LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TOISICH, D.D.
SEARMON II.
(Air a leantuinn bho t.d. page 27.)
3. Tha E maitheadh gu toileach.
O! Cia cho cearr agus neo-airidh a tha ar smuaintean air Dia. Tha sinn ga mheas mar fhear-riaghlaidh eudmhor agus an-iochdmhor—Esan a tha ga’r leantuinn lâtha an deigh lâtha le fhad-fhoghaidean, gu’n toil aige gu’m bitheadh-mid air ar call. Ma tha ar coguisibh air an dûsgadh as an cadal, agus ar peacaidhean air an eur fodh ur comhair, ûlaidh a choruich suas ar spioradan—agus cha’n urrainn i fâilneachadh ann a bhi deanamh so ‘n uair a ghabhas sinn a stigh i mar a gabhail còmhnuidh ðirne; ach na’m bitheadh-mid air ar fâgail anns an t-suidheachadh so cha’n aidicheadh ar eridheachan de-labhairt ole gu brâth a ghloir agus ðirdheirceas ann a bhi peanasachadh peacaidh. Agus, cadhon ged blitheadh, tre uile-chûmhachd agus tre bhuaidh-ceamnsachaidh an Spioraid Naoimh, an t-anam air isleachadh na lâthair, balbh agus fein-sgrios-te ‘n a fhaireachadh fein, gidheadh, na’m bitheadh e air fhâgail anns an t-suidheachadh so, cia cho tur agus a dh’fhâilnicheadh e ann a bhi ruigheachd air colas air grâsmhorachd Dhé. Tha sinn ullamh air a bhi smuainteachadh gu’m bheil Dia ni’s ullamh air a bhi peanasachadh na a bhi maitheadh; tha sinn a smuainteachadh ma gheibh sinn gu brâth maitheanas gu’m feum e bhi air a tharruig bho Dhia; gu’m bheil E ga thoirt seachad an aghaidh a thoil, a roghnachadh a bhi cleachdadh claidheamh an dioghaltais air thoiseach air slat-rioghail a thròcair. O! nach bi sinn gu minic a tighinn ‘n a lâthair mar gu’m bitheadh-mid a dol a ghoid maitheanas bh’uaithne, an ùite a bhi eur urram air le maitheanas a ghabhail bh’uaithne? Cia lionmhor iad a tha gabhail seallaidh air mar air a dheanamh réidh agus tròcaireach le iobairt-réirich a Mhic. Agus, gidheadh, cha’n aithne dhuinn ni air bith dhe fhiar chliu gus am faic sinn an tobar tròcair a tha ‘n a chridhe, a taomadh a mach ann an tiadhlae a Mhic, agus a tha nis ullamh gu ar sàsachadh le uisgeachabh beo. Tha’n Tighearna fein ag innseadh dhuinn gur e breitheanas obair choimheach, agus gu’m bheil a thlachd ann an tròcair. Is ann gu bhi foillseachadh a thròcair a chuir E suas an righ-chathair mu thiomchull am bheil am foillseachadh is soilleir air a ghloir air a thoirt; is ann mar Dhia na’n gràs a dh’fhoillsich se E fein, agus is àill leis gu’m b’aithne dhuinn E; is ann air son tròcair is àill leis a bhi air iarruidh; is ann a’ deanamh tròcair is àill leis a bhi air a ghlorachadh; agus is ann a mhàin orra-san a dhiultas agus a ni dìmeas air a thròcair air am bheil slat a dhioghaltais a tuiteam.
Tha an Tighearna mall a chum feirg, gun toil aige bhi peanasachadh, gus am bi a ghloir ga agradh; ach tha E luath gu bhi noedadh tròcair; a fosgladh a ghàirdeanan gu farsuinn do’n anam, ‘n uair a tha e fad as, gus a mhisneachadh gu tighinn na ghlacaibh. Cha’n eil ni ann an cridhe Dhé a theid a mach cho iomlan ri bhi a nochdadh tròcair do’n anam air son na bhàsaich a Mhac gràdhach, agus a thug an Spiorad Naomha dlùth. Ged a luigh e measg phoitean agus air a thilgeadh a mach anns a mhachair sgaolte a chum gràin da phearsa—’n a chuspair truailte, salach, gu fior-ghloine neo-chriochnach a ghabhail còmhnuidh air; gidheadh, ‘n uair a thig e, uile gu leir salach agus gràineil ged a tha e, ag iarruidh tròcair, theid fior chridhe Dhé a mach da ionnsuidh; tha E ga ghabhail, cha’n ann le muigheadh ach le fàillte di-bheath-ta. Tha E sgaoladh thairis air sgiathan fasgaidh a thròcair, agus a deanamh gairdeachas ann a bhi beachdachadh air a thearuinnteachd. Tha E toirt dheth aodach salach, agus a cur air le a làimh fein trusgan maiseach; tha E cur fàinne air a làimh, agus a deanamh gairdeachas os a cheann gu bhi deanamh maith dha, a gairm air na neamhan uile gu aonadh ann an òranaibh molaidh gu’n d’thuair a thròcair aon eil’ dhe na com-harraidhean buaidh a bha i miannachadh.
Am bheil sinn a labhairt ri cuid a tha faireachadh am feum air tròcair? Dh’iarra dh-mid orra amharc suas, agus Esan fhaicinn a tha na shuidh air righ-chathair a thròcair, a giullain slat-rioghail a thròcair, agus a Mhac na shuidh aig a làimh dheis, agus so uile air son a bhi’g àrdaichadh a thròcair. An e tròcair a tha sigh ag iarruidh? An cuireadh sibh barraich luach air a phronnag a bu lugha dhith, air a thilgeadh g’ar ‘n ionnsuidh leis an Tighearn, na chuireadh sibh air an t-saoghal agus air beatha? An sin thigibh dlùth do chathair na’n gràs ann an ainn an Ti a th’aig a dheas Iainmh, agus cho cinnteach ‘s a tha chathair sin air a cur suas, cho cinnteach sin bithidh sibh air ar sàsuchadh le tròcair.
(R’a leantuin.)