LE EANRUIG GROVE.
(Air a leantuinn bho t.d. 58.)
VIII. Faodar beachdachadh air bäs Chriosd anns an dàimh anns am bheil e seasamh dha dhara teachd. Oir cia minic agus a dh’itheas, sibh an t-aran so, agus a dh’òlas sibh an cupan so tha sibh a foill-seachadh bàis an Tighearn gus an tig e. Uime sin tha e dol a thighinn, agus gus an tig e, cha’n eil an eaglais aige air an talamh a dol a sgrur a dh’fhoillseachadh a bhàis. Mar a “thugadh Criosd suas aon uair a thoirt air falbh peacanna mhòran” mar sin “an dara uair as eugmhais peacaidh (‘s e sin iobairt air son peacaidh) foillsichear a dhoibh-san aig am bheil sùil ris, chum slàinte.” Thainig e’n sin a chosnadhlàinte, ach a nis gu bhi ga toirt seachad. Tha’n dithis so, ‘s e sin, ceud theachd agus dara reachd Chriosd, a dh’aindeoin an astair a tha eadar a cheud aon agus an aon eile, ri bhi air an ceangal ri cheile ann an sealladh a Chriosduidh, mar a tha iad air an ainmeachadh cuideachd anns an earrann a chaidh ainmeachadh a cheanna. Tha sinn a creidsinn gun do bhàsaich Criosd; agus gu bhi cur an ceill an ni sin, tha sinn a foillseachadh a bhàis anns an òrdugh so: ach tha sinn a creidsinn mar an ceudna gu’n do dh’eirich e rithisd bho na mairbh, gu’n deachaidh e suas gu ro-àrd ‘os ceann na’n neamhan, agus as a sin gu’n tig e’ nuas anns an dearbh dhòigh anns am fae a dheiscioibuil e dol suas do neamh; agus mar fhianuis air gur e so ar creidimh, tha sinn a foillseachadh a bhàis gus an tig e. Tha aig an òrdugh so dà thaobh ann an aon. Tha e aig an aon am a coimhead air ais agus air adhart; air dhà bhi na chumhneachan taingeil air a bhàs eifeachdach ach mhal-laicht’, a dh’fhulling ar Slànnuighear ‘n uair a thàinig e’n toiseach do’n t-saoghal so, agus do-bhrìgh an cuimhneachan so thàinig k gu bhi na gheall aoibhneach air a dhara teachd ghloirmhor; agus mar sin dh’fhàg e aig eaglais e, mar ni nach fheum i dealachadh gu bràth ris, gu’s an tig an cuspair a thug e, gu bhi ga ghabhail air ais le a lathaireachd. ‘S e teachd a tha’n so a bu chòr do gach neach aig am bheil gràdh do Chriosd gairdeachas a dheanamh ann am bhi smuainteachd air, agus a bhi ullamh gu glaothaich a mach le aoibhneas, “Thig a Thighearn Iosa gu grad.” Anns an diomhaireachd so tha mi g’ad fhaicinn gu doreha, mar tre ghloine. O cuin a chi mi thu aghaidh ri aghaidh. Cuin a bhriseas Grian na Fireantachd tre gach brat a tha seasamh ‘s an rathad, chum agus gu’m bi na sguilean so air an cur air falbh, agus a bhitheas aig a cheile, an eaglais, toileachas ann a bhi ga fhaicinn na uile ghloir. ‘S milis an fhagascachd a tha e nis a toirt dha ar n’anamaibh: tha na seallaidheanfad as ud nan ùrachadh eumhachdach, cia mòr a bhitheas an toileachas air a mheudachadh ‘n uair a bhitheas mi air choigrich as a chollain agus a lathair maillle ris an Tighearn. ‘Os ceann na h-uile ni, ‘n uair a chuireas mi orm mo chorp air a ghlor-achadh, agus maillle ris na h-iomadh mile, agus miltibh uair deich mile dhe naoimh, a bha riamh air an talamh, a dh’eireas mi gus a choinneachadh anns an adhar; a bhi gu follaiseach air m’aideachadh agus air mo shaoradh leis, agus leis-san air mo thaibseanadh naomh agus gun lochd do Dhia eadhon an t-Athair; a chi mi e air eudachadh ann am mòrachd agus ann an gràdh, agus a thuiteas mi aig a chosaibh gu aoradh a dhcanamh dha. Thighearna, ciod e’n t-aobhneas a bhitheas an sin. Mar a treoiricheadh an gniomh naomh so sinn ach a dh’ionnsuidh bàis Chriosd agus gun a bhi ciallachadh an còr cha bhitheadh ann ach obair gun chridhe agus ro-mhuladach; shuidheadh-mid gu brònach aig a Bhòrd, agus cha bhitheadh cuspàirean fodh’r comhair ach a leithid agus agus a bhithcach freagarach gu bhi beathachadh ar bròin: ach, beannaicht’ gu’n robh Dia, bho bhàs Chriosd tha e giullain ar seallaidh a dh’ionnsuidh latha deireannach an t-saoghal, ‘n uair a bhitheas e air fhoillseachadh ann an gloir Athar maillle ri ainglean naomh, agus chi do shùilean-sa e, O Chriosduidh, do shùilean-sa agus cha’n e sùlean neach eile. Bhàsaich do Shlànughear ach cha deach as dhà; tha e beo gu siorruidh gu bhi riaghladh an t-saoghail agus a deanamh eadar-ghuidh air son eaglais; tha e air falbh, ach cha’n ann a ciallachadh gun tilleadh tuilleadh. Agus feumaidh so a bhi na bheachd-smuainteachadh milis dha gach neach a tha anam a ghnàth a sìneadh a mach a dh’ionnsuidh Fhir-shaoraiddh. Bhà’n t-Israelceach creidmheach air aithneachadh leis an fheitheamh dhùrachdach a bha aig ri ceud theachd a Mhessiah; tha’m fior creidmheach air aithneachadh le creidimh agus dòchas ann an dara teachd a Thighearn; agus a chùram gu bhi’g ullachadh air a shon. Bha na iobairtean fodh’n lagh a samh-lachadh a mach roimh-làimh Criosd ga thoirt fein suas air a chrann; ach cha’n eil e cho cinnteach gu’n robh sealladh soilleir aig na h-Iudhaich air a chiall shamhlachail so a bhi aig na h-iobairtean aca, agus mar sin gu’n robh an creidimh air a neartachadh agus air a chuideachadh a thaobh na h-iobairt sin a bha ri bhi air a toirt suas ann an coimh-lionadh na h-aimsir: ach tha aig a Chriosduidh na lànhan cuimh-neachain a bhàis luachmhor sin, mar sheorsa de urras air e bhi tighinn a rithisd ni’s mothà ann an coslas Dhe. Chuir ceud fhoillseachadh Chriosd croich air samhlaidhean an lagha; cuiridh a dhara foillseachadh croich air òrduighean deas-ghnàthail an t-soisgeil; agus ‘s ann gu toileach a ni an eaglais iomlaid bho chreidimh gu sealladh, bho’n a sgàile a dh’ionnsuidh an t-suspainn, bho’n an t-samhladh a dh’ionnsuidh an ni a tha air a shamhlachadh. Oir ged a tha gràdh aig na creidmheich do’n òrdugh so, tha barrachd gràidh aca do Iosa fein, oir is ann air a sgàth-san a mhain a tha gràdh aca do’n òrdugh. “D’am bheil sibh a toirt gràidh, ged nach faca sibh e; agus ged nach eil sibh a nis ga fhaicinn, air dhuibh a bhi creidsinn ann, tha sibh a deanamh mor ghàir-deachas, le h-aobhneas air dol thar labhairt, agus làn do ghloir.” Agus am bheil e mar sin, gu’m bheil gràdh agam do theachd Chriosd, agus a tha fios agam gu’n tig gu cinnteach gu teachd na nithean sin uile a tha air a ràdh a thaobh uamhas fhoilleachaidh-san, agus na toraidhean mòr agus siorruidh a tha ga leantuin. Thighearn, ciod e ghné duine, uime sin, bu chòr a bhi annam ann an eaithe-beatha naomh agus diadhaidh. An e aon chroich mo cho-phàrtachadh de Shuipeir an Tighearn a bhi eur an ceill mo chreidimh ann an teachd Chriosd a rithisd a thoirt breith air an t-saoghail agus a bhi air a ghloirachadh na naoimh? Agus nach bu chòr so mo eur an cuimhne ni eile a bu chòr a bhi agam ‘s an amharc, eadhon a bhi deanamh ni’s ullamh air son a theachd, agus mi fein a chleachdadh a ghnàth le suim do’n latha ud, chum agus gu’m bì mi comasach air mo chùnntas a thoirt suas le h-aobhneas? Bith’m ri faire, do-bhrigh nach aithne dhomh an t-am anns an tig ar Tighearn; agus na di-chuimhnicheam gu bràth mar a bhitheas mi air m’fhaotainn aig mo bhàs, gur ann mar sin a bhitheas mi air m’fhaotainn anns a bhreitheanas, agus gu’m bheil mo bhàs coltaich ri bhi co-chosmhail rì’m bheatha—Eadar-theangaicht’ le Iain Mac a Chòmbaich.
(A’ chroich.)