Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1954 » June 1954 » Suipeir an Tighearn

Suipeir an Tighearn

LE EANRUIG GROVE.

(Air a leantuinn bho t.d. 27.)

EARRANN VII.

VI. Bhàsaich ar Fear-saoraiddh mar neach a thug buaidh.

Tha e, mar sin gu soilleir air a ràdh, “tre’n bhàs gu’n claoideadh e esan, aig am bheil cumhachd a bhàis, is e sin, an diabhul; agus gu’n saoradh e iadsan a bha tre eagal a bhàis re am beatha uile fo’dhàorsa.” Tha glìocas Dhe gu soilleir air fhaicinn ann a’ bhi toirt buaidh air naimhdeas dhroch dhaoine agus spioradan caillte leis na dearbh mheadhonan dhe’m bheil iadsan a deanamh feum gu bhi toirt an droch innleachdan gu crìch. Cia cho mòr ‘s a bha buaidh Shàtain, ‘n uair, air dhà cur ann an cridhe Iudais Criosd a bhrath, agus a chuir e air adhart Iudhaich agus Ròmanaich gu a cheusadh; chunnaic e’n gniomh uamhasach sin air a chur an gniomh, gun e bhi smuainteachadh gu’r e’ni a bha e deanamh gairdeachas ann, a bha dol a thoirt na buile a bu chunnartaich da iomairt a thuair i riabh. Thug Criosd buaidh air an diabhul anns an fhàsach; air a chrann-cheusaidh tha a bhuaidh air a deanamh ni’s iomlaine le feartan a bhàis, gu bhi claoideadh euceart, agus a chuir as do’n bhàs, ni is e toradh a pheacaidh. Leis an aon ghnìomh leis an d’thug Samson bàs air fein chuir e àireamh mhòr do naimhdhean Dhe anns an sgrios cheudna.

Ach a labhairt gu h-eagnaidh, cha b’e bàs Shamsoin a bha cho marbhtach do na Philistich, ach gniomh deireannach a bheatha: am feadh, anns a chùis a tha làthair, b’e ‘m bàs fein an slighe gu buaidh. Tha againn iomradh air daoine a thug buaidh aig a bhàs, agus air dhoibh gabhail thar a’ nàmhdean a bhàsaich toilichte. Feuch, tha’n so aon a tha toirt buaidh le bhi bàsachadh; Cha’n e nàmhaid cumanta, ach nàmhaid gach neach do chloinn na’n daoine, agus an nàmhaid dheireannach, eadhon am bàs fein. Rugadh e a chùm agus gu’m bàsaicheadh e, agus bhàsaich e gu eirigh a ris.

