Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1955 » July 1955 » Searmonan: SEARMON II

Searmonan: SEARMON II

LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TOISICH, D.D. (Air a leantuinn bho t.d. 58.)

4. Tha Dia a toirt maitheanas gu neo-chaochlaidheach.

Cha’n eil e crochadh maitheanas air cumha dilseachd agus ùmhlachd ‘s an am ri teachd, ach tha E teagasg do’n cheannairceach a thuaire maitheanas, gràdh agus ùmhlachd a nochdadh do bhrìgh gu’n d’thuair e maitheanas. Ni mothá, ann am bhi cur an céill maitheanas air son an am a chaidh seachad, a tha E cur cumha ann leis am faod e’m bhinn so atharrachadh a rithisd. Tha thiodhlacan agus a ghairm gun aithreachas. Tha a shluagh gu trié ga bhrosnuachadh gu searb; gidheadh, aig am air bith cha’n eil e ‘g ràdh, mar a thubhairt E mu’n t-seann t-saoighal, Is aithreach leam gu’n tug mi maitheanas dhoibh; ni mothá a tha am brosnuachadh is searbha g’a ghlusad gus an toirt thairis do’n lagh a chum peanas. Is Dia E, agus cha duine, agus uime sin cha’n eil iad air an eaitheamh as. Gu’n teagamh ma threigeas iad a lagh, agus nach gluais iad ann na reachdaibh, an sin fiosraichidh E an aingid-headh le sgiursaibh, agus bheir e’m peacaidhean gu’n cuimhne. Seadh cuirdh E iad ann an uisgibh domhain, agus foluichidh E a ghnùis orra, agus fàgaidh E an coguisibh gu bhi na’n àite taimh do chiona agus do eagal, agus na rathad mòr aig Satan agus aig a sheirbhisich gu siubhal troimhe aig an saorse. Ach ged tha’m peacadh mar so a toirt air ais pianadh ga’n ionnsuidh, agus a tha e deanamh dioghaltais air an inn-leachd, gidheadh, aig an am is doimhne a tha iad a dol fodha anns an lòthaich, ‘n uair a tha stuadhan agus a thonn a dol thairis orra, agus a tha iad a faicinn air thoiseach orra, treigsinn creidimh agus dealachadh bho Dhia—aig an dearbh am so, cha’n eil aon pheacadh air son an d’thuair iad maitheanas ga nochdadh fein a rithisd ann an leabhar Dhé a chum an diteadh; seadh, agus cha’n eil aon bhoinne do fheirg a Bhreitheamh air a dhòrtadh ann an eupan an searbhadais. No togadh neach air bith cearr sinn an so. Gu’m bu fada bh’uainn gu toibheumach a ràdh gu’r urrainn Dia amharc air peacadh, eadhon na shluagh, gu’n ghràin dheth mar pheacadh, na nach eil a annta-san, mar ann an cuid eile, a toilltean fhearg agus a dhioghaltas. Mar an ceudna gu’m a fada bh’ uamsa a ràdh gu’m bheil peacaidhean a tha gu bhi air an gniomhachadh leis a chreidmheach, cho math ris na peacaidhean a chaidh seachad, air a’ maitheadh ‘n uair a tha e air a ghairm fireanta. Cha’n eil a leithid sin de bheachd shuarach agus chunnartach na chuid de fhìrinn Dhé. A cheart eho fad bho’n fhìrinn, mar an ceudna, tha gach focal a threoiricheadh a dh’ionnsuidh a cho-dhùnaidh gu’m faod an creidmheach peacachadh le ni’s lugha do sgàth, do bhrìgh gu’m bheil maitheanas Dhé cinnteach—beachd a tha’n agaidh cliu Dhé agus an aghaidh oibreachadh a ghràis, agus a tha calg-dhireach an aghaidh fairichidhean gach leanabh le Dia. Ach am feadh ‘s a bheir-eadh-mid mar so rabhadh dhoibh-san a tha, thuiige so, gu’n chuid na crannchur aca ann am maitheanas, an aghaidh a bhi faradh cuid air bith dhe’n fhìrinn dha thaobh, cha’n fheum sinn an fhìrinn sin, a chum glòir gràis Dhé agus comhfhurtachd a shluagh, a chumail air ais, agus cha dàna leinn gu’n a cur an céill; an fhìrinn iongantach agus bheanaichte sin, ma thuiteas an creidmheach ann am peacadh, a thréigeas sìth agus comhfhurtachd Dhé anam, agus a thig e, faodaidh e bhi, na fhaireachadh fein, na dhearbh aitheine a ifrinn; ged a bheir an Tighearn aig amaibh a sheann pheacaidhean gu chuimhne, air a leithid de dhòigh agus gu’m bheil ciont as ùr air a choguis; ged a bheireadh E air a bhi sealbhachadh peacaidhean òige, agus fhiosrachadh air an son; gidheadh, anns a chuimhneachadh agus anns na fiosrachaidhean so cha’n eil corruich; agus am meadhon gach fein dhiteadh a th’aig an anam, cha’n eirich aon dhe pheacaidhean gu’n àireamh ann am fianuis Dhé gu bhi diteadh an anama agus gu bhi’g agradh peanas. Thainig na peacaidhean so, cho fad ‘s a tha’n cumhachd gu diteadh air a ghabhail a stigh, gu bhi mach a bith. Chaidh an amhlacadh, agus mar luchd-casaid, cha’n eirich iad gu bràth, aon chuid anns an t-saoghail so na aig Cathair Breitheanais. Tha’n cuimhne air falbh; seadh, anns a’ chliu sin sguir iad a bhi ann am bith. Tha làmh-sgriobhaidh am baranntas air a dhubhadh a mach. Fosgail suas agus coimhid ann an leabhar-cuimhne Dhé agus cha’n fhaigh thu lorg orra. Aon uair luigh iad thairis orra mar neul trom, doreha, làn de na dealanaich agus na tàirneanaich aig Dia; ach a nis; amhaire suas, agus cha’n eil ni ri fhaicinn na’n neamhan gun neul ach Grian na Fireantachd, “Iarrar aingid-heachd Israel, agus cha bhi i ann; agus lochdan Iudah, ach cha bhi iad r’am faotainn; oir bheir mise maitheanas dhoibh sin a chaomhaineas mi.”

(R’a lean tuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice