LE EANRUIG GROVE.
(Air a leantuinn bho t.d. 150.)
EARRANN V.
IV. Faodaidh bâs Chriosd bhi air beachdachadh air mar fhoill-seachadh air a ghrâdh a b’iongantaich bha riamh ann, grâdh araom an Athar agus a Mhic; grâdh an Athar ann a bhi toirt a Mhic a chum bâs fhaotainn air ar son; agus grâdh Mhic Dhe a thug e fein cho saor. “Is ann mar sin a ghrâdhaich Dia an saoghal, gu’n d’thug e aon-ghin Mhic fein, chum as ge b’e neach a ebreideas ann, nach sgriosair e, ach gu’m bi a bheatha shiorruidh aige.” Agus am feadh a tha ar Tighearn a togail nach eil grâdh is mothâ na so aig neach air bith gu’n leigeadh duine anam sios air son a chéirdean, tha Dia a moladh a ghràidh fein duinne, do bhrigh ‘n uair a bha sinn fathasd na’r peacaich, gu’n do bhásaich Criosd air ar son; chum agus gu’m bitheachd-mid, a bha na’r nàimhdean, air ar deanamh reidh ri Dia tre bhás a Mhic. Chi sinn meudachd a ghrúidh so ann am mòrachd, na inbhe, a chuspair a tha fulung, agus fhagagsachd do Dhia air dha bhi an t-aon-ghin Mhic, a luidh ann an uechd an Athar; ann ac meudachd na’m fulungais dha na gheill e gu toileach; dh’fhuliling e’m bás, eadhon bàs nàrach agus piann-tail a chroinn-cheusaidh; ann am mòr neo-airdheachd nan creutairean dha’n robh’n deadh-ghean iongantach so air a nochdadh; peacaich agus nàimhdean do Dhia tre’n a pheacadh: agus, òs an àite mu dheireadh, ann am mòrachd do-labhairt nam beannachdan a tha sruthadh bho na fulungais sin, gach aon dhiubh a sruthadh a dh’ionnsuidh, agus mar gu’m beadh, air an càrnadh suas anns an ni a dh’ainmich sinn “beatha shiorruidh.” Feumaidh sinn aideachadh le taingelachd mar dhearbhadh air a ghràidh, Criosd a bhi toileach basachadh air son a bhuannachd a gheibheadh-mid bho fhanuis a bhàis do fhìrinn a chreidimh, maille ris an eisimpleir oideachail agus dhruighteach a thug e dhuinn. Ach tha na dearbhuidean is moth a air a ghràidh sin fathasd ri’n ainmeachadh.
Gu bhi cumail air chuimhne an gràidh leis an do bhásaich e, shuidhich ar Fear-saoraidh beannaithe’ an t-suipeir, gu bhi air a coimhead gus a dhara teachd, ag àithne dha dheiseiobuil a dheanamh mar chuimhneachan air-san. Air son an aobhair so faodaidh e bhi air a mheas na ni nach gabh a thugisinn gu’m bithheadh neach cho mòr air a mhealladh agus gu’n àicheadh e’n t-sàcramaid so, na gu’m bithheadh neach cho mi-thaingeil agus gu’n ceadaicheadh e dha fein, gun an ni is lugha do mhi-shuaimhneas, dìmeas a dheanamh oirre, ni a tha eagal orm a tha air a dheanamh le mòran a tha’g aideachadh na sochair so. Bha na h-Abtoil agus na ceud Chriosduidhean gu cùramach a coimhead an òrduigh so, agus ni’s bitheanta na tha sinne, ged a bha bàs Chriosd gu h-ùr na’n cuimhne, agus mar sin nach saoileadh neach iad a bhi ann am feum air samhluidhean follaiseach dheth, agus air a ghràidh air fhoillseachadh ann, mar a tha sinne, a tha beo aig a leithid de dh’astar bho am agus aite bàis ar Slànuighear. Nach do bhásaich Criosd air ar son-ne cho maith agus air an son-san? Agus ma tha chùis mar sin, nach eil e ceangailte oirne co-ionnan riu-san cuimhne a chumail air a ghràidh ann a bhi bàsachadh air ar son? Nach robh a t-Suipeir so air a suidheachadh air ar son-ne cho maith agus air an son-san? Agus, ann an aon seadh, ni’s moth a air ar son-ne, oir tha sinn ann an eunnart ni’s moth a bhi di-chuimhneachadh an Ti a tha buileachadh nam beannachdan, do bhrigh gu’m bheil ni’s thaide a nis bho’n a bha e air thalamh, agus bho’n a thuair e bàs gu bhi cosnadh beannachdan na saorsa dhùine? Agus nach bu chòr dhùinne gu taingeil a bhi coimhead òrdugh a tha cho cumhachdach a cuideachadh ar creidimh agus ar taingelachd; òrdugh a choimhid na ceud Chriosduidhean na bu tric na sinne, le na bu lugha de aobhar? Is airidh a lethid de charaid agus fear-gràidh anama, agus a dhearbh Criosd e fein a bhi, nach bithheadh e air a dhearmad gu bràth; agus gu’n teagamh cha bhi e air a dhearmad cho fad ‘s a bhitheas eaglais aig air an talamh, air a ceannach le fluil, air a suidheachadh le a theagasg, gus ir a gleidheadh le a fhreasdal. Ach, an sin, tha aobhar againn a bhi creidsinn gur ann leis an òrdugh so, ni a tha mar phost a tha giullain ainm-san, a bhitheas cuimhne bheothail air a cumail air anns an eaglais. Bu chòr gu’m bitheadh gràdh Iosa, nach gabh a bhi air a choimeas, na chuspair beachd-smuainteachaidh dhuinn gach latha; ach cha’n fheum sinn a bhi smuainteachadh gu’m bheil so a dùnadh a mach a bhuannachd, agus eadhon am feum air an òrdugh so anns am bheil e air a chuimhneachadh ann an rathad nis follaisich agus nis sòlaimte. Tha aoradh Dhe ri bhi air a choimhead gach la, anns an t-seomar uaigneach agus anns an teaghlaich, agus gidheadh, an deigh sin chunnaic Dia feumail aon latha ann an seachd a chur air leth air son aoraidh dha gu foilleasach. Agus tha gu’m bheil a lethid de ni agus fior dhiadhaechd anns an t-saoghail ri bhi air a chur, ann an tomhas mòr, ri eunntas coimhead Latha an Tighearn, mar a tha cuimhne gràdh Chriosd air a sgaoladh agus a fàs anns an eaglais, ri bhi air a chur ri eunntas Suipeir an Tighearn. Agus tha mi ullamh gu smuainteachadh, dha’n taobh-san nach urrainear a cho-eigneachadh gu cuimhne a chumail air gràdh Chriosd aig a Bhòrd, nach iad na creutairean is lugha feum air a chuideachadh so. Mar sin, is e so beachd eile a bhuineadh dhuinn a bhi againn air Suipeir an Tighearn; is e’ meadhon e a tha air a shuidheachadh gu bhi sinedh a mach cuimhne air gràdh Chriosd na bhàs, agus gràdh Dhe air a chur an ceill leis an ni cheudna. Agus O, na basaicheadh gu bràth cuimhne air a bhàs! ach cumaidh ar gràdh-ne, air fhadadh agus air a neartachadh leis an òrdugh naomh so, beo-chuimhne air a bhàs-san. Tha sinn a toilltean a bhi gu siorruidh air ar di-chuimhneachadh le Dia, ma dhi-chuimhneachas sinn ar Fear-saoraidh.
(R’a leantuinn.)