Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1954 » September 1954 » Dioghluim

Dioghluim

BHO’N URR. ALASDAIR MACCOLLA.

Air an aobhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig
a dh’ionnsuidh Dhé trid-san a thearnadh gu h-iomlan, do bhrigh
gu bheil e beò gu siorruidh gu eadar-ghuidhe a dheanamh air an
son (Eabh. vii. 25).

I. Fedraichidh sinn cò ann a tha uile-fhreagarrachd agus a chumhachd gu tearnadh a’ co-sheasamh. II. Mhuinntir a tha e tearnadh agus cinnteachd agus mairreannachd an slàinte.

I. Tha e soilleir bho’n fhoical a tha’n t-abstol a cleachdadh an toiseach na h-carrainn gu’n robh aige na bheachd na thubhairt e mu thràth ‘s an litir so mu àrd-ehcannas sagartachd Chriosd. I. Cha’n eil uile-fhreagarrachd agus a chumhachd gu tearnadh a co-sheasamh, a mhàin, ‘n a chumhachd neo-chriochnach mar tha cuid ag ràdh. Biodh e air a ràdh le mòr urram, tha nithean nach urrainn Dia a dheanamh.

Cha’n eil so ag éirigh bho neo-iomlanachd no neo-fhoirfeachd sam bith ‘n a nàdur na ‘n a bhuaðhan ach bho fhoirfeachd neo-chriochnach a nàduir agus diongmhaltas a bhuaðhan. Cha’n urrainn dha sin a dheanamh a tha an aghaidh naomhachd a nàduir agus a chluì, urram a riaghlaidh, agus glòir a bhuaðhan. Air an aobhar sin cha b’uirrainn da tearnadh le uile-chumhachd a mhàin, dh’easbhuidh a cheartas a bhi air a riarachadh. Feumaidh réite bhi cadar buadhan Dhé ann an deilbh, ann an coimblionadh, agus ann an co-chur innlcaehd iongantach na slàinte. Cha ghabh mi-chòrdadh, no ainhreite no neo-fhreagarrachd a bhi cadar buadhan Dhé. Tha gach aon de na buadhan glòrmhor ann an cleachdadh, a gabhail tlaichd ann am foillseachadh moladh agus glòir a chéile. “Tha trocair agus firinn air comhlachadh a chéile: tha ceartas agus sith air pogadh a chéile.” Tha cuid eile mar gu’m bi am beachd nach eil buadh eile ann an Dia ach trocair—agus gu’n amharas, tha e ni’s neo-chriochnaiche tròcaireach na smuaintich iad riamh, no ni’s urrainn dhaibh gu bràth a thuisinn—Mur biodh, bha ar cuibhrionn bho chionn fhada anns an ionad anns am bheil gul agus caoidh agus giosgan fhiacal. Cho tric agus a chluinneas sinn sluagh a toirt mar am bonn tearnaidh—O tha Dia trocaireach agus tha sinn an dòchas gu’m bi e trocaireach ruinne. Tha dòchas aig cuid eile nach mill e obair a laimh; agus their cuid eile, gu h-aimideach, ni sinn ni’s urrainn duinn, agus cha bhi an còrr air iarruidh òirrn. B’e obair gun chrioich a dhòl thairis air na h-uile grainne gainmhiach a tha anns a’ bhunait air am bheil iad a togail tigh tigh breòite a thuiteas ann an latha an dearbhaidh. Tha sinn ag ràdh, mar sin, gu’m bheil uile-fhreagarrachd gu tearnadh a co-sheasamh, anns a chéus àite, ann an aonachd a Phcarsa. Is Dia agus is duine e ann an aon Phersa. B’éiginn so a bhi. Bha eas-urram air a chur air an lagh naomh—oilbheum air ceartas—Dia diombach. B’e an duine, air a bhrosnachadh leis an ard-dheanhain, a chiontaich. Is ann air an talamh a chiomtaich e. Bha peacadh air a dheanamh an aghaidh Bith neo-chriochnach ‘n a fhoirfeachd, ni a thug neo-chriochnachd de ole agus de thoilteanas do pheacadh. Mu’s biodh réite agus sith air an aiseag, dh’fhéumadh peacadh a bhi air a dhioladh agus air a chur air falbh—dh’fhéumadh réite tre iobairt a bhi deannta. Cha b’urrainn d’an duine so a dheanamh, no do ainglibh. Ach dhealbh glíocas neo-chriochnach innleachd. Chuir gràdh neo-chriochnach an cleachdadh i. Is e so an t-aobhar gur e Criosd an Slànuighear toradh do-rannsaichte mòr glíocas neo-chriochnach. Féumaidh E bhi na dhuine, oir ‘s e duine a chuir eas-urram air an lagh, ann an nàdur duine feumaidh an lagh a bhi air àrdachadh, agus urram a bhi air a chur air. Chuir duine e tèin fodh’n mhallaichd, féumaidh duine a’ mallachd a ghiulain. Pheacaich an duine agus tha e airidh air corruich Dhé; feumaidh duine a choruich a ghiulain agus a sithcahadh. Dh’easbhuidh dòrtadh fola cha’n eil maitheanas peacaich. Cha’n urrainn dà, mar Dhia, bàs flaotainn. Is òiginn da nàdur an duine a ghabhail thug, agus a bli

buailteach do bhàs, eadhon bàs a chroinn-chéusaidh. Ach mar a chì sinn gu’m b’éiginn dà a bhi na dhuinne, chi sinn gu’m b’éiginn dà a bhi na Dhia—Dia gu bhi ‘n a chuideachadh ‘n a fhlangasaibh, gu a naimhdean a chlaidh agus a mhilleadh gu tur—a naimhdean, peacadh, an saoghal, Satan, am bàs, an uaigh, agus ifrinn—Dia gu fu, airidheachd, agus éifeachd neo-chriochnach anns gach ni, a rinn agus a dh’fhuilin e. Bha a shamhuil sin de àrd-shagart iomchuidh dhuinne, a bha naomh, neo-lochdach, neo-thruailidh, air a dhealachadh bho pheacaich, agus a rinneadh ni’s àirde na na neamhan. Tha uile airidheachd agus éifeachd ùmhlachd agus a bhàis a teachd bho inbhe neo-chriochnach a Phearsa. Ann an so chi sinn tri bunabhasan àirdh air ar beachd agus a tha na’m buinn chinnteach agus shàbhailt dòchaibh flior. Ann an aonadh a Phearsa mar an Dia-duine, chi sinn ar n-àrds-hagart thairis air tigh Dhe a eur an gniomh an ni a dh’earbadh ris. Ann an nàdur na diadhachd chi sinn an altair oir air a d’thug e seachad iobairt deagh fhàile do Dhia. Ann an nàdur daonnachd naomha, chi sinn an tabhartas a chaidh a thoirt suas. Ann an so, ann an aon, tha co-aonaichte, an t-àrd-shagart, an altair, agus an iobairt.

(R’a leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice