LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TOISICH, D.D.
SEARMON I.
(Air a leantuin bho t.d. 246.)
Ach bithidh e coltach gu’m bheil na briathran air an ciallachadh, cha’n ann a mhàin gu bhi cuideachadh na dhearbhaidh am peacaidhean orra, agus na tha gu mothachail na’m peacaid fein-sgrios—te, gu bhi faicinn gu’m bheil trocair ann an Dia, ach gu’m bheil trocair gu leor agus maithneas gu leor air an son-sa. Tha dà ni a seasamh anns an rathad air a ghabhail fois ann an trocair Dhé, eadhon ‘n uair a dh’fheudas e gu fann a bhi faicinn an reult dhealrach so ann an co-chruinneachadh iomlanachdaibh na Diadhachd. ‘S e cheud aon an sealladh a gheibh e de mheudachd a pheacaidhean; agus an dara h-aon, na scallaidhean tàireil a tha e gabhail air Dia. Tha e smuainteachadh air a pheacaidhean mar nithean a tha tuilleadh ‘us mòr eadhon air son trocair a thoirt maithneas, agus tha e smuainteachadh air trocair Dhé mar ni nach eil mòr gu leor gu comhdach a chur air a pheacaidhean-sa. Cha’n urrainn e, gu’n teagamh, gu bràth sealladh fhaotainn air a pheacaidhean na’n uile mheudachd; air chor agus gu’m bheil e glé shoilleir gu’m bheil fior fhreumh eagalan na luidh na bheachdan neo-iomlan air trocair Dhé. Tha shuilean air am fosgladh ann an tomhas gu bhi faicinn meudachd an aon, ach cha’n eil e faicinn meudachd an aon eile. Tha’n Tighearn’ na ioraslaichd, anns an so, a toirt do’n pheacach bhochd, chrìtheanach, gloine tre’n gabh fior chliu a thròcair a bhi air a foillseachadh, agus gu a thoirt a dh’ionnsuidh an t-suidhichedh cheart bho’n còr dha beachdachadh oirre. Tha e mar gu’n abradh E, “Ciod e’n t-ioghnadh ged a bhitheadh do mhothachadh air peacadh agus t-eagal roimh fheirg a toirt buaidh ort, ‘n uair a tha thu smuainteachadh air mo thròcair-sa mar ni is urrainn thu thomhas; ‘n uair a tha thu smuainteachadh gu’m bheil thu a faicinn fhaid agus a leud, agus gu’n do thomhais agus gu’n do ràinig thu ghrùnd? Tha thu smuainteachadh orm-sa mar thu fein, agus an e so a bhi cur urram orm? Ach leig as do shreang-thomhais, agus smuaintich orm mar Dhia. Oir, cluinn so, O! pheacaich, mar a tha na neamhan àrd seach an talamh, mar sin tha mo thròcair-sa os ceann bhuir ‘n uile smuaintean oirre.” Ann an sin chì am peacach trocair a dealradh tre’n neul, eadhon air a shon-san. ‘N uair a gheibh e mach aon uair nach eil grùnd aig trocair Dhé, gur e cuan a th’ann gu’n chladach, doimhneachd nach gabh a bhi air a tomhas, tha e seilbheachadh fois agus tlachd air nach gabh cainnte a chur.
Tha e toirt a pheacaidhean fein, a tha neo-chriochnach agus gu’n ghrùnd, taobh ri taobh ri tròcair Dhé, a tha neo-chriochnach agus gu’n ghrùnd, a tionndadh a shuil bho’n dara h-aon gus an aoin eile; agus, am feadh a tha e gu milis a gabhail fois air uchd tròcair, tha e toirt suas do Dhia na’n gràs, glòir na buadh so anns an ioraslaechd dhomhain, an eridhe brùite, an t-aithreachas neo-chealgach, am fuath naomh do pheacadh, am miann do-chasgaidh agus deidh co-chùimteachd ri iomhaigh Dhé, a tha, gu do-sheachainte, a dol ann an ouideachd suidheachadh beannaicht’ so an anama. Ach is e so tulaich a tha e coltach a tha mòran ag amharc air am fad as; ‘s e th’annta fathasid “treud bheag” a tha gu ffrinneach maille ri Daibhlidh, a “cur an dòchas ann an tròcair Dhé.”
Is e so ciall choitchionn a chinn-theagaig. Gus a bhi ga shoilleireachadh, ni’s fhaide, beachdachaidh sinn a nis eiod a rinn tròcair Dhé air son pheacach ann a bhi tighinn thairis air na nithean a bha seasamh anns an rathad ann a bhi buileachadh maitheanas.
Ma bha sinn air ar teagasg ann an tomhas air bith gu bhi’g amharo air peacadh mar a tha Dia ag amharc air, oidheirpicheadh-mid ar ‘n intinn a suidheachadh air ann an co-cheangal ri cliu Dhé mar Righ naomh agus mar Uachdaran moralta agus ceart. Tha E ‘g amharc ari peacadh le fuath agus gràin. Tha e na ni a tha cur an amhrus oirdheirce-san, a deanamh tàire air ùghdarras-san, a toirt tamaillt dha mhòrachd, agus na ni a tha dol ann an co-bhuinn an aghaidh a bhiith. Cuimhnicheadh-mid mar an ceudna, mar Ard-Uachdaran a chruinn-ché, gu’m bheil e air eudachadh le cumhachd, cha’n ann a mhàin gu dioghaltas a dheanamh air a naimhdean, ach gu bhi dealradh glòir as ùr air a righ-chathair agus air a rioghachadh le bhi ga’n sgrios. ‘N uair a chuimhnicheas sinn so, agus an sin a bheir sinn fa-near, a dh’aindeoin gach ni dhiubh so, gu’n d’thuair tròcair a thaobh pheacach de shloichd Adhamh àite ann an eridhe Dhé, ohì sinn cho fior neo-chriochnach ‘s tha’n tròcair so; nach e a shlighean-sa ar slighean-ne, ni mothà is e a smuaintean-sa ar smuaintean-ne.
(R’a leantuin.)