LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TOISICH, D.D.
(Air a leantuin bho t.d. 245.)
I. Staid Chriosd roimh fhoillseachadh anns an fheoil. “Bha E saoibhir”—saoibhir ann an uile ionmhasan na Diadhachd. Bho shiorruidheachd bha E ann an cruth Dhé, agus cha do mheas E na reubainn a bhi co-ionnan ri Dia. B’ann a shealbh siorruidh, féin-bhith, agus siorruidheachd, agus mòrachd, agus uile-chumhachd, agus uile-làthaireachd Dhé. Bu leis-san uachdaranachd Dhé; bha crùn a chrùinne-chè a cuartachadh a bhathais. Bu leis-san glòir neo-chruthaichte, iomlanachd gun choimeas agus co-chòirde, am féin-thlachd agus beannachd uile fhoghainteach agus neo-criochnach na Diadhachd bu leis iad uile.
Bha glòir aige maille ris an Athair mu’n robh an saoghal ann; a gabhail còmhnuidh na bhroilleach, agus maille ris, na dhealradh a ghlòir-san, agus na fhìor iomhaigh a Phearsa; agus a ghnàth a sealbhachadh tlachd agus deagh-ghean neo-chriochnach an Athar. Bha e mar sin, anns gach seadh, neo-chriochnach agus gu neo-atharraichte saoibhir. Bha e eucomasach, tre’n t-siorruidheachd ri teachd, gu’m bitheadh a shaoibhreas, aon chuid air a mheudachadh, no air a lughdachadh. Bhitheadh a ghlòir a dealrachadh ged nach robh creutair riamh air a chruthachadh gu bhi ga faicinn; agus a bheannachd buan ged a bhitheadh an saoghal uile air fhàgail gu bhi caillte maille ris na h-aingil a thuit. Tha e eucomasach, uime sin, gu’n do dh’éirich rùn gu bhi saoradh bho mhiann gu bhi meudachadh na glòir so, no am beannachd so. Ann an so, da rìreadh, feumaidh sinn an aire a thoirt nach bi sinn a “dorchachadh comhairle le briathran gun eolas”; oir “An urrainn thusa le rannsachadh Dia fhaigheal a mach?” “Aithnichte do Dhia tha oibre féin uile o thoiseach an t-saoghal”—bho shiorruidheachd. Ach tha e do-sheachainte feumail dhùinn fios a bhi againn, agus cuimhneachadh gur e ar Fear-saoraidh an Dia cumhachdach, agus mar sin gu’m bheil E’ neo-eisimeileach air a chreutairean, a seilbheachadh beannachd neo-chriochnach agus bith-bhuan ann Féin. Tha e riatanach dhùinn fhios a bhi againn air so agus a chuimhneachadh, a chum agus gu’n lorgaich sinn saorsa a chum an tobair bho’n dh’éirich i, mar a bhuineas sin dhùinne—gràs saoibhir agus saor a faotainn cleachdadh a thaobh chreutairean truagh agus cionntach. Tha e riatanach dhùinn mar an ceudna beachd-smuainteachadh gu suidhichte, agus beachd-smuainteachadh gus am bi sinn air ar slugadh suas agus a gabhail ioghnaidh a thaobh saoibhreas agus glòir an Fhir-shaoraidh mar a tha E’ gu fìor agus gu siorruidh na Dhia. As eugmhais a bheachd-smuainteachidh so, cha tig sinn gu bràth gu fradharc air, aon chuid, meudachd na saorsa féin, gràs an Tighearn Iosa air fhoillseachadh iùnte, tearuinteachd na bunait a tha air a leagadh ann-san, maise ghlòirmhor fhìreantachd-san, no luachmhorachd fhuil-san mar Mhac Dhé. Ni’s motha bhitheas sinn ann an rathad air bith eile air ar teagasg, ’n ar deiligeadh ris an Aon Bheannaichte so gu aoradh a thoirt Dhà, agus gu bhi air chrith am feadh’s a bhitheas sinn a creidsinn agus ag altrum dòchais. Is e ar Fear-saoraidh cnàimh dhe ar cnàimh agus feoil dhe ar feoil; is Ròs Shàron E’ agus Lili nan Gleann; ach is E’ mar an ceudna dealradh glòir Athar agus fhìor iomhaigh a Phearsa, an làthair am bheil na seraphim agus na cerubim a foluch an aghaidhean le an sgiathaibh, ag ràdh, “Naomh, naomh, naomh tha Tighearna nan sluagh; tha’n talamh uile làn de ghlòir.”
