(Gaelic Translation by REV. JAMES MACLEOD.)
S, a, bhliaidhna, cheudna (1685), air dha bhi an Carrick, agus Iain Mhic a, Chleir o Mhuirbrook maille ris, thubhairt Iain ris, “A mhinis-teir, ciod i do bharail mu, nam so a ta ann? Nach latha dorch agus cianail e? An urrainn ni, s mi-mhisneachaile na so teach-d?
Thubhairt Alasdair Peden, “Is fior e, Iain, gur h-am dorch, mi-mhisneachail an t-am so, ach thig am is duirche na so; theid as do na creutairean leibideach, mi-ghrasmhor sin na frith-mhinisteirean Easbuig, agus na deigh-san eirigh muintir a suas d, an canar muinntir na h-Eaglais Cleireachail, ach air bheag tuilleadh, s an t-ainm; ‘s eho cinn-teach, s a cheusadh Criosd gu eorpporra an taobh a mach do gheataibh Ierusalem, air beinn Chalbbari, gu firinneach ceusaidh iadsan Criosd, n a aobhar, s na chuis an Albainn, agus adhlaicidh iad e’n a uaigh, is bheir a chairdean dha a leine bhais, agus luidhidh e mar aon adhlaicte ear uine. O! Iain, bidh an sin ann dorchadas agus laithean dorcha an leithid nach faca Eaglais bhochd na h-Alba riabh, ‘s nach faic an deigh dhoibh a bhi seachad; seadh, Iain, bidh iad eho dorch ‘s ge d’rachadh creutair bochd o’n ear gu’n iar a’sireadh ministeir d’innseadh e a chor, no a dh’fhios-rachadh mu thimchioll intinn an Tighearn mu na h-aimsirbh, nach faigheadh e aon.” Dh’fhoighneachd Iain, c’ait an sin am biodh an fliannuis? Fhreagair e, “An lamhaibh bheagain, fo thair ‘s fo dhimeas nan uile, ach gu sonruicht’ fo dhimeas nam ministeirean a dh’adhlaic Criosd; ach an deigh sin uile, eiridh e suas fathast os an ceann; agus le fuaim reubaidh a leine bhais bidh co liutha dhiubh ‘s a bhios beo an uair sin, ‘s bha aig ‘adhlaicadh, ann hor imcheist ‘s air call an ciall le eagal, gun fhios aca ciod a ni iad. Agus an sin, Iain, bidh laithean breagh ann, a leithid nach faca Eaglais na h-Alba riabh. Cha’n fhaic mis’ iad, ach feudaidh tusa am faicinn.”