BHO’N URR. ALASDAIR MACCOLLA.
(Air a leantuin bho t.d. 152.)
-
Òrduchadh gu oifig na h-eadar-mheadhonaireachd. Bha e air òrduchadh leis an Athair, agus air ungadh leis an Spiorad bheanaichte gu oifigean mar eadar-mheadhonair. Faic Eabh. v. 4, 5, 6. Bha òrduchadh bho shiorrruidheachd, agus chi sinn an dòigh anns na h-Eabh. vii. 16. Tha òrduchadh na ghniomh neo-chriochnach cudthromach. Is cuid e dhe innleachd na slàinte, agus is bunabhas e ro-chudthromach mar bharant dòchais a bhi taiceachadh gun amharus, ar leas agus ar buannachd shiorruidh airsian. Chum so a dheanamh ni’s soilleire, saoil gun do chuir rioghachdan a bha cogadh an aghaidh a chéile a mach cumhaichn sithe. Chuir iad bh’utha teachdairean, no àrd-theachdairean, armaichte agus erioslaichte le le ùghdarras cùmhnant sithe a dheanamh. Ach féumaidh iad an litrichean ùghdarras a nochdadh, agus am barant airson na bheil air earbsa riutha. Is e Criostd teachdaire Dhe bho ncamh gu talamh a dheanamh gnothuich ri daoine mu’n sith. Bha e air òrduchadh le Dia an t-Athair; nochd e ùghdarras agus a bharantas, le teisteanas an Athar bho neamh. A ghniomharan morbhuleach, na teagasgan a thug e seachad, as-éirigh, a dhol suas, tûirlingeadh an Spioraid, agus caochladh fhianaisean bho neamh d’a thaobh aig a bhreth, a bhaisteadh, air beinn a chruth-atharrachaidh, agus aig a bhàs; soirbheachadh an t-soisgeil, agus iompachadh de mhuillionan de’n chimne-daonna—ann an so air fad tha againn teisteanas do-sheachainnte air taobh Chriosd. Bha e air òrduchadh; thainig e; thaisbean e ùghdarras, agus tha barant againn, anns na h-uile seadh, tearnadh ar n-anamaibh earbsa ris-san, ris an d’earb Dia foillseachadh a ghloir agus tearnadh àireamh do-àireamh de pheacaich.
-
Obair choimhlionta ‘n a oifig. Mar so rinn e tearnadh pheacach a bhi freagarrach ri eblu agus ri bhuadhan naomh agus ionraic, ionnan agus gu’n do chiomhlion e cumhachan an lagha; riarach e agartasan ceartais Dhé, agus dh’fhosgail e cladhan do shaor ghràdh, do throcair, agus do ghràs Dhé, ann an dòigh a ghiulaineas riadh de ghloir shrior-ruidh do bhuadhan òirdheire, nach b’urrainn a bhi air a’chosnad air dòigh sam bith eile, no, ged bhuañaich an duine ann an staid a neo-chiontais. Ann an so tha trocair agus firinn a dol roimh a ghnuis—uile bhuadhan na diadhachd air am fireanachadh agus air an ghlòireachadh—’fhirinn, a dhilseachd, a cheartas, a naomhachd, a lagh, a ghràdh, a ghràs, agus a thròcair.
-
Dia a gabhaill bh’uaithhe ‘ùmhlachd agus iobairt. Gidheadh na’n d’rinn agus na’n d’fhuing Criosd mar a robh so air a ghabbail bh’uaithhe, bha a rùntean glòrmhor air an eur bun os eionn. Cha b’odh ann an imleachd tearnaidh an duine ach ni gun bhrigh. Ach tha a h-uile dearbhadh gu’n do ghabh Dia iobairt Chriosd le tlaichd, air a dhaingneachadh leis na nithean air an do mheoraich sinn a cheana, agus gu h-araidh le as-éirigh agus àrdachadh air deas laimh Dhé, agus le tûirlingeadh an Spioraid Naoimh.
-
An lànachd neo-chriochnaich a tha ann an Criosd. Aige tha lànachd gràis maithidh agus fireanachaidh—grais ath-ghineamhuinn, uchd-mhacaichaidh, naomhachaidh, glòireachaidh, agus buanachaidh. A nis faodaidh iad uile-chumhaichd, agus uile-ghliocas Dhé a thagar. Tha uile bhuadhan Iehobh air taobh a shluaigh agus air an cleachdadh gu uile gheallaidhean Dhé ann an Criosd a choimhlonadh, a tha annsan na’n seadh agus na’n Amen chum glòir Dhe an t-Athair. Tha’ ghliocas gu meadhonan a dhealbh, agus an t-shlighe a nochdadh, a chumhaichd chum so a thoirt gu buil mhaith, a ghràs gu bhi tioclachadh na tha anns a’ ghealladh, a dhilseachd gu bhi coimhlonadh, agus a cheartas chùm na h-uile a dheanamh dearbhta.
II. Iadsan a bhios air an tearnadh. Iadsan a thig a chum Dhé trid-san. Féumaidh iad tri nithean a bhi’n an amharc. 1. Nàdur na teachd an crochadh ris a’ bheil slàinte. 2. An dòigh anns an tig iad, trid-san. 3. Cho fad agus a ni e an tearnadh—a ghleidheadh orra agus a chùram dhiubh gun sgrù—gus a’ chéum as fhaide mach, seadh, iomlan, gun chrioch.
(A’ chrioch.)