LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TOISICH, D.D.
(Air a leantuinn bho t.d. 123.)
II.—Bha so uile air a dheanamh, “chum gu’m bitheadh-mid air ar deanamh ‘n ar fìreantachd Dhé annsan.”
Air Dha-san a bhi gun aithne air peacadh, rinneadh E ‘n a iobairt-pheacaidh air-son na peacaichean a tha sinn ann; tha sinne, a tha neo-fhìreanta agus mì-dhiadhaidh, air ar deanamh Ann-san ‘n ar fìreantachd Dhé.
Cha’n eil e air a ràdh gu’m bheil maitheanas air a thoirt dhuinn. Tha sin air a ghabhail a-steach ann, ach tha feum air tuilleadh. Cha’n eil ann am maitheanas peacadh, ge mòr am beannachd e, ach saorsa bho bhinn-ditidh lagh Dhé—a bhi air saor a prìosan. Ach cha’n eil sin a’ fosgladh dorus neamh dha. Cha’n urrainn sin a bhi air a dheanamh ach tre fhìreantachd a bhi aige a tha a reir agairtean lagh Dhé.
‘N uair a thig sinn gu bhi gabhail eòlais air ceartas Dhé, toillteanas a pheacaidh, cho peacach ‘s a tha sinn fhèin, chì agus fairichidh sinn gu’m bheil barrachd agus làn-mhaitheanas air-son na peacaidhean a chaidh seachad a dhith a chùm agus gu’n sealbhaich sinn sìth agus slàinte. Fairichidh sinn gu’m feum sinn, ann an dòigh iongantach air chor-eigin, agus sin ann an slighe gràs fìor-ghlan agus fìreantachd ghlòrmhòr, sealbh fhaotainn ann an deadh-ghean Dhé, agus a bhi air ar gleidheadh bho chall deadh-ghean Dhé ‘s an am ri teachd. Cha’n urrainn sinn fhaicinn e mar is urrainn fìor shìth shuidhichte bhi aig neach as eugmhais so. Is e so faireachadh (ged nach ann leis an aon tomhas de shoilleireachd agus de dhoimhne anns ‘n a h-uile neach) neach aig am bheil ann am firinn a pheacaidhean air an dearbhadh air, air a thoirt gu bhi tuigsinn a dhaimh ri Dia agus r’a lagh naomh, mar pheacach, agus a tha air a thoirt gu bhi faicinn gu’m bheil feum aige air a leithid de bhunait dòchais dha anam ciontach agus a sheasaidh dearbhadh an latha mhòir. Far nach eil ach mothachadh air cionta thaobh peacaidhean àraidh a mhàin, gun fìor eòlas air ceartas Dhé, faodaidh sinn a smuaineachadh gu’m maitheanas peacadh gu leòir—maitheanas a tha ri fhaotainn tre’n aithreachas agus an creidimh a dh’oibrich sinn fhèin. Ach ‘n uair a ni’n lagh naomh greim air a pheacach, agus, a dh’fhoillsicheas se e fhèin dha ‘n a ro-fhairsingeachd, ann an sin chì e nach urrainn maitheanas no sìth a bhi ann dhasan mar a bi an lagh so air a thaobh, cha’n e mhàin a sgur a bhi ga dùnadh, ach da-rìreadh air a thaobh.
‘Nis tha glòir obair Chriosd air a foillseachadh ann ‘n a foghainteachd gu bhi coinneachadh ri leithid so de staid, agus a bhi riarachadh na coguis a tha air a dùsgadh agus pheacaich a tha pheacaidhean air an dearbhadh air. Tha E bhi air a dheanamh ‘n a iobairt-pheacaidh air a chur fo ‘r comhair ann am focal Dhé, cha’n ann a mhàin gu bhi cur crìoch air peacadh, na ga chur air falbh, agus a saoradh a shluaigh bho mhallaichdan an lagha, a chùm a bhi gu h-uile agus gu siorraidh a toirt air falbh an cionta, ga’n saoradh bho dhìteadh, agus ga’n deanamh a thaobh sin cho glan agus ged nach peacaicheadh iad riabh—ni’s gile na’n sneachd; ach, tuilleadh, a gabhail beachd air mar an gniomh deireannach, agus a tha crùnadh gach gniomh eile, ann an ùmhlachd do’n Athair, tha E air labhairt air mar “a bhi toirt a-steach fìreantachd shiorraidh,” na a bhi faotainn saorsa shiorraidh dha shluagh. “Tre umhlachd aoin duine a nithear mòran ‘n am fìreanaibh.” Tha mar sin obair Chriosd ri bhi air beachdachadh oirre fo dhà shealladh, ‘s e sin, a bhi riarachadh ceartas Dhé, agus a cosnadh beatha mhaireannach; a riarachadh, gu sònraichte mar a bha i ‘n a h-obair ùmhlachd; ach co-dhiubh bheachdaicheas sinn oirre mar a bhà i ‘na h-obair ùmhlachd na ‘n a h-obair fulungais, tha i neo-chrìochnach ann an luach do bhrìgh glòir a Phearsa. Agus ‘s ann mar so a tha e gu’m bheil i freagairt staid a pheacaich, a tha air feum, cha’n e mhàin, air maitheanas air son a chuid a chaidh seachad, ach air seilbh cinnteach ann an deadh-ghean Dhé, ann an dòigh tha aig an aon am bho ghràs bho fhìreantachd. Ann a bhi beachdachadh air fìrinnean mòra an t-soisgeil, ma tha sinn idir air feum air teagasg an Spioraid naoimh, tha sinn air feum air, air mhodh sònraichte; ‘n uair a tha sinn a labhairt no a smuaineachadh air obair Chriosd. ‘S e ‘n t-aobhar so, cho neo-iomlan agus a tha ar sealladh air glòir a Phearsa. ‘S e ni mòr a th’ann do pheacach a tha air fhèin-dhìteadh a bhi faicinn freagarachd fìreantachd Chriosd dha shuidheachadh, mar fhìreantachd Dhé.
