LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TOISICH, D.D.
(Air a leantuininn Vol. LX., bho t.d. 373.)
A chreidmhich, tarruigibh dlùth agus deanamh aoradh, am feadh agus a tha sibh a cluinninn an fhuaim oibhnich gu’n d’ rugadh dhuibh-se Slànughear, Criosd an Tighearn; agus faicibh, mar an ceudna, mar a chuir ioraslaichd do-labhairt Mhic Dhé urram agus uaisleachd air bochdann, agus mar a chuir E seula na bochdann air greadhnachas agus glóir dhiamhain an t-saoghail so. Am bheil thu bochd? Cuimhnich gu’n robh Criosda bochd. Cha’n e mhain sin, ach dh’ioraslaich se E féin gu bhi air a mheas na chnuimh agus cha’n e duine. Bha E “naomh, neo-lochdach, neo-thruaillidh, air a dhealachadh o pheacaich, Chaidh E mu’n cuairt a foillseachadh naomhachd ‘n a maise fhior-ghlan agus dhiadhaidh, a deanamh maith a ghnàth, agus a cur an céill sláinte; a cur an céill a ghràis do-labhairt fein, agus a cuireadh nan creutairean ciontach agus truagh, iad a thighinn da ionnsuidh. Agus, gidheadh, b’e a chuibhronn, sgainneal, tàir, agus masladh. Bha e air a ràdh mu Uan Naomh Dhé, duine geocach agus fear-labhairt toibheum. Bha oibríbh cumhachdach, a bha foillseachadh a ghtàidh agus a thròcair, air an cur as leth Bhelial, agus bha iad a coinneachadh ri soisgeul a ghràis le bhi’g ràdh, “Tha deamhain aig, agus tha e air mhi-chéil, car son a tha sibh ag eisdeachd ris?” Ghabh E na nithean so; dh’ullaich se E féin air an son. Ghabh E iad bho chealgairean truaillidh, bho shiol nan nathraichean neimh, bho’n fheadhan a thàinig E thearnadh, bho’n fheadhan a dh’fhaodadh E ann am mòmainte a chaitheamh as. Ghabh E ris gu foghaidneach agus gu macanta. Ghabh E ris gus an do bhris E a chridhe. Bu duine dhoilgheasan E, Cha robh neach na chòmhnuidh riamh air an talamh coltach ris, agus, gidheadh, cha robh leithid de mhasladh riamh na chuibhronn aig aon de luchd àiteachaidh na talamhuinn. Cha do dh’fhàiltich neach riamh Mac Dhé, ni mothá labhair iad gu maith uime, gus an do chuir E féin, le gniomh cumhachd cruthachaidh nuadh, nan cridheachabh sin a dheanamh. Is gann a thainig E stigh do’n t-saoghal, mar an duine cloinne a rugadh, ‘n uair a bha’s ag iarruidh a bheatha thoirt air falbh, agus cha mhòr nach ann anns a cheud fhosgladh a rinn E air a bhilean naomh gus an soisgeul a chur an céill, a dh’oidheirpicheadh a chlachadh. Dh’fhuiling E uile e, oir shuidhich E a ghuis mar chloich theine. Bha cur an céill agus a foillseachadh a ghràis ag eirigh agus a fàs ni bu shoilleir ri aghaidh a chàinidh agus an nàimhdeas a bhà e dùsgadh. Bhà E mu dheireadh air a ghlacadh le làmhan aingidh, air a tharruig air beul-thaobh cùirt eucorach, gu h-aingidh air a dhideadh, smugaidean air an tilgeadh air mar gu’m b’ E anabas na’n uile nithean, air a sgiùrsadh, air a chrùnadh le droighean, agus mu dheireadh, anns an dòigh bu chràiticn, a bu mhotha fulungas, agus a bu mhaslaiche, mar nach b’urrainn innleachdan dhaoin agus dhiabhol gu leoir a dheanamh gu bhi toirt fianuis air a ghràin a bh’aca dhà, air a chur gu bàs eader dithis luchd-droch-bheirt. Agus b’e an neach so a bha fulung Mac Dhé, a bha siorruidh agus do-labhairt saoibhir agus glòrmhor; and T’i a b’e Cruthaithear agus Fear-riaghlaiddh neo-chriochnach naomh agus uile-fhoghainteach a chruiinne-cé. ‘S cinnteach gu’r ann an so a bha bochdainn. A chreidmhich, suidh sios aig a chrann-chéusaidh; agus amhairc air-san a rinn thu lot, agus dean bròn air do shon fein mar aon de’n t-sliocht mhortail sin a mharbh Prionnsa na Beatha. ‘S cinnteach gu’m bheil againn an so dearbhadh gu leoir air an truaillidheachd nàduir agus an nàimhdeas diabhlaidh a th’anns a chridhe. Thoir urram, mar an ceudna, do’n ghràs do-labhairt a threoirich E gu bhi giùlain an t-ealach de sgainneal, de nàire, de fhanaid, de mhasladh, de phian gun choimeas, agus nach gabh a bhi air a choimeas. Is e do dhoilgheasan-sa a giùlain E san. Chaidh E air thoiseach ort anns an fhàsach gus an gath a thoirt as do dhoilgheasan; ach O! foghlum a bhi faireachadh bho’n dachaidh, anns an t-saoghal sin anns an deachaidh do Thighearn a chéusadh. Rinneadh bochd E gu h-àraidh anns an t-seadh ged a b’e Tighearn agus Fear-tabhairt an Lagh E, gidheadh thainig E, da shaor thoile, gu bhi air a dheanamh fodh’n Lagh. Chuir se E féin fodh lagh nan deas-ghnàthan—lagh a bha gabhail a stigh anns na iarratasan aige, cho salach ‘s a bha iadsan a bha fodha—chùm gu’m bitheadh E comasach air Eaglais a shaoradh bh’uaithne. Chuir se E féin fodh lagh na modhanan anns na nithean a bha e’g iarruidh agus a toirmeasg mar chùmhnant’ beatha, mar gu’m feumadh E beatha oibreachadh a mach le ùmhlachd phearsanta. Thug E ùmhlachd dhà ann an suidheachadh iosal agus bochd, agus thug E’n ùmhlachd sin ann am meadhon cheannairceach, agus ann am meadhon dhuileaghtasan agus bhuairidhean gun tàmh. Is e cuspair-labhairt naomh a tha’n so; ach cia cho glòrmhor agus a tha ùmhlachd Chriosd a dealradh a mach eadhon an so, ann am meadhon deuchainean nach gabh a bhi air an coimeas—deuchainean a tha eadar-dhealaicht’ ri deuchainean air bith a bha air am fulung, na bhitheas air am fulung, ann an so, gu’n d’fhuing E gu neo-chiontach—agus cha do sguir toil an Athar, air son aon mhòmaint, a bhi air a meas leis le tlachd agus striochdadh neo-chriochnach. Cha b’athne dha peacadh. Bha E mothachail air nach b’athne dha E; agus, gidheadh, bha E air a chomharrachadh a mach mar an aon chuspair a tha seasamh a mach bho’n riaghaitl a th’ann an riaghldh Dhé a tha ceangal fulungais ri peacadh. Agus cia cho glòrmhor agus a tha’n ùmhlachd so a seasamh a mach ann an so mar an ceudna, ann am meadhon a mhi-thaingearachd, an casadh fhiacal, an fhanaid, an nàimhdeas, am fath, agus, mu dheireadh, na h-oidheirpean mortail a rinn peacaich, nach do sguir E bhi cleachdadh dha’n taobh an coibhneas agus an gràdh a b’fhior-ghloine. C’ait am bheil an oirdheirceas am measg chreutairean a b’urrainn tighinn a mach as na deuchainean sin gun a bhi air a thruailleadh? Cò ach Mac Dhé a b’urrainn anns na suidhichidhean sin, ionracas a ghleidheadh?
(R’a leantuin.)