Leis an URR. TEARLACH C. MAC. AN TOISICH, D.D.
Is e tròcair Dhé agus fireantachd Chriosd dà fhùinn a tha dol cuideachd; Tha iad a ruith taobh ri taobh air feadh an t-soisgeil uile. Agus feumaidh so a bhi air a chumail am fradhare a ghnàth. Mar sin, tha tròcair Dhé neo-chriochnach; is buadh i do’n Diadhachd, agus mar sin feumaidh i bhi neo-chriochnach. Agus tha fireantachd Chriosd neo-chriochnach; is i fireantachd an Dia-duine i, agus mar sin feumaidh i bhi neo-chriochnach. Agus cha’n urrainn iad gu bràth a bhi air an dealachadh. Cha bhitheadh tròcair Dhé gu bràth air a foill-seachadh as eugmhais fireantachd Chriosd, agus cha bhitheadh fireantachd Chriosd air a h-oibreachadh a mach mar a bitheadh tròcair Dhé. Is e tròcair a thug bith do innleachd na slàinte; dh’fhosgail fireantachd a mach cladhan tre’n do shruth tròcair a dh’ionnsuidh chloinn nan daoine, agus mar sin tha gràs a rioghachadh tre fhùireantachd a chum na beatha maireanaich tre Iosa Chriosd ar Tighearn’. Agus cha’n fheum iad a bhi air an dealachadh ’n ar beachd-smuainteachadh. Cha’n fheum sinn gu bràth smuainteachadh air tròcair Dhé dealaichte ri fireantachd Chriosd; agus cha’n fheum sinn gu bràth smuainteachadh air an fhùireantachd so gun smuainteachadh air a chiont’, an aingidheachd, agus na peacaidhean a tha i folach. Ma tha sinn a smuainteachadh gur aithne dhùinn tròcair Dhé dealaichte ri fireantachd Chriosd, tha sinn ga’r mealladh fein; agus cha’n fheum sinn gu bràth smuainteachadh air fireantachd Chriosd mar gu’m bitheadh i ga’r deanamh saor bho thròcair; cha’n sil i ga’r eur ann an suidheachadh anns am faod sinn tròcair a ghabhail. Cumadh-mid so air chuimhne, am feadh a bhitheas sinn a dol air adhart gu bhi beachdachadh air nàdur agus buadhan tròcair Dhé agus a mhaitheas.
- An toiseach, tha Dia a toirt maitheanas gu saor. Ann ar deiligeadh ri ar co-chreutairean cha’n eil suil againn ri deadh-ghean fhaotainn gun ni air choir-eigin co-ionnan a thoirt seachd air a shon; ni’s lugha na sin gu mòr bho làmhan na muinntir a ghoirtich sinn gu domhain. Shuinneadh dhùinn a bhi meas a phrionnsa sin robh thròcaireach a chuireadh an céill maitheanas dha na h-iochdarain a chaidh an co-ghuinn an aghaidh a righ-chathrach agus a bith, air chumha gu’n dearbhadh iad an dìlseachd le gniomharan àraidh a bha gabhail a stigh barrachd agus tomhas àbhaisteach de mhisnich agus de fhoighidean. Tha e’n aghaidh ar beachdan a dh’altrum sinn roimh làimh suil a bhi againn ri ni bho Dhia gu saor. Tha so da-rìreadh a gabhail a stigh sineolas uamhasach air a chliu agus mar a tha sinn an crochadh air. Ach tha oibreachadh ar n’inntinn, ‘n uair a thig sinn gu bhi deanamh gnothuich ris mu thiomchull maitheanas agus réite, a dearbhadh gu’m bheil a chuis mar sin. Ged is ceannaireich agus luchd-deire sinn, feumaidh sinn luach a thoirt leinn. Thig sinn ga ionnsuidh le’r n’urnuighean, ar n’iomadh dleasdanas, ar n’eagalan, agus ar teagamhan, ar deoir agus ar n’osnaidhean, agus leis a mheasgachadh through agus thruailidh so dheanadh-mid marsanntachd ris an Tì is Airde air son a mhaitheanas sin a chaidh a cheannach le fuil a Mhic. O, ciod o’n t-ioghnadh nach eil an tairgse mhi-dhiadhaidh agus thàmail-teach so, a tha mar dheataich ann an cuinneanagh Iehobhadh, a toirt a nuas teine bho neamh gu bhi caitheamh as an neach a tha ga toirt seachad, maillle ri thabhartas. Agus na’m bitheadh diamhanas agus cionta a leithid so de nì air fhoillseachadh dhùinn, O, cia mar a thigeadh ruthadh ‘n ar gruaidh na làthair-san, agus cia cho nàdurra agus a dh’fhairicheadh-mid mar gu’m bitheadh-mid gu bràth air ar dùnadh a mach bho thròcair.
Ach cha’n e sligean Dhé ar sligean-ne. Air dhà rathad rioghail a thròcair a thilgeadh suas, ann am bruthadh agus ann am bàs a Mhic, chuir se E fein air a righ-chathair mar Dhia nan gràs, ghabh E na làimh a slat rioghail òir, thilg e farsuinn fosgailte geatachan a lùchairt, agus chuir e mach a theachdaircean, a chur an eóill gu’m bheil E toirt maitheanas saor dhoibhm-san uile a ghabhas bh’uaith e air a righ-chathair. Tha E toirt maitheanas air sgàth dheagh ainne fein. Ghabh e’n t-urram sònraicht’ so dha fein le bhi toirt seachad gu saor a Mhic Fein, neach a rinn ùmhlachd agus a bhàs, bunaitean righ-chathair an Athar a shuidheachadh cho daingean ann an ceartas agus ann am fireantaechd, air a leithid de dhòigh agus gu’m bheil urram air a chur air an lagh ‘n uair a tha maitheanas air a thoirt do’n pheacach. Is e so glòir Dhé mar Ard-Righ a chruinne-ché, gu’m bheil E toirt seachad maitheanas gu saor agus gu fialaidh, a dh’aindeoin cliu na muinntir a tha ga fhaotainn, agus, gidheadh, gu’m bheil a naomhachd, a mhòrachd, agus a cheartas air an glòrachadh ann an toirt seachad. Agus mar so thuair e bunait chinnteach air son dòchasam cheannaireach fein-dhìte; bunait, agus ‘n uair a gheibh an t-anam socrachadh oirre, gheibh se e fein, cho cinnteach ri fhrinn agus righ-chathair Dhé. Cha’n ann air ar sgàth ar deanadas, no, eadhon, air sgàth ni air bith a dh’oibricheadh annain le a Spiorad, ach air sgàth ainm’ fein. Am bheil thu bochd? Am bheil thu lomnochd? Am bheil thu air t-fhein-dhìteadh na làthair-san? Am bheil do pheacaidhean mar sgàrlaid agus mar choreuir? An tu fior cheann-feadhna nam peacach? Am fathasd, is e’n aon cheisd, An gabh thu maitheanas bho làimh rioghail Dhé mar a shaor thiodhlae; tha e ga toirt seachad air sgàth dheagh ainne fein; tha e ga toirt seachad gu saor. O! uime sin, iar t-anam fhaotainn taobh a stigh ceareal na ffrinn bheannaichte so, agus chì thu thu fein ann am baile daingichte.
(R’a leantuinn.)