A nis tha’n t-Abstol, an dèidh dha innse dhuinn mu’n fhìreantachd so, a cur an cèill gu’m bheil i “do na h-uile.” Gu h-iomlan air a foillseachadh ann ‘n a ghlòir, tha i air a foillseachadh do ‘n a h-uile gun eadar-dhealachadh air a dheanamh. Tha i saor, mar tha solus na gréine, na gaoth nan spéuran. Agus tha i air a foillseachadh a chùm agus gu’n tigeadh sinn gu bhi ann an seilbh oirre; na mar is fearr a dh’fhaodar a ràdh, tha Iosa Criosd—Iehobhah fìreantachd pheacach—anns an t-soisgeul air a chumail a mach ann an òirdheireas a Phearsa, ann an saoibhreas iochd, ann an iomlanachd obrach, agus ‘n a ùlamhachd gu bhi ‘n a fhìreantachd agus ‘n a Shlànuighear dhuinn.
Ciod a tha air iarruidh oirne, a chùm gu’m bitheadh sinn air ar ‘n atharrachadh bho staid dìtidh chùm staid anns am bitheadh sinn air gabhail rùinn, ach gu’n creideadh sinn ann an ainm Chriosd; gu’n creideadh sinn fìrinn Dhé a thaobh ar staid fhèin, agus a thaobh a Mhic, agus gu’n gabhadh sinn a-steach ughdarras agus a ghràs anns an àithne agus anns a’ ghairm gu bhi creidsinn, gu’n chuireadh sinn cùl ris gach dòchas ri tròcair no ri gabhail rinn ann an dòigh air bith eile, agus gu’n sleuchdadh sinn le ioghnadh agus le cràbhadh do fhìreantachd Dhé. Is e so creidimh: a tha air an aon làimh, an aghaidh oibribh—an aghaidh toillteanas, maitheas, no neart, a tha againne-ne; agus air an làimh eile, ni is e gabhail gu toileach ris na dh’ullaich gràs Dhé tre fhuil a Mhic fhèin. Ciod tuilleadh a ghabhadh a chur ris an t-soisgeul gu bhi ga dheanamh ‘n a “dheadh sgeul?” Ciod a bu fhreagarraiche do ar cor? A nis, ‘n uair a thig aon, tre ghràs, gu bhi creidsinn ann an Criosd, tha e tighinn gu bhi “ann an Criosd.” Tre chreidimh (nì tha ‘na dhearbh nàdar ‘n a ghràs aonaidh) tha’n t-aonadh iongantach sin air a dheanamh suas eadar an t-anam agus an Slànuighear, nì is e dìomhaireachd a tha air a foillseachadh leis an Spiorad Naomh le iomadh samhladh. Cia cho dlùth agus a tha e, agus cia cho siorraidh luachmhor ‘s a tha na beannachdan a tha sruthadh bhuaithe.
Agus ‘s e ‘n t-aonadh so, ‘n a bhi ann an Criosd, am bonn air am bheil Dia dèiligeadh ris an anam a reir airidheachd an Urrais. Mar is e bhi anns a’ bhaile-dìon am bonn air an robh am fear-dòrtadh fala a dhìon agus fhàsgadh air a thoirt dha, chùm agus nach b’urrainn dioghaltair na fala a leantuinn an sin, ach gu’n robh còraichean a bhaile aige; mar sin tha chùis do’n pheacach a tha ann an Criosd. Is e bhi ann an Criosd am bonn air am bheil e air deiligeadh ris a reir na h-airidheachd neo-chrìochnach a tha ann an Criosd.
Is e gnìomh Dhé th’an so—a gnìomh is miorbhuileach ann ‘n a dheiligeadh ri chreutairean, Cha’n e obair anns an taobh a-staigh tha’n so; cha’n e Dia an Spiorad Naomh a th’an so, a deanamh a pheacaich, le gràs athnuadhachaidh, fireanta ann an cridhe ‘s aon an nàdar. Is e Dia an t-Athair, mar am Breitheamh, a meas fireantachd do ‘n a pheacach chreidmheach, fireantachd aon eile, gu bhi seasamh air a shon. Agus air bhi do’n Neach sin eile ‘n a Phearsa Dhiadhaidh, tha’n creidmheach air a “dheanamh ‘n a fhìreantachd Dhé.” ‘S e Iehobhah Iosa fhìreantachd-san. Mar a bha Criosd air a dheanamh ‘n a iobairt-pheacaidh, le peacadh a bhi air a mheas Dha, mar sin tha esan, ann fhèin neo-fhìreanta, air a dheanamh fireanta le fireantachd an Urrais a bhi air a mheas dha. Agus dìrech mar a bha Criosd air Dha bhi air a dheanamh ‘n a iobairt-pheacaidh, air a dheanamh ‘n a mhallachadh, le fulung peanas an lagha mar gu’n do thoill e, mar tha’m peacach creidmheach, ‘n uair a tha e air a dheanamh ‘n a fhìreantachd Dhé, air a shaoradh bho bhinn-ditidh an lagha, agus còir fireanta air a bheatha mhaireannach air a bhuileachadh air, ni a tha gabhail a-steach ann gach ni a tha feumail gus a dheanamh freagarach air son neamh, agus a bhi sealbhachadh Dhé tre’n t-siorraidheachd. Tha maitheanas air a thoirt dha, air a ghabhail a-steach do deadh-ghean Dhé, agus air uchd-mhacachd a-steach do theaghlach Dhé; tha e faotainn an Spioraid Naomh mar Fhear-threòraiche, agus a Chomfhurtachd, agus an easpair a tha ga naomhachadh, agus tha e faotainn còir ann an uile gheallaidhean a choicheangail shiorraidh, agus gach aon dhiubh gu bhi air an coimhlionadh dhà aig an am is fheàrr, agus a reir fheum. Is leis na h-uile nì. Air dha bhi air a dheanamh ‘n a fhìreantachd Dhé, faodaidh e amharc air an lagh naomh anns an aodann, agus, am feadh a tha e cuimhneachadh le nàire a pheacaidhean, faodaidh e gairdeachas a dheanamh ann an dòchas reite iomlan agus fhìreanta. Air a dheanamh ‘n a fhìreantachd Dhé, tha esan, an duine peacach, neo-airidh air a shuilean a thogail suas gu neamh, air a cheadachadh a bhi tighinn dlùth do’n Tì Naomh le urram agus earbsa leinibh, agus “Athair” a ràdh ris. Air a dheanamh ‘n a fhìreantachd Dhé, faodaidh e dòchas a ghlacadh gu’m bi ùrnuighean agus a sheirbhis (a dh’aindeoin a theachdasan gearra agus a thruaillidheachd) air gabhail riuthe le Dia, agus gu’n naomhaich Spiorad Chriosd e gu h-iomlan. Air a dheanamh ‘n a fhìreantachd Dhé, faodaidh e dol a-steach do’n ghleann dorcha gun eagal, agus seasamh air beul-thaobh na rìgh-chathair mhòr, gheal, gun eagal, agus a dol a-steach do neamh gu h-iorasal, ach gidheadh gu muinghineach, gu àite a ghabhail ni’s dlùithe do’n rìgh-chathair na na h-ainglean naomh, agus amharc air adhart ri siorraidheachd de bheannachdan, agus a bhi air a chumail bho chomas tuiteam.
Agus cha’n fheum gniomh so Dhé bhi air ath-dheanamh. Tha e air a dheanamh aon uair agus gu bràth, mar an obair bho’m bheil e fàs, no air am bheil e air a bhonntachadh. Tha peacadh air a chur air falbh, agus tha’n peacach creidmheach cho iomlan ann an staid gabhail ris le Dia agus a bhithicas e ann an neamh. ‘S e fìrinn cinnteach a tha’n so, agus uime sin, air dhuinn a bhi faicinn ciod e bhunait a tha air a leagadh ann air son cleachdadh creidimh agus aoibhneas, cha leig sinn a leas ioghnadh a bhi oirnn ged a bhiodh an t-aoibhneas sin a faotainn cleachdadh. Nis, bu chòr dhuinn sùil a bhi againn ris, ‘n uair a bhiodh e air a thoirt do neach a bhi gabhail a-steach glòir fireantachd Dhé, agus dòigh Dhé ann a bhi gabhail ri peacaich ann ‘n a Mhic ghràdhach.