LE EANRUIG GROVE.
(Air a leantuinn bho t.d. 91.)
Mar sin tha dìlseachd ar Slànuighear a dh’ionnsuidh a bhàis a ghiulain e le uibhir de mhcantas a thaobh a nàimhdean, agus uibhir de mhuinghin a thaobh Dhe; ni nach eil air fhaotainn ann am mealltair anns an uair uamhasaich sin, ged a dh’fhaotadh iad a bhi air a faotainn ann an neach a bha air a mhealladh: tha so, tha mi ag ràdh, air a chur ris na miorbhuilean a rinn e, agus naomhaichd agus maithreas a bheatha, na ni bu chòr a bhi toirt dhùinn a bhi smuaineachadh, ‘n uair a bhitheas sinn a beachd-smuaineachadh air a bhàs anns an t-sealladh so dheth, air an dearbhadh chumhaechdach a tha ar creidimh a faotainn, ann an diadhachd ar n-aidmheil. Am bitheadh mealltair, na’m bu chomasach do leithid sin de neach a bhi eur air a leithid so do choslas naomhaichd agus gach sùbhaile eile, comasach air a ghiulain a dh’ ionnsuidh na eriche, agus ann an dion an ni a b’fhiosrach e a bu bhreug? Cha b’urrainn e bhi. Agus, uime sin, ‘n uair a chi sinn Iosa Criosd a giulain a mach a theagsg diadhaidh le a bheatha (mu’n tog sinn an còr an deigh so) agus ga sheulachadh le fhuil, faodaidh sinn da rireadh a cho-dhùnadh, gu’m bheil gu firinneach gach ni a labhair Eoin mu’n duine so, na an duine so mu thiomchull fein, no na h-abstoil mu thiomchull, firinneach.
Ach ‘s e ‘m feum is àirde a dh’fheumas sinn a dheanamh de’n t-sealladh so air bàs an t-Slánuighear mar mhartarach, a bhi beachdachadh air cho reusanta ‘s a tha na nithean a tha e’g iarruidh, eadhon, gu’n cuireadh-mid cùl ris na h-uile ni air sgàth na firinn, eadhon gu leigeadh sios ar beatha; gu’m feum sinn, mar gu’m b’eadh, na nithean so uile fhuathachadh, air neo cha’n urrainn sinn a bhi na’r deiscioibuil dha. Ann an so uile cha’n eil e’g iarruidh oirne tuilleadh agus a rinn e fein; ni a bu chòr a chur n’r cuimhne-ne an suidheachadh anama leis am bu chòr dhuinn a bhi cumail air chumbne am martarach glòrmhor so; agus a bu chòr air toirt gu bhi eur romhain, le bhi leigeadh ar taic gu h-iorasal air euideachadh neamhaidh. Ged a bhàsaichinn air do shon, gidheadh cha’n àicheadh mi thu; ged a gheibheadh na h-uile oilbheum annad gidheadh cha’n fhaigh mise. Is aithne do Dhia, dha’n aithne eridheachan nan uile, gun deuchainn a chur air a chrentair, an seasadh-mid gu daingean ri aobhar na firinn; agus far am bheil e faicinn ullachadh intinn agus eridhe, bheir e duais an sin: ged nach ann, faodaidh e bhi, leis an aon chrùm agus a gheibh martarach da rireadh, gidheadh le erùn glòir nach searg as.
EARRANN IV.
3. Faodaidh sinn beachdachadh air bàs Criosd mar ar n-eisimpleir.
Anns a chumantas tha iadsan a tha air an eur gu bàs leis an uachdaran shiobhalta air an eur suas mar eisimpleirean ann an seadh eile, ‘s e sin gu bhi toirt rabhaidh, agus a eur bacaiddh, air cuid eile, bho bhi deanamh mar rinn iadsan. Ach an so tha aon, ged a bha e air buintean ris, fodh choslas ceartais, mar an ciontaich a bu mhiosa, gidheadh tha e air a chur fodh’r comhair mar eisimpleir air gach uile oirdheirceas agus mhaiteas; eisimpleir air oirdheircees air a maslachadh, air a sàrachadh, air a geur-leannmuinn, gidheadh fathasd an ni ceudna. Mar sin tha e air innse dhuinn “gu’n d’fhuing Criosd mar an ceudna air bhur son, a fagail eisimpleir agaibh, chum gu’n leanadh sibh a cheumanna.” Ann ar Tighearn beannaicht’ tha againn eisimpleir de’n eud agus de’n chùram is motha air son maith chloinn nan daoinne, an ioraslaichd is iongantaich a bha riamh ann, agus stroichdadh agus ùmhlachd neo-criochnach do Dhia; na nithean sin uile tha sinn air ar gairm gu bhi leantuin ann am briathraibh an Abstoil Phòil a dh’ionnsuidh na’m Philipianach: “Bitheadh an intinn cheudna annaibh-se a bha ann an Iosa Criosd: neach air dha bhi ann an cruth Dhe, nach do mheas e na reubainn e fein bhi co-ionnan ri Dia: ach chur se e fein ann an dimeas, a gabhail air fein cruth seirbhisich, air a dheanamh ann an coslas dhaoinne: agus air dha bhi air fhaghail ann an cruth mar dhuine, dh’ioraslaich se e fein, agus bha e umhail gu bàs, eadhon bàs a chroinn-cheusaidh.” Am b’urrainn ioraslaichd, sleuchdadh agus umhlachd a bhi air an guilain na b’fhaide na so? “Na b’e mo thoil-sa ach do thoil-sa gu robh deanta.” “Feuch tha mi teachd, chum do thoil-sa a dheanamh, O Dhe;” a chum an toil sin a dheanamh, le mi fein a thoirt suas gu bhi ga fulang. B’e so cainnt Iosa Bheannaicht; agus mar a labhair e, ghniomhaich e. Tha’n àithne a tha’g iarruidh ar nàimhdean a ghràdhachadh, maitheanas a thoirt dhoibh-san a ni eucoir oirne, agus úrnuigh a dheanamh air an son-san a labhras gu h-ole umainn agus a gheur-leanas sinn, air a meas na cainnt chruaidh, agus na coire an aghaidh Criosdalachd nach gabh a bhi air a freagairt. Ach co leis a tha so air a mheas cho mi-reusanta? Shaoileadh neach gu’m b’ann leo-san nach do leugh, na nach eil a creidsinn, na nach tug fa’neair, eachdraidh fulangais ar Slànuighear. Dh’fhaodadh freagairtean eil a bhi air an toirt air adhart; ach ann a bhi ga’n cur an dar taobh fàgadh-mid eisimpleir, gu h-àraidh ‘n uair a bha e air a chrann, gu bhi cur tosd air faghail choireachan da àitheantan:—”Athair maith dhoibh, oir cha’n eil fhois aca ciod a tha iad a deanamh:” mar an leth-sgeul is fearr a ghabhas deanamh air an son; agus an eisimpleir sin air a companachadh le úrnuigh nach b’urrainn ach a bhi soirbheachail, a tighinn bho leithid do neach, na leithid do shuidheachadh. Ciod e’n earbsa mhacaill a tha e cleachdadh ann an Dia, agus aig am a bha’n saoghal uile air tionndadh na aghaidh, agus a tharruig Dia fein na foillseachaidhean àbhaisteach air a lathairechd bh’uaith. “Mo Dhia, mo Dhia, ca’r son a threig thu mi?” Tha a fathasid a gairm a Dhia dheth, gun a bhi leigeadh a ghreim dheth; agus e’g analachadh a mach anam naomh ann am broilleach a ghràidh. “Athair, a ta mi tiomnad mo spioraid a’d’ laimh-sa.” Mar sin, bu chòir dhunnn fòghlum dòchas iorasal ann on Dia a chumail, ‘n uair a tha freasdal ag amharc ro-dhorch agus iargalt; agus a bhi cho fad bho bhi toirt breth air ar seasamh ann an deadh-ghean Dhe le nithibh bho’n leth a muigh, agus nach co-dhùnad-mid ni air bith na’r n-aghaidh fein, a mhàin a chionn nach eil againn ùrachadh mothachail agus togail spioraid mar a dh’fhairich sinn aig amaibh eil. Cha’n eil anns an ni ris an can cuid de dhaoine math “treigsinn spioradail,” bitheanta, ach isleachadh agus doilgheas inntinn; briseadh, cha’n ann an am beatha agus cleachdadh an gràsan, ach anns na comhfurtachdan a tha iad a faotainn bh’uaitha: ni coltaich ris an dorchadas a dh’ fhuiling ar Slànuighear anns na h-uairibh deireannach; ach fad air dheireadh air ann an tomhas.
(R’a leantuin.)