Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1954 » December 1954 » Searmonan: SEARMON I

Searmonan: SEARMON I

Leis an URR. TEARLACH C. MAC AN TOISICH, D.D.

“Oir cha’n iad mo smuaínte-sa ’ur smuaínte-se, ni mò is iad ’ur slighean-se, mo shlighean-sa, deir an Tighearn’. Oir mar a tha na neamhan ard seach an talamh, mar sin tha mo shlighean-sa ard seach ’ur slighean-se, agus mo smuaínte-sa seach ’ur smuaínte-se” (Isaiah lv. 8, 9).

Tha na briathran so a deanamh gnothuich ri slighibh Dhé ann an obair na saorsa. Tha na briathran gu’n teagamh fior anns an t-seadh is farsuinn; tha uile shlighibh agus smuaínteann Dhé gu neo-chriachnach ni’s àirde na ar shlighean agus ar smuaínteann-ne; ach an so, tha iad gu sònraicht’ air an co-chur ri maitheanas. Tha anns an rann a tha dol air thoiseach, àithne ghràsmhor, “Tréigeadh an t-aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuaínteann; agus pilleadh e ris an Tighearn’, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt.” Ach tha an dearbhadh so air tròcair agus air maitheanas, a tha cho ullamh air fàilte a chur air a pheacach, air bhi do’n mhaith-eanas so, ann fein, na ni cho iongantach, agus cho calg-dhireach an aghaidh gach uile mhothaichadh air cionta, a treorachadh a pheacaich, a thaair a dhusgadh, gu sùil a bhi aige ris, tha an Tighearn’, gu bhi ga mhisneachadh gus an fhirinn a ghabhail, a leantuinn a chuiridh leis na briathran, “Oir cha’n iad mo smuaínte-sa ’ur smuaínte-se, ni mo is iad ’ur slighean-se, mo shlighean-sa.”

Faodaidh cuid a bhi smuaínteachadh nach eil ni ann an so a tha dulich a ghabhail a stigh agus nach eil firinn ann is furasda a ghabhail rithe na gu’m bheil an Tighearn’ grasmhor. Chreid iad a ghnath an an tròcair Dhé; tha dòchas aca innte mar an ceudna, agus tha iad a faotainn na cuis taitneach e bhi mar sin.

Ach eiod e bonn diomhair na furasdachd sin leis am bheil iad a creidsinn na firinn mhòr so? Is e nach d’fhairich iad riamh lot na gath a pheacaich; cha robh iad riamh air an toirt mar chiontaich, air an diteadh gu ceart, air beul-thaoibh Dhé. Agus ciod a dh’fheumar smuainteachadh mu’n creidimh ann am maitheanas Dhé? Gur e th’ann uile ach aislig. The iad ag earbsa ann an trócair aig nach eil bith—trócair nach toir ga’n ionnsuidh fior mhillseachd a nis, agus air a cheann mu dheireadh a dh’fhágas iad na’n creich gun chuideachadh agus rùisgte do cheartas a tha air faotainn támaithe.

Ma gheibheadh-mid a nach fior chreidmheach ann an trócair Dhé, feumaidh sinn a dhol, cha’n ann a dh’ionnsuidh na muinntir aig am bheil an eridhe slàn, a labhras gu neofhaireachail, agus uime sin dha nach aithne ciod e th’ann, ach a dh’ionnsuidh a chismhaoir bhochd a tha glaothaich a mach, “Dhia dean trócair orm a tha am pheacach.” Is e esan a dh’fhairich lot a pheacaidh, a tha cluinninn an lagha a eur an céill, “An t-anam a chiontaicheas gheibh e báis,” agus tha choguis a eur a seula ri a dhiteadh. Tha e cluinninn a pheacaidhean a glaothaich gu h-árd air son dioghaltais. The e faicinn uile bhuadhan Dhé—a naomhachd, a cheartas, agus fhírinn—ag agradh a pheanas. An sin tha beanntaibh ag eirigh eadar e agus an trócair a thuair e aig aon am cho furasda a chreidsinn ann. Tha e’g amharc a stigh, agus cha’n fhaic e aobhar air bith air son gu’m bitheadh dàil air a chur ann an dioghaltas; tha e’g amharc os a cheann, agus cha’n eil e faicinn ach aon neul-tàirneanaich de fheirg. Ciod is urrainn e ràdh ach, “Is ceart thu, a Thighearn’, eadhon ged a chuireadh tu as dhomh.” Am feadh a tha e’s an t-suidheachadh gun chuideachadh so, agus, a reir fhaireachadh fein, ‘s an t-suidheachadh gu’n dòchas so, tha’n guth caol ciunn bho bheinn Shion ag ràdh, “Pill ris an Tighearn’, agus bithidh e trócaireach dhuit.” Cha b’ioghnadh ged a bhitheadh e eucomasach dha an fhírinn bheannaicht’ so a ghabhail. “Trócair, trócair air mo shon-sa,” tha e’g glaothaich; “ni-headh, cha’n urrainn sin a bhi.” Agus is firinn shòlaimte agus thiamhaidh a th’ann gu’m bheil a comasach, mar so, comhradh a dheanamh ri ceartas Dhé, agus a bhi air chrith fa chomhair, gu’n ruigheachd air beachd air a thrócair, a tha’g ioraslachadh an anama agus a ghiulain sìth dha ionnsuidh. Gu’n cheisd, as eugmhais obair an Spioraid Naoimh, ann a bhi toirt dha sulean a chreidimh, cha b’urrainn e gu bràth fhaicinn. Ni h-eadh, eadhon leis an fhradhare spioradail so, feumaidh an fhírinn a bhi air a toirt dlùth dha leis an Focal, gu bhi deanamh comasach do chreidimh bochd eritheanach a breith-nachadh; agus is ann air son so a tha Dia ag ràdh, “Cha’n iad mo smuainte-sa ‘ur smuainte-se, ni mo is iad ‘ur slighean-se, mo shlighean-sa.” Is ann mar gu’n abradh e, “Na’m biethidh mo smuainte-sa mar bhuir smuainte-se, bu diamhain da-rìreadh a biethidh gach suil ri maitheanas; ach tha mo smuainte-sa gu neo-chriochnach os ceann bhuir smuainte-se; uime sin pillibh riumsa agus bithidh mi trócaireach.”

(R’a leantwinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice