Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1955 » October 1955 » Searmonan

Searmonan

LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TCISICH, D.D.

SEARMON III.

(Air a leantuinn bho t.d. 152.)

Mar nach eil àite aig an dà aobhar a dh’ainmicheadh ann an gairm shoisgeulach a mhaitheanais, mar sin tha an treas aon a dh’ainmicheadh ann an gairm prionnsa talmhaidh, mar an ceudna air chall. Cha’n urrainn e bhi neo-thearuinte do chrioichaibh ceartais gu maitheadh Dia nan gràs an ciontach bu mhotha na rioghachd, agus, uime sin, cha’n eil dùnadh a mach air bith de’n ghné so ann an teachdaireachd an t-soisgeil aige-san. Cha’n urrainn e bhi neo-thearuinte do chrioichaibh ceartais; oir ann a bhi bualadh Chriosd, bhuail ceartas Cuspair a bha cho uasal ‘s nach gabhadh cuspair air bith a bhi air a choimeas ris, seadh na li-uile cuspair comhladh. Ann a’ bhi deanamh a chlaidheamh dearg anns an fhuil rioghail, fuil Mhic an Righ, bha chliù do-lùbaidh air a chunail suas, agus urram air a thoirt dha agar-tasan, ni’s motha na ged a dheanadh E le aon bhualadh E fein a dhioladh air lochdarain cheannaireachd uile. Agus, mar sin, tha E air àrdachadh ann an co-echeangal ri peacach air bith a theicheas a nis gu fasgadh fìreantachd Chriosd, mu bheil e fior an àite e bhi folach a chinn mar gu’m bitheadh e fodh eas-urram, a tha bualadh a làmhan agus a deanamh iolach-bhuaidh ‘n a chur saor. Gach uile shineadh a mach air maitheanas, am feadh a tha e ‘n a fhoillseachadh sònraicht’ air gràs, tha e da-rìreadh, ann an tomhas co-ionnan, na fhoillseachadh air ceartas; oir tha e ‘n a ghairm as ùr gu beachd-smuainteachadh air an urram a tha air a thoirt do cheartas leis an riarachadh a thug Mac Dhé; agus mar sin, a reir an tomhais so de urram a tha air a thoirt do cheartas leis an riarachadh so, os ceann na gheibheadh e ann am peanasachadh a phacaich, tha an t-urram ùr a tha air a thoirt dhà ionnsuidh, le maitheanas a thoirt do phacaich sònraicht’ air bith, os ceann na gheibheadh e tre am peacach sin a bhi fulang a pheanas. Tha seadh ann, uime sin, anns am bheil eadhon ceartas a co-aontachadh le tròcair ann a bhi gairm na’n ciontach gu maitheanas fhaotainn.

Agus ann an rathad eisimpleir do’n chruinne-ché, tha saoradh nan ciontach uile gu léir air taobh naomhachd agus an aghaidh peacaidh. Cha’n eil a leithid de nì fodh uachdaranachd Dhé agus ceannaireachd a fhuair maitheanas agus e fathasd ‘n a cheannairseach aig a chridhe. Na’n gabhdh a leithid de theachd-a-steach a bhi air fhoillseachadh agus ciontach a bhi air a dheanamh tearuinte le focal agus mionnan Dhé bho pheanas, agus fathasd a buanachadh ‘n a cheannairc, na neach a bha air a dheanamh ni bu daingne ann am peacadh le a pheacaidhean a bhi air am maitheadh, an sin, da-rìreadh, dh’fhaodadh sinn a ràdh, “Buanaicheamaid ann am peacadh oir tha pailteas gràis ann.” Ach cha’n eil a leithid sin de neach ach ann am mac-meanmhuinn dhaoine; cha’n eil e ri bhi air fhaotainn am meag pobull Dhé a shaoir E agus dh’n d’fhuair E maitheanas. Cha’n e paipear fuar, tioram, neo-thorach, a tha ann am maitheanas Dhé, a tha fàgail a chridhe far an d’fhuair se e; ‘s e th’ann ach maitheanas a tha obrachadh fodha agus a buadhachadh, a sguabadh roimhe uabhar agus mi-dhìlseachd a pheacaich, a leaghadh a chridhe chruaidh agus a toirt air a bhi beò chum moladh agus glòir Dhé. Agus tha tomhas an dòlais a mach a réir nam briathran, Chaidh mòran a mhaitheadh, uime sin tha mòran gràdh ann. Is ann a réir mothachadh air cionta agus neo-airidheachd a tha’n gràdh agus an ùmhlachd a tha air a thoirt seachad air ais. Is ann a reir meudachd na’m fiachabh a chaidh a mhaitheadh a tha’n ioraslaichd agus an t-ioghnadh air oibreachadh co-echeangailt’ ri mothachadh air tròcair.

Air bhi do thròcair mar so air a daingneachadh ‘s na h-uile rathad ‘n a cleachdadh urramach, tha gairm a mhaitheanais a taomadh a mach gu saor, làn, agus gun chuibhreach, air a ghiùlain air sgiathaibh an t-soisgeil a dh’ionnsuidh a h-uile creutair fodh neamh. Ged a ràinig bhur peacaidhean cho àrd ri neamh, tha ann an so tròcair a tha dol os an ceann; ged a ràinig iad sìos gu ifrinn, ann an so tha tròcair a tha ruigheachd a dh’ionsuidh na h-ifrinn iochdaraich. Aig cho mòr ‘s ga’m bi bhur cionta, co dhiubh tha sibh òg na sean anns a’ pheacadh, co dhiubh tha sibh ‘n ‘ur foirmealaich fhuar, na tha sibh gu follaiseach ain-diadhaidh, co dhiubh tha sibh ag aideachadh diadhachd na gu follaiseach ga dìmeas, ged a pheacaich sibh an aghaidh soluis, sochairean agus cothroman, tha a ghairm dhuibhse, “Pilleadh e ris an Tighearna, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailte.”

Co-dhùnaidh sinn a nis le bhi deanamh co-chur a chum a bhi toirt dhachaidh teagasg sònraicht’ a chum theagaig, a chum bhur cridheachan agus bhur coguisibh.

Agus, 1. Ciod o’n sealladh a tha so a toirt air cliù Dhé. Tha a chridhe uile gràsmhor; tha tròcair a taomadh a mach bho a dhoimhneadaibh is fhaide a stigh; a leum thairis air sealladh air cionta a pheacaich, agus gluasad innigh cridhe an Athar thairis air a Mhac; tròcair a cromadh gu bhi tearnadh na muinntir a bha coltach ris na diabhuil, a taisbeanadh dhoibh maitheanas, ga’n gabhail le gairdeanaibh fosgailte; ga’m maitheadh gu saor, gu làn, gu toileach, agus gu neo-chaochlaideach; a deanamh gairdeachas ‘n a cheann a chum maith a dheanamh dhoibh, agus mu dheireadh ga’n togail suas gu bhi na’n luchd-comhphairt de bheannachd agus de ghlòir fein. Is E so Dia an t-soisgeil—neach is e colas air agus air a Mhac Iosa Criosd, a bheath mhaireanach. Cha’n eil Dia eile ann ach E Féin; agus ma bheir sinn aoradh do bhith eile, tha sinn ag aoradh do iodhal, agus feumaidh sinn co-roinn a bhi againn ann an crìoch luchd iodhal aoraidh—dìomhanas, amhladh, agus eu-dòchas siorruidh. Ach ma chumas sinn a mach gu’r e dia dha’m bheil sinn a deanamh aoraidh, is e dia e a tha eho salach agus cho truailte ruinn fein; agus an dia so gu earbsa ann? an dia so gu ar saoradh ann an làth mòr agus uamhasach an Tighearn? Cha’n eil teagasg eile ach ise, a tha labhairt air tròcair shaor agus shaoibhir Dhé, is urrainn gu bràth am peacach a thogail bho shlochd coguis neo-mhothachail, agus bho phriosan coguis chionntach, gu bhi gluasad ann an solus agus saorsa chloinn Dhé.

(R’a leantuinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice