Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1955 » September 1955 » Searmonan: “Oir cha’n iad mo smuainte-sa ‘ur smuainte-se, ni mò is iad ‘ur slighean-se, mo shlighean-sa, deir an Tighearn’. Oir mar a tha na neamhan àrd seach an talamh, mar sin tha mo shlighean-sa àrd seach ‘ur slighean-se, agus mo smuainte-sa seach ‘ur smuainte-se” (Isaiah lv. 8, 9) LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC. AN TOISICH, D.D

Searmonan: “Oir cha’n iad mo smuainte-sa ‘ur smuainte-se, ni mò is iad ‘ur slighean-se, mo shlighean-sa, deir an Tighearn’. Oir mar a tha na neamhan àrd seach an talamh, mar sin tha mo shlighean-sa àrd seach ‘ur slighean-se, agus mo smuainte-sa seach ‘ur smuainte-se” (Isaiah lv. 8, 9) LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC. AN TOISICH, D.D

Na’n deanadh prionnsa talamhaidh gairm, a toirt maitheanas do chuid dhe iochdarain a rinn ceannaire na aghaidh, bhitheadh sùil againn gu’m bhitheadh cuid air am fàgail a mach as; agus gu’m b’e iadsan a dh’fhagadh a mach, a mhuintir, do bhrigh an imhe anns an robh iad, an làmh a bh’aca ann a bhi deanamh na ceannaire, na cho gamhlasach ‘s a bha an giulain, a rinn iad fein na’n cuspairean neo-airidh air tròcair, Bhitheadh sùil againn, uime sin, gu’m bhitheadh cuid air am fàgail a mach, do bhrigh agus gu’n robh iad air am meas na’n luchd-brath do-leigheiste, anns an robh ceannaire cho domhain air a freumhachadh agus nach robh dòchas air bith gu’n gabhadh i toirt asda; na do bhrigh nach fhaigheadh am prionnsa na chridhe maitheanas a thoirt dhoibh ;na a chionn gu’m bhitheadh e neo-shàbhailt’, agus na mhisneachd choitchionn do cheannaire, fulung dhoibh dol as gu’n pheanas. Ach cha’n eil aon dhiubh sin air am fàgail a mach ann an gairm an t-soiseil. Am bheil iad aingidh agus neo-fhìreanta a tha cluintean na gairm so? Am bheil an cionta mòr—eadhon mar chionta an aingidh agus an neach neo-fhìreanta? Tha a ghairm co-ionnan do na h-uile, “Pilleadh e ris an Tighearn, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt.”

Am bheil, anns a cheud àit’, peacach nach gabh a bhi air an leigheas, ri bhi air am faotainn a’m measg slioichd Adhamh agus na’t coimhtionalabh Criosduidh? Cha gabh e bhi air a chur ann an amhrus nach eil an fhìrinn uamhasach air a foillseachadh anns na Sgriobturan, gu’m bheil cuid, eadhon anns an t-saoghal so, air an toirt thairis le Dia do imtinn mhi-céillemh; ris am bheil an Spiorad a sguir a bhi strì, ann am feirg eudmhor agus cheart, do bhrigh gu’n do dhiult agus gu’n d’rinn iad dímeas air air son ùine cho fad; agus gu’m bheil an staid uamhasach so air a faotainn co-cheangailt’ ri eas-creidimh agus diultadh an t-soisgeil. Ach am feadh agus a thigeadh e dhuinn gu sòlaimte agus gu d’urachdach an aire thoirt do’n fhìrinn so, air eagal gu’n tigeadh aon againn gu bhi cosmhuil ri Esau, na Cain, na chuid mhòr de na chinneach Indhach; feumaidh sinn a thoirt fodh’n ear mar an ceudna, a thaobh tròcair Dhé, a thaobh tairghe shaor na tròcair sin, agus a thaobh éifeachd fùil Chriosd, cha’n eil neach ann an staid do-leighiste. Ach faodaidh e bhi air a rádh, Ciod a bhuannachd a th’ann so a chur an cèill, a chionn gu’m bheil mòran air an ceangal suas bho bhi faotainn tròcair? Tha buannachd mhòr ann; oir tha e nochdadh, ged a dh’fhaodas Dia a bhi cumail air ais, na àrd-uachdaranachd cheart, na buaidhean sin a bheireadh air duine luach a chur air comhfhurtachd, gu’m bheil comhfhurtachd do na h-uile a tha cur luach air comhfhurtachd an t-soisgeil. Am bheil thu ga’d fhaotainn fein na do pheacach ciontach a cur feum air tròcair Dhé? Am bheil thu ga’d fhaotainn fein na do pheacach ruisgte ann am feum air fíreantachd Chriosd? Tha’n dearbh fhairreachadh so a nochdadh gu’m bheil thu far an ruig tròcair ort, seadh, gu’m bheil tròcair a feitheamh gu fàilte a chur ort agus do ghabhail a stigh.

‘S an dara àite. Am bheil neach nach fhaigh Dia e ‘n a chridhe maitheanas a thoirt dha?

Cha’n eil; tha Dia a gabhail tlachd ann a bhi maitheadh. Cha’n eil ann an Dia nàdur gu bhi peanasachadh peacach air sgàth a bhi peanasachadh. Faodaidh a leithid sin de nàdur a bhi ann am prionnsaibh talamhaidh; ach bu toibheum e a rádh gu’m bheil e annsan a ghràdhaich mar so an saoghal “gu’n d’thug e aon-ghin Mhic fein, chum ‘us ge b’e neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gu’m bi a bheatha shiorrruidh aige.” Cha’n eil Dia a deanamh gairdeachas ann am fulungasaibh aon air bith dhe chreutairibh. Tha, gu’n teagamh, aon earrann uamhasach dhe fhocal nach fheum sinn a dhi-chuimhneachadh, na gabhail thairis orra, “Agus tarlaidh, mar a rinn an Tighearna gairdeachas os ‘ur ceann a dheanabh maith dhuibh, agus gu’r deanamh lionmhor, mar sin gu’n dean an Tighearna gairdeachas os ‘ur ceann gu’r sgrios, agus gu’r toirt gu neo-ni; agus spionar sibh as an fhearann da’m bheil thu a’ dol g’a shealbhadh” (Deut. xxviii. 63). Agus a rithisid, “A chionn gu’n do ghairm mi, agus gu’n do dhiult sibhse, gu’n do shìn mi nach mo làmh, agus nach d’thug duine sam bith an aire; Ni mise mar an ceudna gàire r’r sgrios-se; ni mi fanoid an uair a thig ‘ur n’ eagal; An sin gairmidh iad ormsa, ach cha fhireagair mi; iarraidh iad mi gu moch, ach cha’n fhaigh iad mi” (Gnath. i. 24, 26, 28). Agus am feadh a dh’ fhaodas na briathran sin a bhi nochdadh do’n mhuiintir neo-aithreachail ciod a dh’fhaodas suil a bhi aca ris ma bhuannaicheas iad na’n neo-aithreachas, cha’n eil iad a nochdadh gu’m bheil Dia a deanamh gairdeachais ann am fulungais a pheacach is mothá air son na fulungais fein. Faodaidh E da-rìreadh gairdeachas a dheanamh ann am foillseacadh a cheartais agus uamhas a chorruch, ‘n uair a tha tróceair air a dímeas agus támailte air a chur cirre; ach cha’n eil E deannamh gairdeachas ann an truaigh aon pheacach. Cha’n àil leis gu’m bitheadh aon air bith air a chall. “Mar is beo mise, deir an Tighearn Dia, cha’n eil tlachd air bith agam-sa ann am bàs an aingidh; ach gu’m pilleadh an t-aingidh bho shlighe, agus gu’m bitheadh e beo.” “Mur dean sibh-se aithreachas, sgriosar sibh uile mar an ceudna.” Is aithne do’n Tighearn’ staid gach aon againn; is aithne dho ar suidheachadh ‘s an am a chaidh seachad, agus ciod e mar a bhitheas ar suidheachadh ‘s an am ri teachd; agus is aithne dha roimh-làimig am bheil neach ‘s a chrùinneachadh so a dh’aobhreachas a neo-aithreachas, mu dheiradh, a sgrios; ach tha a ghairm gu aithreachas a saoradh Dhé bho’n-a chasaid gu’m bheil E toileach an sgrios; agus ma bhitheas iad air an call, bithidh a choire na luigh aig an neo-aithreachas fein, agus cha’n ann aig toil Dhé.

(R’a leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice