Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1956 » April 1956 » Searmonan: LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC. AN TOISICH, D.D. (Air a leantruinn bhi t.d. 343.) III. Gu’n d’thàinig an Tighearn Iosa gu bhi bochd

Searmonan: LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC. AN TOISICH, D.D. (Air a leantruinn bhi t.d. 343.) III. Gu’n d’thàinig an Tighearn Iosa gu bhi bochd

Am feadh a tha na Sgriobtur an toirt barrantas, agus, da-rìreadh ag agradh oirne a ràdh, nach gabhadh gràs a bhi air a chur an cleachdadh ann an rathad air bith eile, gidheadh ‘s e bh’ann an teachd an Tighearn Iosa, a bhriseadh suas an rathaid mhòir tre’m b’urrainn E teachd a dh’ionnsuidh ar saoghal-ne, ach gniomh saor agus saor-thoileach.

Cha’n eil sìnn ri bhi smuainteachadh air na briathran, ‘rinneadh bochd e,” mar gu’m bitheadh iad a gabhail a stigh gu’n do sguir E bhi ni a bha E., an Dia fior agus siorruidh; oir ann-san, anns an fheoil, bha uile iomlanachd na Diadhachd a gabhail còmhuidh gu corporra.. Ach thàinig E gu bhi ni nach robh E; thàinig E gu bhi calg-dhireach an aghaidh gach ni a bhà E; agus anna a h-uile coltas bho’n leth a muigh, do shùil feoil agus fuil, bha E bochd. Ged a bha E gu neo-chaochlaidheach saoibhir ann an uile ghloirbh na Diadhachd, dh’fhalbhaich se E fein dhiubh uile, a thaobh am foillseachadh bho’n leth a muigh, agus thig E sgàil air an dealradh. B’fheudar dhà, anns an obair iongantach air an do leagadh a chridhe, am fagail ‘n a dheigh. Gu’n teagamh, n’an robh E air a bhi air fhoillseachadh amta, chaitheadh iad as peacaich, agus cha b’urrainn eadhon a shluagh féin an dealradh a ghìùlain. Uime sin, ann am fein-ioraslaachadh neo-chriochnach, chuir E sgàile thairis orra, agus dh’fhoillsicheadh E ann am measg a chreutairean agus a chuid iochdaran, cha’n ann ann an cruth Dhé, ach ann an cruth seirbhiseich; agus ged a bha gathan de Dhiadhachd a briseadh a mach anns na h-oibríbh cunhachdach a bha E deanamh, ged a dhealraich a ghloir a mach air beinn a chruth-arrachaidh, agus ged a chunnaic suil a chredimh a ghloir, gidheadh, bho’n leth a muigh agus do’n t-suil nádurra, cha robh E ach mar dhuine, mar gu’m b’aon dhinn féin E; agus bu toil leis E féin fhoillseachadh mar so. Gu bhi tuigsinn gràs Chriosd anns an ni so, dh’fheumadh-mid fios a bhi againn cia cho neo-chriochnach airidh agus a bha ghloir so, mu’n do chuir E sgàile, air a bhi gabhail tlachd ìnte, agus a bhi toirt urram dlith; aithne a bhi againn air an tlachd neo-chriochnach a ghabh E féin ìnte, agus a mhothachadh air a chòir, a bhuinneadh dhà air tlachd agus air aoradh a chrùinne-chè. Feumaidh sinn, uime sin, aithne a bhi againn air so mar ‘os “ceann gach uile eolas.”

Thainig E gu bhi bochd ann a bhi gabhail ar nàdur-ne. Thainig E gu bhi gu firinneach na chnàimh dhe ar cnàimh, agus na fheoil dhe ar feoil. Agus co is urrainn an gràs so a thuigsinn, na an ioraslaichd so a thomhas. “Is mor,” da-rireadh, “rùn-diomhair na diadhachd: dh’fhoillsieachd Dia anns an fheoil” Ghabh E air e, agus ghabh E ‘g a ionnsuidh ann an aonadh dlùth agus neo-sgaraichte ri a Phearsa Dhiadhaidh; agus ged a ghabh E ‘ga a ionnsuidh e gun pheacadh, cho saor bho gach neo-ghloine agus a bha e ann an Adhamh ‘n uair a chruthaich Dia e, gidheadh ghabh E ‘g a ionnsuidh e an déigh do’n nàdur so tuiteam agus tighinn gu bhi peacach. Dh’fhoillsieachd E “ann an coslas feoladh peacach.” Ann an so, da-rireadh, bha bochdainn agus ioraslaichd. ‘S e th’ann an so ach nì a tha nì’s mothair air son smuint agus beachd-smuinteachadh, na air son eainnte; ach, gu cinn teach, thà cho beag agus a gheibh Criosduidhean ann an ainm, gu bhi gabhail ioghaidh ann, ann am Mac Dhé a bhi gabhail nàdur na daonnachd, ‘n a dhearbhadh air nach do leag iad an smuinteachadh gu suidhichte riamh air, agus nach do thuig iad gu ceart e. “Cha d’ fhoillsich fùil agus feoil sin duit-sa, ach m’ Athair-sa a tha air neamh.” A chreidmhich, thoir urram do’n ghràs a threoirich an Tighearn Iosa gu bih gabhail air, cha’n e nàdur na’n aingeal, ach siol Abrahaim, agus a threoirich E gu tighinn gu bhi na bhràthair dhuit, coltach riut anns na h-uile ni, gidheadh as eugmhais peacaidh. Dh’ioraslaich se E fein eadhon mar dhuine. Rugadh E ann an stábull, agus chuireadh ‘n a luidh ann am phrasaich E, mar gu’m bitheadh E neo-airidh air gu’m bitheadh tigh ann a ghabhaidh E. Shaoraich E mar shaor, mar gu’m bitheadh E cur feum air aran a dheanamh le fallas a ghnùis. Air son na’n trì bliadhna ma dheireadh dhe bheatha anns an t-saoghal so, bha E tric gun dachaidh, gu’n fhios aige e’ait an cuir-eadh E a cheann fodha, agus ann an eisneil a luchd-leannmuinn gu bhi frithdealadh dhà uireasbhuidhean. Agus, gidheadh, b’e Rìgh nan rìghrean, agus Tighearn nan uile.

(R’ a leantrùinn.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice