Free Presbyterian Church of Scotland

Reformed in Doctrine, Worship, and Practice

“Thou hast given a banner to them that fear thee, that it may be displayed because of the truth.” Psalm 60:4

  • Contact Us
  • Español
  • 中文
  • About Us
    • Who We Are
    • What We Contend For
    • What We Believe
    • How We Worship
    • How We Are Organised
    • Important Documents
    • Frequently Asked Questions
  • Resources
    • Articles
    • BKonline Course
    • Scripture and Catechism Exercises 2025-26
  • Publications
    • Free Presbyterian Magazine
    • Young People’s Magazine
    • Gaelic Supplement – An Earrann Ghàidhlig
    • Synod Reports
    • Religion and Morals Committee Reports
    • Tracts
  • Audio
    • Sermons
    • Theological Conferences
    • Youth Conferences
    • Psalmody
  • Congregations
    • Places of Worship
    • Current Ministers
    • Galleries of FP Churches
  • International
    • Zimbabwe Mission
    • Other International Congregations
    • Translation Work
    • Metrical Psalms in Various Languages
    • Chinese website (中文)
    • Spanish (español) website
  • History
    • History of the FP Church
    • Congregational Histories
    • Deceased Ministers and Probationers
    • Obituaries and Synod Tributes
    • Moderators of Synod etc.
    • Timeline of Scottish Church History
  • Spiritual Help
    • How to Find Spiritual Help
    • How may a sinner be saved?
    • How may someone know if they are truly saved?
    • Spiritual Mindedness
  • Bookshop
Home » Publications » Free Presbyterian Magazine » 1956 » November 1956 » Searmonan

Searmonan

LEIS AN URR. TEARLACH C. MAC AN TOISICH, D.D.

(Air a leantuinn bho t.d. 179.)

Chunnaic E gu soilleir eionta Ierusalem—gu’n robh a h-uile breitheanas a bha teachd oirre na’m foillseachadh glormhor air ceartas agus firinn Dhé. Gu’n tengamh chunnaic E a eionta shònraicht’ ann a bhi ga dhiultadh Fein, ann a bhi toirt fuath araoon Dha-san agus Dha Athair. So uile chunnaic E ‘n a fhior ehlid de aingidheachd do-labhairt; gidheadh, ga fhaicinn uile, ghuil E os ceann na eathreach. Chunnaic E eìnteas a crioich. Cha robh neul faicsinneach de bhreitheanas an crochadh os a ceann, cha robh eagal air altrum le a luchd-aiteachaidh mu thimchioll an eunnart a bha dlùthachadh; ach bha Esan fiosrach gu’n robh a binn air dol a mach. Chunnaic E’n claidheamh lasrach air a shìneadh a mach thairis oirre. Chunnaic E uamhas na eriche so—a chathair naomh, far an d’rinn naoimh an t-Seann Tiomnuidh aoradh, agus a bha iad a faicinn a latha-san fad as, agus a deanamh gairdeachas, air a leagadh ris an làr; a luchd-aiteachaidh air am fiosrachadh le iomadh gnè truaighe nàdurra, mar nach do choinnich, ann an tomhas co-ionnan, riamh ann an suidheachadh sluaigh air bith—air an eathheamh agus air an sgrìos le gort, claidheamh, agus plàigh; agus fuigheal sìochd Iacob a reir na feola air an deanamh ‘n an leth-fhoal am measg ‘n an uile chineach agus air am fuadaich roimh cheithir ghaothaibh neamh—gun a bhi air an aiseag air ais, mar aig am eile, an deigh braighdeanas thri fichead bliadhna agus a deich, ach gu bhi air seacharan air son cheudan bliadhna am measg nan eìneach, mar chomharaidhean-euimhme air corruich Iehobhah.

Ach a thuilleadh air so uile, chunnaic E slòigh de dh’ anamaibh neo-bhàsmhor a falbh do’n t-siorruidheachd, le eionta fhola-san orra, a bàsachadh ann an dorchadas, agus air an tilgeadh do dhor-chadas iomallaich. Agus b’ail Leis an cruinneachadh. Dh’ innis a ehrìdhe neo-ehriochnach iochdmhor Dha mar a dh’iarr E’n slàinte. B’aithne Dha gu’n d’thàinig E dhra’n ionnsuidh le sgeul aoibhnis, gu’n d’thaining E gu h-onaracha gus gu dùrachdach ga’n euireadh gu bhi sealbhachadh fois, gu’n deachaidh a thròcair a mach gu liosda ‘n an deigh gan aslachadh gun iad a bhàsachadh, gu’n do chaith E a neart a saorachadh ‘n am measg; agus a nis a faotainn, mar gu’m b’eadh, an tròcair so air a tilgeadh air ais air Fein, a pilltean aid ais dha ueid ionnan agus falamh, do-bhrìgh agus am feadh a b’ail Leis an cruinneachadh, cha b’ail leo. Ghuil E thairis air an sgrìos a bha tighinn orro.

Feumaidh sinn a chuimhneachadh gu e th’ann an so ach talamh ro-naomh agus maoth. Tha e soilleir nach d’eirich tuiridhean ar Tighearn bho chion co-aontacdh ann an toil an Athar a thaobh slàinte cuid agus gun an t-slàinte sin a bhi ruigheachdair ‘n a h-uile; “Anns an am sin fheagair Iosa agus thubhairt e, Tha mi a toirt buidheachais dhuit, O Athair, Thighearna neamh agus na talmh-uinn, air son gu’n d’fholuich thu na nithean so o dhaoinibh eagnuidh agus tuigseach, agus gu’n d’fhoillsich thu iad do leanabaibh;” na bho chion co-aontachadh iomlan ann am bagraidhean an lagh sin a tha ceangal bàs siorruidh ri peacadh; na bho fhaireachadh air bith gu’m bitheadh obair fein gu diamhain, agus nach fhaiceadh E aon de na nithean sin ri bhi air an tuigsinn. Ach tha sinn ga lorgachadh a dh’ionnsuidh truas agus trocair a chridhe, a eur thairis ann am bròn, ann a bhi beachdachadh air an truaigh a dh’ aobhraich am peacadh. Mar a bitheadh gu’m b’E “Uan Dhé” cha b’urrain e bhi air drùghadh air mar so. B’e roinn dhe ioraslaechadh a bhi “air a dhùmeas agus air a chur air chùl le daoinibh.” B’e toradh do-sheachainte fhior-ghloine agus a ghràidh gu’n deanadh an diùltadh so E “n a dhuine dhoilgheasan agus eolach air bròn.” Agus bha e gu h-iomlan co-shùnnte ri iomlanachd mar an Dia-duine gu’n guileadh E thairis air sgrìos pheacach, am feadh agus a bha E faicinn gu soileir gu’n robh iad a toilltean an sgrìis, agus sin, am feadh agus nach robh sealladh air an truaigh anns an tomhas bu lugha a beantuin ri bunaitean a shonaìs-san. Shi sinn eud naomha-san anns na cronachaidhean a rinn E air na sgriobhaichean agus na Pharisich: “A chealgairean, a shiol a nathraichean nimhe, riounas a theid sibh as bho dhamanadh ifrinn?” Dhi sinn a cho-aontachadh ann am peanas na muinntir chaillte, anns ‘n a briathran a tha E’g innseadh dhuinn a labhras E ris na h-aingidh air an latha sin; “Cha b’aithne dhomh riabh sibh: imichibh uam, a luehd deanamh na h-eucorach.” Chi sinn an so brùchdadh a mach a thròcair, an tròcair aig nach eil “tlachd air bith ann am bàs an aingidh,” n’ ghràs. a’chaomhalachd, an gràdh (gràdh fein-iobradh, neo-fheineil) air fhoillseachadh ann an uile obair ioraslaechd agus fhulungais, agus leis an d’fhoillsich E ‘n t-Athair mar “ghràdh”; tròcair agus gràdh nach eil ni’s lugha, ach ni’s iongantaich, do-blrigh gu’m bheil iad ann an co-cheangal ris an fhior-ghloine leis am fuathach peacadh. Agus ris an fhìreantachd nach urrain peacadh a chaohnadh. Tha againn eridhe Chrìosd air fhosgladh dhuinn, eridhe a tha làn de dheadh-ghean do pheacaich, le caomhalachd agus truas; seadh, agus aig am bheil, mar an t-aigeadh is doimhne, ann an co-cheangal ri glòir Athar, tart air son an saoradh; làn gràis, gras fior-ghlan, gidheadh gràs naomh nach urrain a bhi’g iarruidh cleachdaidh air chosg fireantachd na a bhi eur falach air a chionntach. Agus ged a bha gach deur air an siabadh bho shuilean, ged a bha blròin uile thairis ‘n uair at hubhairt E “Tha e criochnaichte,” agus a tha E nis gu neo-chriochnach air ardaechadh os ceann gach uile blròn, gidheadh tha a chridhe an ni ceudna—cho gràsmhor, agus cho làn truas agus a bha a ann an làithibh fheoladh.

(R’a leantuin.)

Upcoming Events (DV)

Jul 23
23 Jul - 27 Jul

Communions: Cameron, Struan

Jul 30
30 Jul - 3 Aug

Communion: Dingwall

Aug 6
6 Aug - 10 Aug

Communions: New Canaan, Somakantana

Aug 27
27 Aug - 31 Aug

Communion: Stornoway, Zenka

Sep 10
10 Sep - 14 Sep

Communions: Halkirk, Munaka, Portree

View Calendar

Latest Articles

  • Youth Conference in Australia
  • June 2026 Magazines online
  • Valuing the Gospel Ministry
  • UK Youth Conference 2026
  • Asia Pacific Youth Conference Lectures

Recently Added Audio

  • Jesus and His resurrection 21 Jun 2026
  • Jesus and His death 21 Jun 2026
  • “Many believed” 14 Jun 2026
  • Christ as a surety for strangers 14 Jun 2026
  • A vain cry in a time of trouble 7 Jun 2026
  • Redemption through the precious blood of Christ 7 Jun 2026
  • Waiting for the Lord 13 Jun 2026
  • Coming to yourself 12 Jun 2026
  • Throwing away an inheritance 11 Jun 2026
  • He will come to the feast 10 Jun 2026

View All Sermons

Download Latest Issues:
The Free Presbyterian Magazine
Young People’s Magazine

Free Presbyterian Places of Worship

Browse the Church Bookshop

Back to top

Website Contact

Rev Caleb J Hembd
caleb.hembd@gmail.com

Moderator of Synod

Rev K D Macleod BSc
11 Auldcastle Road
Inverness, IV2 3PZ
United Kingdom
E-mail: kdmacleod@gmail.com

Clerk of Synod

Rev Keith M Watkins
Free Presbyterian Manse, Ferry Road, Leverburgh, Isle of Harris, HS5 3UA, UK.
kmwatkins@fpchurch.org.uk

General Treasurer

Mr William Campbell
133 Woodlands Road, Glasgow,
G3 6LE, UK.
william.campbell@fpcoffice.org

Copyright © 2026 Free Presbyterian Church of Scotland · Log in · Subscribe via RSS · Privacy Notice