Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1953 » July 1953 » Suipeir an Tighearn

Suipeir an Tighearn

LE EANRUIG GROVE.

(Air a leantuinn bho t.d. 59.)

Leigibh dhomh, mu’n dùin mi’n ecann so, labhairt riu-san a tha tionndadh an eul ri Lòrd an Tighearn agus asluchadh gu dûrachdach orra beagan cheisdean fheorach dhiubh fein. Cia mar a dh’dinnicheas mi mi fein am measg luchd-leannhuinn Chriosd, agus nach aon mi riubh ann an gniomh leis am bheil comunn nan Criosduidhean air an aithneachadh bho fheadhan eil? Nach fheum mo Chriosdalachd, a thaobh a chuid dheth tha’n leth a muigh, a bhi neo-iomlan, ma tha mi riaraicht’ a bhi dh’easbhuidh aon phriomh chomharadh a Chriosduidh? No, eiod a b’urrainn mi ràdh air mo shon fein, mur aidicheadh Criosd mi, air dhomh bhi air mo thaisbeanadh na lâthair as eugnhas a chomharaidh so air deiscibul, gràdh neo-chealgach do gach ni a shuidhich mo Mhaighstir beannaicht’? Gu’n teagamh, na’m bitheadh e air fhaotainn, gu’n robh mo dhimeas air Suipeir an Tighearn ag eirigh bho chion gràidh agus spéis do mo Shlànughear agus da úitheantabh, cha bhitheadh ni air bith gu leoir gu mu lethsgoul a ghabhail. Tha’m baisteadh a cur m’ainm am measg a luchd-leannhuinn; ach bòidean mo bhaistidh, ma ghabhadh iad ann an am mo leambais, agus mar sin nach b’e mo ghniomh fein e, tha e ann seadh feumail gu’n deannain iad dhomh fein, le bhi ga’n gabhail, air dhomh tighean gu bliadhnachan tuigse. Agus cia mar a tha cumhaichan aon sàcramaid ri bhi air an aideachadh agus air an ath-nuadhachadh ann an dòigh air bith, cho maith ri bhi ga’m chur fein fodh cheangal na h-aon eil? A thuilleadh air so, cha’n eil aig a bhaisteadh uibhir de shùil ri Criosd air a cheusadh agus a tha aig Suipeir an Tighearn; eo aca, uime sin, air am bu chòr dhuinn an tuilleadh luach a chur, a chùm a bhi leigeadh fhaicinn do’n t-saoghal nach eil sinn a meas a chuid so da’r creidimh na nàire dhuinn, na na mhasladh da’r creidimh; ach na urram mhòr agus na bhuannaichd dhuinn le cheile.

EARRANN III.

  1. Faodaidh sinn beachdachadh air bàs Chriosd mar bhàs martarach, na fianuis; martarach do fhirinn a theagaig fein, a cheud aon agus an aon is uaisle. Bha a bhàs gu h-uile saor-thoileach. Cha’n eil neach air bith (tha e’g ràdh) a toirt bh’uam mo bheatha, ach tha mi ga leigeadh sios uam fein. Mar nach b’urrainn iad a thoirt bh’uithe as eugnhas a chead, mar sin, mar a leigeadh e sios a bheatha cha deannadh na dh’fhuiling e ainn martarach a chosnadh dha; oir cha mhartarach esan, an deigh dha e fein a thoirt do’n rib le teagasg àraidh a thoirt air adhart agus a chraobh-sgaoladh, a philleas air ais agus a dh’àicheas an ni sin a theagaig e mar fhirinn. Ach esan le’n dàna a theagasg a chur an ceill ann an sealladh nan cunntartan is mothà, agus a rogh-naicheas bàs fhaotainn air son na firinn, air thoiseach air a h’àicheadh

na a treigsinn, abraidh gach neach gur a fíor mhartarach e. Agus b’e a leithid so do mhartarach a bha ann an Iosa Críosd. “N uair aig a chuírt, a mhionnaich an t-árd-shagart e, air an Dia bheo, an fhirinn innse dha, am b’esan Críosd Mac Dhe; ged a bha e balbh roimhe sin do na h-uile ni a bha fianuisean breige a cur as a leth, agus nach do bhrosnaicheadh e gu bhi tagradh as a leth fein g’a dhion, ni a b’urrainn e gu furasda a dheanamh air a leithid de dhoigh agus gu’n toireadh e orra-san a bu nàimhdeile fuath do’n fhirinn, geilleadh: tha e gu grad a freagairt, “Thuirt thu”; no, “Is mise an dearbh neach.” ‘N uair a dh’fheoraich Pilat, an t-uachdaran fineachail, agus a bhreitheamh, dheth ceisd, “An righ thu ma seadh?” fheagair e, “Thubháirt thu gur righ mi”; na, “An ni a thuirt thu aig an am so, ann a bhi ga thoirt a mach an cumadh ceist, tha e ro-fhirinneach.” ‘S e t-fhoclaiabh-sa, “Is righ thu”; agus tha mise saor gu a ràdh gur e sin mi. ‘S ann ehum na eriche so a rugadh mi, agus a chum na eriche so a thàinig mi do’n t-saoighal, chùum gu’n deanain fianuis do’n fhirinn.” ‘S e so an aidmheil mhaith sin a tha Pòl ag ràdh a rinn e an lathair Phontius Philat, a tha e moladh da mhaic Timoteus gu a leantuin. Ann an so tha da chliu aithnichte air a Mhesiah: oir, ann an ceist an árd-shagairt, “An tusa Críosd, Mac Dhe?” tha Críosd (na a’ Mesiah) agus Mac Dhe, air an cleachdadh mar a ciallachadh an t-aon ni; ni a dh’ fheudas sinn a mheas mar aobhar, ‘n uair a tha Lucas ag aithris an t-aon ni, nach eil ann ach, “An tusa Críosd?” Agus a thaobh am Mesiah a bhi na righ, tha na h-Iudhaich ag aontachadh leinn gus an latha’n diugh, a dh’aindeoin cho eadar-dhealaicht ‘s a tha ar beachd air nàdur a rioghachd. Cha do ghabh ar Slànuighear, air son aobharan glice, gu follaiseach agus gu direach ga ionnsuidh fein ainn agus cliuthan a Mhesiah gus a nis: ach a nis, ‘n uair a bha e air àithne leis an nach-daran shiobhalt gu fianuis a thoirt mu’n mu’n fhirinn, agus nach gabhadh droch fheum a dheanamh leis an t-sluagh dhe a bhi’g aideachadh gu’m bu Righ e (‘n uair a dhearbhadh a bhàs nach b’ann bho so a bha rioghachd, de sheorsa saoghalta agus aimseireil, mar a dh’innis e dhoibh) cha’n eil e nis fhaide ag iarruidh a bhi’m folach, tha e ‘g a aideachadh fein mar a’ Mesiah an Righ, agus Mac Dhe, ged nach robh e aineolach nach bitheadh buaidh eil aig an aideachadh so ach a dhiteadh a chabhagachadh.

(R’a leantuin.)

Keep up lively affections towards God, when your Gospel ministers are withdrawn from you. When David was exiled from the ordinances of God, yet then had he the most earnest pantings of soul after enjoyments of God (Psalm lxi. 112).—Samuel Petto: 1682.

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice