LE EANRUIG GROVE.
(Air a leantainn bho. t.d. 178.)
Ach c’ar son a tha Criosd cho deidheil air gu’m bitheadh a ghràdh gu siorruidh air a chumail air chuimhne? An ann a chum agus gu’m bitheadh e na chuspair flaichd neo-thorach? Na a mhàin air sgàth ar moladh-ne, agus gu’m bitheadh ainn aig air an talamh? Mo thruaigh, is crìochan ionail so do Mhac Dhè a thoirt air adhart; an Tì is e cuspair aoraidh ainglean, agus cuspair flaichdmhor an òrain, is cinnteach nach eil e sanntachadh moladh a lethid de chreutairean bochd, ain-eolach, peacach agus a tha sinn ann. Nìheamh; feumaidh sinn ar smuaintean a ghiùlain nì’s faide. ‘S e gràdh do Dhia agus do ar coimhearsnaich an dà àithne air am bheil an lagh agus na faidhean uile an crochadh, agus tha’n dithis so a tarruing beatha nuadh agus neart bho ghràdh Dhè agus bho Iosa air a shamhlaichadh ann an sàcramaid na Suipèir. Ann an so tha gràdh, cha’n e gu’n do ghràdhaich sinne Dia, ach gu’n do ghràdhaich esan sinne, agus, an sin, air son an aobhair sin, tha sinne r’a esan a ghràdhaichadh ni’s motha do bhrìgh gu’n do ghràdhaich esan sinne an toiseach. Mar a ghràdhaicheas sinne Dia, an Tì is e gràdh, tha sinne r’a Mhac a ghràdhaichadh, a ghràdhaich sinne agus a thug e féin air ar son. Agus do bhrìgh gu’n do ghràdhaich Dia mar so sinne, is còir dhuinne, mar an ceudna, a chéile a ghràdhachadh: oir is e so àithne Dhè, esan a ghràdhaicheas Dia gu’n gràdhaich e a bhràthair mar an ceudna. Agus is e so àithne nuadh Chriosd da dheisciobuil. Tha barrachd còir againn uile air gràdh aoin a chéile, na’s urrainn aoin againn a thagradh a tha againn air gràdh Dhè; agus dearbhaidh sinn sinn féin gu dùbailt’ neo-airidh air a ghràdh so ma dhiùltas sinn eís cho furasda agus cho reusanta ìocadh air a shon ris a’ ghràdh bhràthaireil so.
‘S e aobhar eile air son gràdh do gach neach, gu’m bheil sinn air ar gabhail a steach ann an gairdeanan gràdh Dhè. Agus ciamar a tha ar gràdh-ne gu e féin fhoillseachadh? Ma dh’éireas aobhar air son sin, ann an leigeadh sìos ar beatha air son na’m bràithrean; agus ‘s cinnteach, uime sin, ni’s mò na ann a bhi ullamh gus an uallaichean a ghiùlain, a bhi fuasgladh orra ‘na’m feum, agus a bhi nochdadh dhoibh gach gnìomh eile de choimhneas agus do dheagh-thoil, bho nach ‘eil neach air bith, aig am bheil tograidh inntinn gu bhi toirt an fhoillseachaidh is mò air gràdh, deireannach ann a bhi deanamh an nì is lugha. Tha do ghràdh, O mo Shlànuighear, ga’m cho-éigneachadh gu bhi deanamh so uile, do bhrìgh gu’m bheil mi toirt breth gu’n d’rinn thu air mo shon nì a dh’aobhraicheas nach bu chòir dhomh bhi beò dhomh féin, ach dhuit-sa. Agus ciod a tha mi gu bhi tuigsinn le bhi beò dhuit-sa ach a bhi deanamh na nithean sin is ro-thaitnich leat-sa, agus a tha ‘na’n seirbhis do aobhar na diadhachd; ‘s e sin aobhar Chriosd anns an t-saoghal? Ciod e, ach le mi bhi ceart, agus seirceil, agus naomh, agus, ann an aon fhocal, ga’m ghluasad féin air a leithid de dhòigh agus gu’m faigheadh an saoghal cuid dhe na buannachdan sin, agus ann an tomhas nì’s lugha bhuamsa, agus bho fheadhan eile dhe’n aon spiorad rium, a gheibheadh e ann an àireamh na bu lìonmhoire, agus ann an tomhas na bu mhò bho do làthaireachd agus do cho-chomunn na’m bitheadh tu féin air an talamh; agus mar sin, gu’m bitheadh do Spiorad ag analachadh oirnne agus a’ faotainn cleachdadh annainn, agus a’ dòrtadh a bheannachdan gràsmhor air gach neach mu’n cuairt dhinn, gu bhi, ann an tomhas, a deanamh suas, thu bhi air falbh bhuainn gu pearsanta.
(R’a leantainn.)