Tha ar Slanuighear a bhi ga “chlaoidh”—san aig am bheil cumhachd a bhàis, ni’s fearr air a mhìneachadh leis gu’n do “chuir e as do’n bhàs”; ‘s e’n aon fhacal a tha air a chleachdadh ‘s an dà àite, ach air eadar-theangachadh ann an dòigh eadar-dhealaichte. Tha e air òrduchadh do na h-uile dhaoine bàs fhaotainn aon uair. Ach, mar sin, bhàsaich Criosd a chùm agus gu’n sgriosadh, agus gu’n deanadh e gun bhrìgh, am bàs sin a ‘r thàinig air na h-uile dhaoine, le bhi: faotainn aiseirigh do na h-uile, agus air son na h-uile a ni gu maith, aiseirigh a chum beatha shiorruidh agus shona. Agus le bhi deanamh gun bhrigh na h-uile ni bha’m bàs a deanamh air son an uibhir so de miltean bliadhna; tha e deanamh gun fheum, na gun bhrìgh, innleachdan an droch spioraid sin leis an do chail an duine, tre a bhuaireidhean, neo-bhàsmhorachd, agus leis am bheil, mar sheorsa de fhear-buaidh, clann nan daoine uile air an cumail ann an daorsa do eagal a bhàis agus na h-ifrinn. Air do Chriosd, mar an dara Adhamh, bàsachadh gun a bhi toilltean a bhàis, agus basachadh n’ar n’aité-ne, dh’aisig e air ais an neo-bhàsmhorachd a chaill a cheud Adhamh, le a pheachadh, air a shon fein agus air son a shloichd. Bho’n t-sealladh so smuainticheadh-mid air an Tighearn a thuair bàs, ‘n uair a tha sinn a foillseachadh a bhàis ann an sàcramaid na Suipeir. Smuainticheadh-mid air mar a bhàs a toirt buaidh agus cha’n ann mar neach air an tugadh buaidh. Beachdaicheadh-mid air a bhàs mar an ni a cheannaich ar saorsa; agus air aiseirigh, ni nach buineadh dhuinn anns a chùis so a dhealachadh ri bhàs, air dhoibh a bhi cho dluth agus cho do-sheachaint air an ceangal ri cheile, mar earlas agus dearbh-bheachd air. Leis a mheadhon so gheibh sinn didean, ann am beachd-smuainteachd air bàs Chriosd, gu h-àraidh aig a Bhòrd, an aghaidh ar n’eagalan fein—”C’arson a bhitheadh eagal orm bàsachadh? Nach do bhlais mo Shlànughear air an dearbh cupa shearbh? Agus nach robh a bhàs gu h-aithghearr air a leantuinn le aiseirigh? Air an dòigh cheudna, ged a gheibh mi bàs, bithidh mi beo a ris, do-bhrigh gu’m bheil Criosd beo. Faodaidh, gu’n teagamh, a bhi ni’s fhaide eadar mo bhàs-sa agus m’aiseirigh, ach ciod e dhà sin, bho’n a tha anamaibh nan creidmheach a dol air ball do’n àite far am bheil Criosd; agus tha’n dearbh chinnteas agam-sa gu’n eirich mi aig an latha dheircannach agus a th’agam gu’n d’eirich m’Thear-saoraidh a cheanna; agus gu’n eirich mi gu còmhnuidh a ghabhail maille ri Criosd gu bràth, agus a th’agam gu’m bheil mi beo agus a bàsachadh dha a nis: air son an aobhair so, am feadh a tha mi cumail air chuimhne bàs m’Thear-saoraidh, gabhaidh mi’n cothrom gu bhi cumail air chuimhne a bhuaidh thairis air a bhàs; agus gu mi fein a chomhfhurtachadh le bhi beachdachadh air a bhuaidh iomlan a gheibh a bhuill uile thairis air a bhàs, ni a tha air a ghleidheadh gu bhi a deanamh iomlan, agus a crùnadh, sòlamainteachd an latha dheircannaich. O bhàis, c’ait am bheil do ghath? O uaigh, c’ait am bheil do bhuaidh? Is e peacadh gath a bhàis agus neart a pheacaidh an lagh: Ach buidheachas do Dhia a tha toirt dhuinne na buaidh, tre ar Tighearn Iosa Criosd.

VII. Faodaidh sinn beachdachadh air bàs Chriosd mar am bonn air am bheil e air àrdachadh.

Oir, do bhrìgh, gu’n do dh’ioraslaich se e fein, agus gu’n robh e umhail gu bàs, eadhon bàs a chroinn-cheusaidh, uime sin, mar an ceudna, dh’árdueich Dia e gu robh àrd, agus thug e dha ainm os ceann gach uile ainm: chum ann an ainm Iosa gu’n lùbadh gach glun, do nithean a tà air neamh, agus do nithean a tà air an talamh, agus do nithean a ta foidh’n talamh; agus gu’n aidicheadh gach teangadh gu’r e Iosa Criosd an Tighearn, chum glòir Dhe an Athar. Tha’n saoghal uile foidh ùghdarras; agus feumaidh gach neach is urrain sin, aideachadh, le bhi, gu toileach, a striochdadh dha. Ann an àite eile tha Dia fein air a thoirt fodh ar comhair, ag ràdh ri Mhac, “Tha do righ-chaithir, a Dhe, gu saoghal nan saoghal; is slat-rioghail ro-chothromach slat do rioghachd-sa; Ghràdhaich thu fireantachd, agus thug thu fuath do aingidheachd: uime sin dh’ung Dia, do Dha-sa, thu le oladh aoibhneis os ceann do chompanacha”; chuir e thu fada os ceann na muintir sin a tha, coltach riut, a co-phàrtachadh ann an staid agus ann an inbhe rioghail.

Bho’n dà àite sin air an coimeas r’a cheile, tha sinn a fòghlum, gu’r e ni a bha cho tlaichdmhor do Dhe a bha ann am bàs a Mhic, agus an ni air son an d’àrdaich se e a dh’ionnsuidh a làimhe deis, a toirt dha gach uile chumhachd air neamh agus air talamh, an ùmhlachd agus an geilleadh do thoil Dhe a dh’fhoillsich e an sin: a ghràdh do naomhachd agus eud air son a bhi ga h-adhartachadh, ni a bha a chrioich mhòr aige ann a bhi gabhail os làimh dreuchd Eadar-mheadhonaire eadar Dia agus daoine, agus a tha ga fhoillseachadh fein le bhi ga chur an gnìomh.

Bho ioraslaichd Chriosd, Mac Dhe, ni is e cheud sealladh a dh’fhosglas fo’r comhair ‘n uair a tha sinn a co-phàrtachadh de chuimhneachain a bhàis, rachad-mid air adhart n’ar smuaintean a dh’ionnsuidh àrdachaidh, a bha leantuinn gu dlùth. Dh’fhuiling e’n toiseach, agus an sin chaidh e stigh do ghlòir. Bh’uaithhe so tha mi air mo theagasg ciod e’n dòigh a choisneas mi deadh-ghean Dhe, agus an adhartaich mi mi fein ann; Cha’n ann le bhi moladh ùmhlachd mhacail agus cho striochdta ‘s a bha e fodh fhulangasaibh, am feadh a tha mi toirt cleachdadh do nàdur gearanaich agus càrranach; Cha’n ann le bhi’g earbsa na fireantachd am feadh a tha mi gun ghràdh do fireantachd ‘n am chridhe fein, agus na’m choigreach do bhi toirt cleachdadh do fireantachd ‘n am bheatha. Cha’n urrain mi smuainteachadh, ma smuainticheas mi gu ceart, gu’n eirich mi air dòigh eile ach anns an dòigh ‘s an d’eirich Mac Dhe; ged nach urrain mi leantuinn na fuath do aingidheachd, gidheadh air a sgàth-san a dh’fhuathaich e, agus do-bhrigh gu’n d’fhuathaich se e, buillichidh e na h-aon chomharaidhean air a dheadh-ghean orma agus a ni e orra-san is coltaiche ris; agus thig a nuas ormsa cuid de na ghlòir a thuair e mar dhuais a naomhachd agus ùmhlachd, ged nach eil ni agam a bheir mi air adhart de aon dhiubh, agus nach eil agam an tomhas is isle de onair shoigseulach.

Thoireadh so dearbh-shoilleireachd dhomh air m’fheum air naomhachd, chum agus gu’n toilich mi Dia, agus bi mi air mo bheothachadh gu bhi’g oidhearpachadh an deigh an tomhas is àirde dheth; do-bhrigh anns an aon tomhas anns an tig mi faisg air mo Shlànughear a nis, gu’n tig mi am fagasg dhà ann an sonas agus ann an glòir an deigh so.

(R’a leantuinn.)

Do not receive it as a truth, or act as though it were, that backsliding must necessarily be expected in a Christian, or that Christ has no sharp word to speak against leaving one’s first love; but ask His almighty grace to keep you from stumbling or going astray; and let not these solemn words depart from you, “We are not of them who draw back unto perdition” (Heb. x. v. 39).—Charles C. McIntosh.

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice