LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TOISICH, D.D.
SEARMON II.
(Air a leantuinm bho t.d. Vol. LIX., page 373.)
- Tha Dia a toirt lân-mhaitheanas. ‘N uair a mhaitheas e aon pheacadh tha e maitheadh a h-uile peacadh. Tha sinn ullamh air a bhi smuainteachadh, ann am bhi teachd am fagusg Dhà, na’m bitheadh an àireamh ud, na’n àireamh ud eile, air an toirt bho’n a chùnntas dhubh, na mar a bitheadh am peacadh gràineil agus sònraicht’ ud na sheasamh anns an t-slighe, gu’m faodadh e bhi comasach gu’n ruigeadh tròcair oirne. Ach ann an so chi sinn a leithid de dh’anntromachadh, an sud a leithid de ghràinealachd agus de naimhdeas, agus nach dàna leinn dòchas a bhi againn. Tha e feumail a bhi mar so fodh uallach do bhrìgh ar peacaidhean, a bhi faireachadh an domblas agus an searbhadas; Tha e feumail gu’m bit-headh cuimhne air ar droch làithean, agus air ar deanadas nach robh maith, a chum gu’m bitheadh iad mar ghath anns a choguis agus mar theine anns an anam, gu bhi caitheamh fein-fhireantachd; agus tha e nàdurrà gu’m bitheadh cuid de pheacaidhean a tha seasamh a mach fodh ar comhair, do bhrìgh ann-tromachaidhean sònraichte, a eur a stigh an cinn mhòr mar bheanntaibh, eadar sinn agus maitheanas. Ach ged a tha mothachadh agus am faireachadh so feumail a chum agus gu’n cuireadh-mid fàilte air maitheanas, agus ged a tha’n Spiorad Naomh a eur an anama fodh’n smachd uamhasach so ann na oidheir-pean air a bhi teachd dlùth do Dhia, gidheadh cha’n cha’n urrainn meudachd aon pheacadh, na cho dubh agus a tha’n t-iomlan de pheacaidhean aon pheacach, callaid a chur a stigh chìùm agus nach b’urrainn tròcair sruthadh a mach. Cha’n e cheisd fathasd air am bheil ar siorruidheadhdh a bonntachadh, Am bheil gu leoir de thròcair ann? ach, Am bheil sinn toileach a bhi na’r luchd-faich aig tròcair neo-chrioch-nach? Mar a dheanadh an aon a bu lugha dhe ar peacaidhean (ged nach eil peacadh air bith ann fein beag) gu bràth ar dùndadh a mach a làathair Dhé na’m b’e a shlighean-sa ar slighean-ne, na a smuaintean-sa ar smuaintean-ne, mar sin, air bhi dha shlighean-sa agus dha smuaintean-sa gu neo-chriochnach ni’s àirde na ar slighean agus ar smuaintean-ne, ‘n uair a bheanas a thròcair ris a pheacach is uamhasaich, tha a pheacaidhean a leaghdh s mar shneachd fodh chomhair na gréine. Cha’n eil peacadh air bith tuilleadh ‘us mòr air son tròcair Dhé ga mhaitheadh, na fireantachd Chriosd ga chòmhdach. Na’m bitheadh e air a chaochladh, bu bhunait ar dòchais gainneamh agus cha b’e carraig. Ach cha’n ann mar so a dh’ullaich Dia sìth air ar son. Is e bhunait anns am bheil ar ‘n earbsa air son maitheanas, araoon a thaobh ar smuaintean seacharanach ann an ùrnuigh agus a thaobh a pheacaidh is dubhe a tha g’ar d’teadh an làthair Dhé, an aon ni-tròcair neo-chriochnach, a tha, chùm a bhi faotainn cleachdadh, a taiceachadh, air luach neo-chriochnach iobairt-réitich a Mhic ghràdhaich. Agus ann a bhi maitheadh aon pheacaidh tha Dia a maitheadh an t-iomlan. Cha’n eil e ag ràdh, Tha mi maitheadh an aon so dhuit, ach an aon eile cha’n urrainn dhomh dhubhadh a mach, ach feumaidh mi fhàgail sgriobh-ta ‘n ad aghaidh. Mar a tha e toirt seachad maitheanas, mar sin tha e ga thoirt seachad a reir cliu an tiodhlac agus an Neach a tha toirt seachad an tiodhlac; ga thoirt seachad gu saor, tha e mar an ceudna ga thoirt seachad na lànachd. Co dhiubh ‘s e peacaidhean deich, fichead, leth-cheud, na tri-fichead bliadhna ‘s a deich, tha E gabhail uile pheacaidhean a chreidmhich’ gu’n a bhi fagail aon na dhéigh, agus ga’n tilgeadh ann an doimhneachdan na fairgo.
(R’a leamtuinn.)