ùmhlaichd agus de dh’aideachadh a rinn iad air gu’n robh feartan ar Slànuighear os an ceann-san, ni a thug oilbheum do shuilbh goirt. Seadh, O m’Iosa, is ann a mhàin do bhrigh nach robh an saoghal airidh ort, nach d’thuair thu uidheadh na b’fhearr bho’n t-saoghal. Gràdhaichidh an saoghal a chuid fein; ach do bhrigh nach robh thusa agus do rioghaichd de’n t-saoghal, uime sin thug an saoghal fuath dhuit, mar a nochd thu ‘n ad bheatha agus ‘n ad bhàs cho tàireil agus a bha’n saoghal ‘n ad shealladh-sa. Agus am meas mi thu gu bràth nis lugha air son sin? Cha mheas; ach measaidh mi thu nis moth. ‘N uair a bheachdaicheas mi air na toraidhean uasal a dh’eirich bho’n ehrann mhallaicht air an do bhàsaich Mac Dhe, agus fodh bhratach a chrùinn-cheusaidh gu’n robh na h’ùile chinnich air an toirt gu ùmhaichd do’n chreidimh, smuaintichidh mi annam fein, ciod a b’urrainn a bhi na bu ghloirmhor, aon chuid air son ar Maighstir, air ar son-ne a dheiscioibuil, na air son an t-soisgeil a thuair sinn bh’uithe-san, na gu’m bitheadh, tre mheadhonan cho mi-choltach, e buadhachadh thairis air uile chùmhachdan na talmhuinn agus ifrinn: agus a rinn e na ni ni’s urramaiche da luchd-leamhunn, a bhi meas tàireil soibhreas agus urram saoghalta na bhi ga’m mealtuinn; ga’m meas na nithean faoin ann an coimeas ri fior shoibhreas agus glòir neo-fhaicsinneach an t-saoghal neamhaidh. Am bheil mi dhiubh-san a tha deanamh uaill ann an crann-ceusaidh Chriosd? O thugam an fhaire nach bi mi dhiubh-san a tha’n t-Abstol Pòl ag ainmeachadh naimhdean crann-ceusaidh ar Slànuighear. Tha gach neach na nämlich do chrann-ceusaidh Chriosd nach eil na nämlich do na peacaidhean sin fodh’n d’thuair Chriosd bàs gu bhi ga’r saoradh-ne; tha e ga nochdadh fein na nämlich ann a bhi eur an aghaidh an fheum a bu chòr a dheanamh de theagasc a chroinn-cheusaidh, agus eho-fad ‘s a tha sin na chomas, ann a bhi bacadh adhartachadh an teagaig sin. Na’n robh uile luchd-leannhuinn Chriosd air iad fein a ghiulain cho ole ‘s a rinn cuid dhiubh, cia eho luath ‘s a bhitheadh urram a chroinn-cheusaidh a sgrur, agus creidimh an Ti sin a cheusadh air a dhubhadh a mach far na talmhuinn? Agus na’n robh iadsan uile a dh’ainmich ainn Chriosd aig an toiseach gun iad fein a nochdadh na’n cairdean ni b’fhearr dha, bhitheadh an creidism Chriosdudh, ann a bhi labhairt mar dhaoine, air a mharbhadh anns a bhreith; agus bhitheadh an saoghal uile, ann a bhi toirt breith air a Mhaighstir a reir nan deiscioibuil, a co-dhùnadh nach do dh’fhuilg e gu mi-heart. Leis an aobhar is motha, uime sin, tha’n t-Abstol ag radh dha’n taobh-san a tha saltairt air riaghailtean a chreidimh Chriosdail, grùm bheil iad na’n naimhdhean do Chrann-ceusaidh Chriosd; ‘s iad an slugh, thar chàich uile, a tha eur maille air buaidhean a chroinn-ceusaidh, agus thar na h’uile dhaoine, ‘s ann aca ‘s lugha aobhar a bhi deanamh uaill ann.
(R’a Leantuin.)