Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1955 » February 1955 » Searmonan

Searmonan

Leis an URR. TEARLACH C. MAC AN TOISICH, D.D.

SEARMON I.

(Air a leantuinn bho t.d. 276.)

Ach tha so uile mar neo-ni ann an coimeas ris na chost maitheanas (ma dh’fheudas sinn labhairt mar so) le Dia a bhi tighinn thairis air sealladh ioraslachd agus bàs a Mhic. Cha do chaomhain E Mhac fein. Bithidh na bhitheas air an saoradh troimh’n t-siorruidheachd a sineadh air adhart gu eolas a ghabhail air fior bhrigh na’m briathran so. Bu cho àrd agartasan ceartais, agus bu cho farsuinn na bha’n lagh ag iarruidh agus nach bu’rrainn aon eile ach Mac Dhé fein freagairt, na riarachadh, a thoirt dhoibh a chum agus gu’m bitheadh slighe air a fosgladh anns am bitheadh cleachdadh air a thoirt do thròcair, agus cha b’urrainn E fein a dheanamh ann an rathad eile ach tre bhi’g a h-ùmhlachadh fein do ioraslachd agus do fhulungasaibh air nach b’urrainn nach air bith smuainteachadh mar a bitheadh e air fhoillseachadh le Dia fein. Ma’s b’urrainn dorus tròcair a bhi air fosgladh dh’fheumadh Dia an t-Athair aon-ghin Mhic, a ghabh còmhnuidh na bhroilleach bho’n uile shiorruidheachd, a thoirt suas a chum a bhi air fhoillseachadh anns an t-saoghal cheannairceach so ann an cruth seirbhiseach; dh’fheumadh am Mac E Fein a chur ann an dímeas, gu còmhnuidh a
ghabhail ann an saoghal a bha na luigh fodh’n mhallachd, gu fulung ana-cainnt’ bho pheacaich a thainig e thearnadh, agus bho dhiabhuil a tha aige fodh smachd, a bhi air a chàineadh, air a bhualadh le dùirn, air a cheusadh leo-san a dheanadh aon mhomainte de theine a chor-ruich an eitheamh as. Agus cha robh so, an coimeas ri nithean eile, ach na neo-ni; oir b’eigin do’n Athair fein a làmh a shineadh a mach na aghaidh. Chuir E fodh àmhgair Esan anns an robh tlaichd aig anam. Cha do chaomhain se E, agus ged, ann an cruaidh-gleachd agus ann an treigsinn a rainig a ghlaodh cluas an Athar, “Mo Dhia, mo Dhia, c’ar son a threig thu mi,” gidheadh lean an claidheamh air bualadh gus an do ghlaodh Esan a bha fulung, “Tha e croichnaichte.” Co’s urrainn innseadh gluasad cridhe an Athar thairis air a Mhac gràdhach. Cha robh bhi tighinn thairis air cho salach ‘s a bha’m peacach ach neo-ni ann an coimeas ri E bhi tighinn thairis air an t-sealladh so air ioraslachd a Mhic. Agus sheas an ni so tarsuinn air an aon slighe air an tigeadh tròcair, Ach bhris tròcair Dhé, mar shruth bras nach gabhadh cumail air ais, tre gach ni a bha seasamh anns an rathad a chum agus gu’n tigeadh e thairis air ar saoghal-ne.

Abradh-mid, leis na nithean so uile fodh chombhair ar ‘n inntinn, am bheil, na nach eil, firinn tròcair Dhé air a foillseachadh dhùinn. An deigh na nithean so uile, ma chuireas sinn ann an amhras, na ma thig sinn gearr air a bhi tuiteam sios fodh chombhair foillseachadh na tròcair so, tha sinn a togail sgainneal, na droch thuarisgeul, air Dia anna an ni mu eudmhor a tha e; tha sinn ga spùinnneadh de an neamh-ni is taghta a tha aig—a ghràs; agus cha’n eil ni ri fhaigil a nis, ach gu’n toireadh tròcair a tuair tamail, faobhar ni’s géire, agus tighinn a nuas ni’s cabhagaich do bhaille ceartais. Ach O! na bitheadh-mid air ar beannachadh leis a mhothachadh is faoin air cho do-labhairt salach ‘s a tha sinn—oir cha’n urrainn sinn làn shealladh fhaotainn air gu bràth—agus le mothachadh fann air luachmhorachd do-thomhais a Chuspair is E dealradh glòir an Athar agus fior iom-haigh a phearsa, bheireadh an smuaint gu’n do bhàsaich Criosd air ar som, sinne gu leithid de dh’iosalachd, de leaghadh, agus de dh’iongnadh, agus nach fhaigheadh-mid dol a mach, na fasgadh, dha ar faireachdainn ach ann am briathran Dhé fein, Cha’n e bhur smuaintean-se mo smuaintean-se, ni mothà is iad bhur slighean-se mo shlighean-sa.

Ann an so chi sinn a ris gu’m bheil tròcair Dhé de leithid de ghnè agus nach urrainn aon pheacach a bhi air a chall do bhrìgh ‘s nach eil gu leoir de thròcair ann. Mar a h-urrainn sinn a ràdh gu’n d’amhairc sinn a stigh ann an cridhe Dhé agus gu’m bheil sinn a faicinn an gluasad a th’ann an cridhe an Athar thairis air a Mhac, agus mar a h-urrainn sinn luach Chriosd a thomhas agus luach fhulungais, cha’n urrainn sinn crioch a chur roimh thròcair Dhé. Tha i neo-chriochnach. Agus ma tha i neo-chriochnach, nach eil sin gu leoir dhutsa, a dh’ain-deoin cho mòr ‘s a tha do pheacaidhean? Tha i neo-chriochnach, ciod tuilleadh a tha dhì ort? Cha do chailleadh aon riamh a thaobh teachd-gearr tròcair. Chailleadh mòran tre bhi deanamh tàir air tròcair, agus
mòran tre bhi diultadh tròcair; chailleadh mòran tre bhi peacachadh do bhrigh gu’m bheil tròcair pailt; ach cha do chailleadh aon riamh do bhrigh nach robh pailteas tròcair ann. Ma tha neach air bith ann aig am bheil a bheul air a dhunadh an làthair Dia naomh, ga ionnsuidh-san tha sinn a toirt an naigheachd mhaith gu’m bheil tròcair dha ann an deaslaimh sinnte na Dhé fein, a tha gabhail tlaichd anns gu’n gabhadh daoine i, agus a tha air a ghlorachadh ann a bhi ga toirt seachad.

(Air a leantuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

Sep 17
17 Sep - 21 Sep

Communions: Aberdeen, Tarbert

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Enter in at the straight gate 17 May 2026
  • Zeal of thine house 17 May 2026
  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice