Anns an treas àit.
Air bhi do Suipeir an Tighearn na cuirm air iobairt tha ni’s leoir de bhonn innte gu sinne a bheachd-achadh oirre mar dhòigh shòlaimte anns am bheil sinne ag athnuadh-achadh ar cumhnant’, agus na mheadhon agus na chomharadh air ar co-phàrtachadh ann am beannaechdan a chumhnant.’ Tha, uime sin, leabhar an lagha, anns an robh geallaidhean Dhe do chloinn Israel, agus na cumhaichan air am bitheadh na geallaidhean sin air coimhliionadh, air ainmeachadh leabhar a chumhnant; agus do bhrigh ‘n uair a bha’n leabhar so air a leughadh ann an eisdeachd an t-sluagh, a gheall gu’n deanadh agus gu’m bitheadh iad umhail do’n a dh’àithne an Tighearn, bha ainmhuidhean air an toirt suas mar iobairt, agus chrath Maois am fuil air an t-sluagh, gu bhi daingneachadh gu sòlaimte cumhnant’ Dhe riu; theirir, uime sin, ris an fhuil so fuil a chumhnant’. Air an dearbh dhòigh, air bhi do’n t-soisgeul na chumnanta nuadh Dhe, leis na h-uile a tha creidsinn ann an Iosa Criosd—Mar tha’n Tionnadh Nuadh, anns am bheil an soisgeul air a chur sios, gu eothromach air ainneachadh leabhar a cumnant—mar sin tha fùil Chriosd, leis an robh’n cumhnant so air a dhaingneachadh, gu sònraicht air a h-ainneachadh fùil a chumnant. Tha aig cumhnant nan gras dainich shonraicht ri iobairt a chroinn-cheusaidh, mar a bhunait air am bheil i gabhail fois; agus do bhrigh mar, ann an Suipeir an Tighearn, tha sinn gu sàcramaideil agus gu spioradail a co-phàrtachadh de’n iobairt, tha e gu nàdurr a toirt air adhart smuainteachadh air a bhi’g athnuadhachadh, tre’n iobairt luachmhor so, ar cumhnant ri Dia, agus sinn agus na th’agaimn a choisrigeadh dha-san. Anns an deicheamh salm thar dha fhiheadh tha againn òrdugh bho Righ Neamh anns na briathran a leanas: “Cruinnichibh mo naomh a m’ionnsuidh, iadsan a rinn eoinmheangal rium le iobairt.” Tha so air a labhairt mu sheann sluagh Dhe, a chaidh a stigh anns an cumhnant ris aig an dearbh am anns an robh an iobairt air a marbhadh agus air a toirt suas. Ach ann an so tha’n iobairt air a toirt suas agus air a toirt suas aon uair agus gu bràth, agus an sin, le suil ris an iobairt so, chaidh sinn ann an cumhnant ri Dia, aon neach an deigh a cheile, agus aon ghinealach an deigh ginealaich eile; an dara cuid, mar chreant-aircean fa leth, mar anns a’ bhaisteadh; na mar chomunn slan, mar ann an Suipeir an Tighearn. Faodaidh air son cuid a’ dh’aothbaran, a cheud uair a thig sinn gu Bòrd an Tighearn, gur e’n t-am is naomhasaich, oir tha sinn an sin, air son a cheud uair, a co-phàrtachadh de shamhlaidhean cuirp agus fola ar Slànuighear, agus leis na samhlaidhean naomha sin tha sinn a daingneachadh, agus a deanamh ni’s sòlaimte ar coisrigeadh do Dhia; ach an sin, tha sinn ag athnuadhachadh an coisrigeadh, na’n cumhnant so, gach am a tha sinn a gabhail na sàcramaid naomha so. Tha e fior, ‘n uair a tha Criosd ag ràdh, Is e’n cupan so an Tionnadh Nuadh (na’n cumhnant) ann am fhuil-sa, nach eil e ciallachadh barrachd ‘us so, gur e fion na sàcramaid samhladh, na cuimhneachan, air fùil Chriosd, tre’m bheil an cumhnant nuadh air a dhaingneachadh. Gidheadh, do bhrigh ann an Suipeir an Tighearn gu’m bheil sinn air mhodh sàcramaideil ag ith feoil agus ag òl fùil Chriosd, faodaidh e bhi air a cheadachadh dhuinn amharc air an òrdugh so mar dhòigh dol a stigh ann an cumhnant eadar Dia agus sinne, agus seul a chumnant air a thaobh-san agus air ar taobh-ne. ‘N uair a tha e air a ràdh gu’n d’fhuair Abraham comharadh an tiomchioll-ghearraidh, seula fireantachd a chreidimh, ciod a tha sinn gu bhi tuigsinn leis an t-seula so ach an dearbh-bheachd a thug Dia do Abraham leis a chomharadh so ‘an leth-a-muigh, air cho taitneach ‘s a bha a chreidimh, air sgàth an robh e toileach a chumnant a dhaingneachadh ris? Tha’n samhladh air a tharruig bho chleachdadh air an robh deagh aithne, co-cheangailt’ ri bhi deanamh nithean daingean agus cinnteach le bhi cur seula orra. Agus Air son nach bitheadh Suipeir an Tighearn, air son an aobhair cheudna, air a meas na seula cumhnanta Dhe ruinne, air dha a bhi na chomharadh faicsinneach air a ghràdh cumhnanta ruinn? Faodaidh an t-anam, tre chreidimh, Dia a chluinntinn a labhairt ris air an dòigh so: “Thig an so, O thusa air am bheil mo ghràdh. Tha mi’n so a’ gealltuinn, air corp agus fuil mo Mhic, a bhi am Dhia dhuit, agus deanamh air do shon gach ni a dh’fhaodas neach sùil a bhi aige ris bho’n ainm sin; agus bitheadh an corp agus an fhuil so na fianuis eadar mise agus thusa, air son coimhlionadh mo gheallaidh.” Freagraidh an t-anam, “Leis gach uile ìorasalachd agus aoibhneas taingeil tha mi gabhail do thairgse, O Dhe thròcairich, agus air na dearbh chuimhneachain naomha sin tha mi a’ gealltuinn a bhi dhutsa. Ga do ghabhail, O Athair Uile-chumhachdaich air son mo Dhia agus m’Athair, mo shealbhadair àrd-uachdaranail agus mo chuibhrionn shiorruidh. Thusa O Mhic, mar m’Fhear-saoraidh uile-fhoghainteach, agus mar m’aon Fhear-tagraidh, agus ga mo chur fein ann an làmhan agus fo stiùradh an Spioraid Naoimh, mar an cuspair a tha ga mo naomhachadh, agus ga mo threòrachadh, m’Fhear-chuideachaidh agus mo chomhfhurtair. Tha mi ga mo thoirt fein suas na mo bheo-iobairt naomh, thaitneach do Dhia, ni is e mo sheirbhis reusanta. Tha mi gabhail àitheantan an t-soisgeil mar riaghailt do mo ghniomharan, agus a’ taiceadh air a gheallaidhean mar bhunait neo-ghluasadach mo dhòchas. Tha mi ga’m libhrigeadh fein dhuit-sa gu deanamh rium mar is àill leat, ag aideachadh gu’m bheil mi ceangailt’ a bhi beo chum do ghlòir, agus a bòidheachadh tre do ghràs, a bhi umhail agus dileas a dh’ionnsaigh a bhàis. Cha’n e so a cheud uair a chaidh mi mar so ann an cumhnant; ach a nis tha mi gu toileach ga athnuadhachadh, air dhomh a bhi mothachail nach urrainn mi bhi ceangailte tuilleadh ‘us teann. Tha mi ghnàth fodh eagal mar a bi na cùird air an neartachadh, anns an t-saoghail ghuasadaich so, gur eagal gu’m bris mi bho’m acair, agus gu’m bi mi air m’fhlùraich air falbh bh’uat. Tha mi, uime sin a ris, a mionnachadh, air corp agus fuil Chriosd, a bhi umhail agus dileas. Thighearn tha thu a’d fhianuis air mo mhiannan, cuidich leam.
(R’a leantuin.)