II. A muinntir air son a d’thùinig an Tighearn Iosa gu bhi bochd. Is a creutairean a bh’annta. Na’n robh iad, mar chreutairean, air a bhi tighinn suas ri crìoch àraidh an cruthachaidh, dhìonadh a chumhachd iad agus bheannaicheadh a mhaitheas iad; ach ann an sin cha bhitheadh aobhar air bith air foillseachadh ùr air a chliù. Bha iad truagh. Na’n robh e comasach gu’m bitheadh bith aig truagh ann an cruinne-cè Dhé gun am peacadh a bhi mar aobhar air, blitheadh rùm ann air son foillseachadh saoibhir air truas Dhè. Ach ’s e ceannaircich a bh’annta. Bha iad air an cruthachadh ’n a iomhaigh féin, bha iad air an suidheachadh fodh a riaghladh gràsmhor agus sona, agus rinn iad ceannairc ’n a aghaidh; bu dàna leo oidheirpeachadh a bhi beo as eugmhais Dhé. Bha iad nan naimhdean—nan luchd fuath air Dia, air a bhuadhan, agus air a laghanan. Bha iad nan nàimhdean gun aobhar, agus gidheadh nan naimhdean searbh. Bha an nàimhdeas, mar an ceudna, de leithid de ghnè agus nach toireadh coibhneas air bith, no gràs ann féin, buaidh air—nàimhdeas a bha fàs na bu seirbhe; fìor nàimhdeas neo-mheasgaichte; nàimhdeas nach riarachadh ni air bith ach gu’n sguireadh Dia a bhi na Dhia. Bha iad mi-naomh agus truailte. Bha gach buadh de anamaibh air a thruailleadh agus mar lobhar, leis an ni ghràineil; cha ghabhadh an dearbh-shealladh so a bhi air a ghiutain le fior-ghloine neo-chriochnach. ’S e so ar suidheachadh mar a tha so air a chur an ceill ann am Focal Dhé, agus ’s ann mar sin a tha e air aithneachadh agus air fhaireachadh leo-san uile a tha tuigsinn na’m briathran, “Air dhuinn a bhi ’n ar naimhdean, gu’n d’rinneadh réidh ri Dia sinn tre bhàs a Mhic.” Ann an so, uime sin, bha cothrom gu bhi gabhail gràin, gu teicheadh bhuatha, gu fuath; ach c’àit an robh àite air son gràidh? An dùisgeadh ceannairc e? An dùisgeadh truaillidheachd e? Ann an so bha àite air son foillseachadh ceartais; air son foillseachadh do’n cruinne-cè, mar a rinneadh a thaobh nan ainglean nach do ghleidh an ceud inbhe, nach robh ùghdaras Dhé ri bhi air a chur ann an suarachas. Ann an so bha cothrom air son an dara foillseachadh a b’iongantaich de dhian-chorruich an aghaidh peacaidh. Cha chrathadh an truaigh shiorruidh-san a shonas-san; ni’s mò bhitheadh e na chomharadh buan air a cheartas agus air a mhaitheas. Agus, gidheadh, thòisich gràs agus tròcair a thaobh àireamh de na creutairean truaillidh so air gluasad ann an uchd Mhic Dhé, agus a bhi’g iarruidh cleachdadh. Ann an so tha sinn ga’r call; ga’r call ann an oidheirp gu bhi tomhas an ni nach gabh a bhi air a thomhas, ni’s mò cha’n urrainn sinn a thuigsinn gu’m bitheadh a leithid sin a dh’ fhaireachadh comasach ann an dòigh air bith eile ach so, gur e h-ann Dia.
(R’a leantuin.)